Faigh Ar Cuairt-Litir
Airson an fhiosrachaidh agus nan naidheachdan as ùire
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up for Trad, Àireamh Carthannas na h-Alba 035 190.
Bu mhath leinn cuid de na h-iomairtean a tha mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig a chur nar cuimhne.
Diluain gu Dihaoine
Seiseanan Sgoile (chan eil sgoiltean ro anmoch clàradh!)
Diciadain
Latha nan Lèintean-T Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig (#LNLTGàidhlig)
Diardaoin
Là Abairt na Gàidhlig – cothrom do Ghàidhlig a cleachdadh, a leasachadh agus a sgaoileadh a measg do charaidean! Dèan cinnteach gun clàr thu d’ abairt agus cleachd #LàAbairtNaGàidhlig!
Fad na seachdaineach
Farpais Lèine-t Cothrom do chlann-sgoile lèine-t oifigeil airson Seachdain na Gàidhlig 2026 a dhealbhadh.
Dè Tha Dol? Thoiribh sùil air na tachartasan a bhios a’ gabhail àite air feadh na h-Alba (agus air feadh an t-saoghail) agus faic dè tha tachairt faisg ort fhèin!
Tha sinn taingeil airson do thaic agus an dòchas gun còrd e riut gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2025 😊
//
We’d like to remind you of some of the projects taking place during Seachdain na Gàidhlig.
Monday to Friday
Schools sessions (there’s still time for schools to register to take part!)
Wednesday
Sabhal Mòr Ostaig’s Gaelic T-shirt Day (#LNLTGàidhlig)
Thursday
Say A Gaelic Phrase Day – a great chance to practice your Gaelic or teach your friends a phrase or two! Be sure to film your phrase and use the tags #LàAbairtNaGàidhlig or #SayAGaelicPhraseDay!
All week
T-shirt competition An opportunity for school children to design the official Seachdain na Gàidhlig t-shirt.
What’s On Have a look at the 150+ events taking place throughout the week and see what’s on near you!
The Seachdain na Gàidhlig team is grateful for your support and hope you enjoy being part of Seachdain na Gàidhlig 2025 😊
Tha breug-sgeul a’ dol cuairt fhathast gu bheil Gàidhlig a’ faighinn bàs ann an Alba. Ach chan eil sin fìor idir idir. Ged a dh’èirich iomadh dùbhlan dhan Ghàidhlig thairis air na linntean, ’s e sgeul ath-leumachd, ath-bheòthachaidh agus beòthalachd a th’ ann an-diugh.
Eadar ùrlaran digiteach is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tachartasan mòra agus iomairtean cultarail mar Sheachdain na Gàidhlig, tha fianais shoilleir ann: Chan eil a’ Ghàidhlig dìreach a’ mairsinn beò – tha i a’ soirbheachadh.
Cuireamaid às do ghrunn dhe na sgeulan-brèige mun Ghàidhlig!
Am measg clachan-stèidh mòra teachd-shaoghal na Gàidhlig tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) agus tha sin air a bhith a’ sìor fhàs air feadh na h-Alba on bhliadhna 1985. Eadar sgoiltean-àraich is àrd-sgoiltean, tha FTMG a’ toirt a’ mhòrchuid dhen fhoghlam aca do chlann tro mheadhan na Gàidhlig airson ’s gum fàs iad fileanta agus airson ’s gum bi ceangal domhain aca ri cultar is dualchas na h-Alba.
Tha àireamh nan sgoilearan ann an sgoiltean mar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ sìor fhàs, a’ sealltainn gu bheil fèill mhòr aig teaghlaichean air foghlam dà-chànanach.. Tha rannsachadh ag innse dhuinn gun tig buannachdan cognatach, sòisealta agus sgoilearach an lùib dà-chànanachais – agus sin as adhbhar gu bheil pàrantan cho dèidheil air FTMG, an dà chuid teaghlaichean le Gàidhlig is feadhainn a tha air ùr-thighinn dhan chànan.
Tha FTMG ro-chudromach taobh a-muigh nan sgoiltean cuideachd ann a bhith a’ toirt aghaidh air fionn-sgeul a’ chrìonaidh. Nì e cinnteach gum bi Gàidhlig aig an ath-ghinealach mar chànan beò a tha a’ sìor atharrachadh.
Tha cuid a dhaoine a’ cumail a-mach nach robh a’ Ghàidhlig a-riamh beò gu h-eachdraidheil ach ann an sgìrean iomallach na Gàidhealtachd is nan eileanan. Tha an sgeul brèige seo a’ leigeil seachad eachdraidh luchd-labhairt na Gàidhlig a bha a’ fuireach agus ag obair gu soirbheachail air feadh na h-Alba, eadar bailtean tranga na Galldachd is cathraichean gnìomhachais Meadhan na h-Alba.
Can Glaschu. Ged nach e baile Gàidhealach a th’ ann an sùilean luchd an aineolais, bha sluagh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an seo aig àm. Thàinig mòran Ghàidheal a Ghlaschu rè nam Fuadaichean no an tòir obrach rè an tionndaidh ghnìomhachais agus thug iad leotha an cànan is an cultar. Tha ainmean-àite a’ bhaile a’ toirt fianais air an dìleab seo, mar eisimpleir Baile Nighean Sheadna (Shettleston sa Bheurla) agus Crois MoLiubha (Crossmyloof). Chan e dìreach litrichean air mapa a th’ annta – ’s e ceangal a th’ annta eadar sinne agus saoghal is sgeulachdan nan Gàidheal a bha a’ fuireach an seo o shean. Chan eil e na iongnadh gun canar Baile Mòr nan Gàidheal ris an àite!
Chan e cànan nan àitichean iomallach a th’ anns a’ Ghàidhlig, b’ i dlùth is inneach ann an clò chànanan na h-Alba aig àm. Ma thuigeas sinn na h-ainmean-àite seo, tuigidh sinn tìr is dualchas na h-Alba nas fheàrr. Tha iad a’ cur nar cuimhne nach e cànan Gallda a th’ innte sa mhòrchuid dhen dùthaich ach cànan aig a bheil freumhan domhain ann an eachdraidh, cruinn-eòlas is dearbh-aithne na dùthcha.
’S e teicneolas aon dhe na h-innealan as cudromaiche ann an aiseirigh na Gàidhlig nar linn, a’ toirt cothrom air a’ chànan do luchd-èisteachd ùr air feadh an t-saoghail. Le aplacaidean ionnsachaidh mar Duolingo, tha cothrom ionnsachaidh air a’ chànan aig duine sam bith a-nis aig a bheil fòn tapaidh. On a chuir iad air bhog cùrsa na Gàidhlig aig deireadh 2019, chlàraich barrachd air dà mhillean neach-ionnsachaidh aca, mòran dhiubh thall thairis is iad airson eòlas nas fheàrr a thoirt air dualchas an sinnsirean tron chànan.
Mar an ceudna, tha iomairt Speak Gaelic, fo stiùir MG ALBA, a’ toirt cruinn goireasan eadar-ghnìomhach air loidhne, leasanan video agus pod-chraolaidhean airson ’s gum bi ionnsachadh a’ chànain nas tarraingiche agus nas ion-ghabhalaiche. Tha na goireasan an-asgaidh aca, na goireasan eadar-ghnìomhach air loidhne, leasanan video agus pod-chraolaidhean, a’ cumail taic an dà chuid ri luchd-tòiseachaidh is luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach. Tha na h-ùrlaran seo a’ toirt comas do dhaoine aig aois sam bith am bogadh sa chànan, co-dhiù airson ceangal ris an dualchas aca fhèin as ùr no airson tòiseachadh no ath-thòiseachadh le ionnsachadh na Gàidhlig aig astar a tha freagarrach dhaibh fhèin. Tha na h-ùrlaran seo nam fianais gu bheil Gàidhlig ann am beatha làitheil nam milleanan de dhaoine agus gu bheil i a’ fàs is a’ soirbheachadh san linn dhigiteach, a’ tàladh thuice luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg tradaiseanta.
Chunnaic sinn sa chunntas-sluaigh Albannach mu dheireadh gu bheil “comas Gàidhlig air choireigin” aig 2.5% dhen t-sluagh – sin fàs 21% air neo 130,000 neach. Agus thuirt 46,400 gun tuig iad Gàidhlig agus is ciall dha sin gun tuig 1 à 40 ann an Alba Gàidhlig co-dhiù gu ìre a-nis. Tha e a cheart cho dòchasach gun do dh’innis e dhuinn gu bheil còrr is 25,000 neach aig an robh co-dhiù ìre de Ghàidhlig fo aois 30 agus gur ann am measg coimhearsnachdan nam bailtean a bha am fàs as motha, a’ sealltainn dè cho neartmhor ’s a bhios fàs na Gàidhlig air feadh na h-Alba san àm ri teachd.
Chan eil na h-àireamhan leotha fhèin a’ toirt làn-dealbh dhuinn air neart na Gàidhlig – ach na coimhearsnachdan is còmhraidhean iad fhèin. Tha coimhearsnachdan ionadail agus air loidhne a’ cumail Gàidhlig beò fallain air feadh na h-Alba is an t-saoghail.
Cluinnear Gàidhlig ann an taighean-seinnse is cafaidhean, ann an sgoiltean, san àite-obrach is aig tachartasan. Tha an cànan a’ sìor fhàs sa phop-chultar agus cluinnear i air an rèidio ’s air an tbh is fiù ann am filmichean blockbuster. Air ùrlaran nam meadhanan sòisealta mar TikTok, tha luchd-brìgh is cruthadairean susbaint na Gàidhlig a’ cruinneachadh nam milleanan de views is luchd-leantainn eadar ceithir rannan ruadha an t-saoghail a tha airson a dhol an sàs a’ chànain is a h-ionnsachadh. Am measg na feadhainn as fheàrr leinne tha Calum MacGilleEathain, Coinneach MacBhaoighill agus Niamh NicFhionghain – dìreach airson iomradh a thoirt air ainm no dhà.
Agus leis mar a tha an fhèill air a’ chànan a’ sìor fhàs ann an saoghal a’ chiùil thradaiseanta, tha sin a’ cur a’ chànan bheò air beulaibh nam mìltean mòra cuideachd. Tha sluaghan mòra a’ faighinn cothrom air a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir tron cheòl aig Mànran san ionad as motha ann an Glaschu, an OVO Hydro agus Niteworks aig an O2 Academy.
Chì thu Gàidhlig, ge be càit an toirt thu sùil, buntainneach is togarrach agus le àite ro-luachmhor ann an teachd-shaoghal na h-Alba.
’S e adhbhar pròise agus co-mhuinntireis a tha sa Ghàidhlig dha na milleanan de dhaoine agus tha àite ro-luachmhor aice ann an dearbh-aithne na h-Alba.
Tha iomairtean a th’ air a bhith againn o chionn goirid a’ sealltainn dè cho mòr ’s a tha an fhèill air a’ chànan a’ fàs agus dè cho mòr ’s a bhuineas i dhar dùthaich an-diugh. Tha Là Abairt na Gàidhlig a’ toirt cruinn daoine o fheadh an t-saoghail, a’ dùsgadh còmhraidhean eadar Canada agus an t-Seapan, a’ dearbhadh nach eil a’ Ghàidhlig dìreach na clach-bhuaidh chultarach ach cuideachd na drochaid a’ cheanglas coimhearsnachdan ri chèile air feadh an t-saoghail.
Thuirt am Mòd Nàiseanta Rìoghail o chionn goirid gun do choisinn an t-Òban £3.6 millean an cois mòd 2024 agus gun do bhrosnaich e slàinte-inntinn nan daoine a bha an làthair gu mòr is e gam brosnachadh gu eadar-ghabhail sòisealta is càirdeas ùr. Tha na rudan seo uile a’ sealltainn dè cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig mar mhaoin eaconamach agus chultarach.
Chan eil fionn-sgeul a’ chrìonaidh a’ mì-riochdachadh beòthalachd na Gàidhlig ach cuideachd a’ dèanamh dearmad air na h-euchdan mòra a tha a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh. Tha fàs nan coimhearsnachdan, na mìltean mòra de luchd-ionnsachaidh ùr is na ceudan de luchd-tagraidh dìorrasach a’ fàgail na Gàidhlig na chànan beò, beòthail is soirbheachail.
Chan eil e gu diofar an robh i agad on ghlùin no a bheil thu nad neach-tòiseachaidh no dìreach cuideigin aig a bheil ùidh ann an cultar Albannach, cha robh àm nas fheàrr ann a-riamh roimhe airson a dhol an sàs na Gàidhlig.
Ionnsaich abairt, rach an sàs tachartais no cuir air chois gnìomhachd rè Seachdain na Gàidhlig is cuir ri sgeul ath-leumachd a’ chànain is cuir às dha na sgeulan brèige seo còmhla rinn.
Suas leis a’ Ghàidhlig! Tha an cànan beò!
‘S e Diardaoin 27 Gearran 2025 an ceathramh Là Abairt na Gàidhlig. Tha seo na iomairt airson daoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig fheuchainn, no am beagan a th’ aca a chleachdadh! Airson pàirt a ghabhail, chan eil agad ach ri abairt Gàidhlig bhon duilleag seo a thaghadh (no fear a thaghas tu fhèin), ionnsaich mar a chanas tu e (le bhith ag èisteachd ris a’ Ghàidhlig), dèan bhidio agus cuir air na meadhanan sòisealta e le na tagraichean-hais #LàAbairtNaGàidhlig agus #SayAGaelicPhraseDay. Cho furasta ri sin!
Nach iarr sibh air ur caraidean a bhith an sàs sa chùis cuideachd? Ma tha misneachd gu leòr agaibh, faodaidh sibh abairt no dhà a chur còmhla a’ cleachdadh ‘agus’. Ma tha facail a bharrachd a dhìth oirbh, bheir sùil air faclair Learn Gaelic. Ma tha sibh airson tuilleadh ionnsachadh mu bhith bruidhinn na Gàidhlig, theirig gu SpeakGaelic, learngaelic.scot neo Duolingo.
Cumaibh ar sùil air na ‘socials’ againn an là sin!
//
Thursday 27th February 2025 is the fourth Say A Gaelic Phrase Day. This is an initiative to encourage people to try speaking Gaelic, or to use whatever Gaelic they have! To take part, all you need to do is pick a Gaelic phrase from this page (or make up your own one), learn how to say it (by listening to the audio file), make a video and post it on social media using the hashtags #LàAbairtNaGàidhlig and #SayAGaelicPhraseDay. Simple as that!
Why not encourage your friends to take part – the more, the merrier! If you are feeling confident, you can combine multiple phrases using ‘agus’ (the Gaelic for ‘and’). If you are looking for more words, check out the Learn Gaelic Dictionary. If you want to find out more about speaking Gaelic, why not check out, SpeakGaelic, learngaelic.scot or Duolingo.
Keep an eye on our socials on Say a Gaelic Phrase Day!
Tha cothrom fhathast ann airson sgoiltean clàradh gus pàirt a ghabhail ann am Prògram nan Sgoiltean.
Ma tha sibh nar tidsearan, luchd-obrach sgoile, pàrantan, buill de theaghlach neo ceangailte ri foghlam chloinne ann an dòigh sam bith, nach brosnaich sibh clasaichean anns na sgoiltean agaibh fhèin, no sgoiltean faisg oirbh, gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig 2025? ‘S e cothrom air leth a tha gus Gàidhlig a thoirt gu chlann-sgoile ann an dòigh spòrsail agus inntinneach, le bùthan-obrach freagarrach airson gach ìre den bhun-sgoil – fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh bùth-obrach airson gach ìre ann gach là o Dhiluain gu Diardaoin, le Co-thional Nàiseanta na Gàidhlig Dihaoine.
Chithear clàr-ama na seachdain agus goireasan airson sgoiltean aig a’ cheangal gu h-ìosal:
//
There is still time for schools to take part in Seachdain na Gàidhlig’s schools programme.
If you are a teacher, a school worker, parent, grandparent or are connected to children’s education in any way, won’t you encourage your school, or schools in your community, to take part in Seachdain na Gàidhlig 2025? This is a fantastic opportunity for school children to engasge with Gaelic language and culture in a fun, engaging way, with workshops tailored to each level of primary school, for those in Gaelic Medium Education and Gaelic Learner (or English Medium) Education. We will have a workshop for each level daily from Monday to Thursday, with the National Gaelic Assembly on Friday.
You will find a timetable for the week and associated school resources by following the link below:
Cuimhnichibh gu bheil sinn a’ ruith farpais chloinne gus lèine-t oifigeil airson Seachdain na Gàidhlig 2026 a dhealbhadh! Feuch am brosnaich sibh ar cuid chloinne, clasaichean sgoil is eile gus pàirt a ghabhail. Feumar dealbhan a chuir thugainn ro Là na Sàbaid 2na den Mhàrt. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus teamplaid lèine-t air an làrach-lìn.
Seo agaibh na lèintean-t a bhuannaich ann an 2023 agus 2024. Siuthadaibh – feuch air!
//
Dont forget our children’s competition to design the official Seachdain na Gàidhlig 2026 t-shirt! Please encourage your children, local school classes etc to take part. Entries have to reach us by Sunday 2 March, and you can find more information, along with a template for the design entry, on our website.
Above are the winners from 2023 and 2024. Have a go!
Ma tha tachartas sam bith agaibh co-cheangailte ri Seachdain na Gàidhlig (24 Gearran gu 2 Màrt), nach cuir sibh air a’ mhìosachan e? Mar sin, chì daoine fad is farsaing dè a tha a’ gabhail àite agus bheir e bhur tachartas gu aire an t-sluaigh beagan a bharrachd! Tha e furasta gu leòr a dhèanamh; dìreach cliog an seo: mìosachan Seachdain na Gàidhlig.
//
If you are planning an event conencted to Seachdain na Gàidhlig (24 February to 2 March), why not add it to our calendar? Share your event with the whole world and join the Seachdain na Gàidhlig community, whilst also increasing the visibility of the event. It’s easy to do; just click here: Seachdain an Gàidhlig events calendar.
Eadar Barraigh is Buenos Aires: Chan eil fèill eadar-nàiseanta na Gàidhlig fad air falbh a-nis
Tha dealbhan is maoinean eile ri am faighinn an seo
Thèid a’ Ghàidhlig a chomharradh air feadh an t-saoghail ann am beagan làithean is Seachdain na Gàidhlig a’ tilleadh eadar an 24mh latha dhen Ghearran is an 2na latha dhen Mhàrt 2025.
Tha sinn a’ toirt brosnachadh dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail, eadar daoine aig an robh i fad am beatha agus luchd-ionnsachaidh dìorrasach agus feadhainn aig a bheil ùidh sa chànan agus ann an cultar na h-Alba.
Thèid tachartasan a chumail stèidhichte air cuspair na bliadhna – Ceanglaichean gun Chrìch – air feadh an t-saoghail eadar Barraigh is Buenos Aires.
Thuirt còrr is 170,000 neach sa chunntas-sluaigh Albannach mu dheireadh gu bheil Gàidhlig gu ìre aca no gun tuig iad no gum bruidhinn iad an cànan, tha àireamh an luchd-labhairt sna bailtean a’ fàs agus chlàraich barrachd air dà mhillean neach airson a’ chùrsa Gàidhlig air Duolingo – tha an fhèill air a’ chànan a’ sìor fhàs agus tha i a’ nochdadh ann am barrachd is barrachd àitichean.
Tha clàr-ama loma-làn le ceòl, seiseanan sgeulachdan, bùthan-obrach is deasbadan gu bhith ann fad seachdain a cheanglas coimhearsnachdan ri chèile, a dhùisgeas còmhradh agus a bheir brosnachadh dhan ath-ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Le còrr is 100 gnìomhachd air feadh an t-saoghail, tha sinn an dùil gun cuir tachartasan na bliadhna spionnadh mòr ann an neart is beòthalachd na Gàidhlig mar chànan beò.
Gabhaidh na ceudan de chlann-sgoile pàirt ann am bùthan-obrach air loidhne agus aghaidh ri aghaidh agus bheir Là Abairt na Gàidhlig cothrom do dhaoine air feadh an t-saoghail beagan Gàidhlig a chleachdadh sna meadhanan sòisealta Diardaoin 27mh dhen Ghearran.
Fhuair 60 buidheann air feadh na h-Alba agus thall thairis maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga, le taic Bhòrd na Gàidhlig, airson tachartasan is gnìomhachdan a chur air chois agus a thuilleadh air sin, tha na ceudan de dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean am beachd rudan a chur air chois iad fhèin rè na seachdaine.
Eadar oidhche do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Taigh-òsta na Pàirce (Glaschu) agus bùth-obrach seinn Ghàidhlig le Deirdre Ghreumach sa Chomraich, agus seisean furachais Gàidhlig air loidhne agus cèilidh a chomharraicheas Gàidhlig ann am Muile, bidh rudeigin ann do dhuine sam bith rè na seachdaine.
Cuiridh Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air chois Latha Lèintean-t na Gàidhlig 26mh dhen Ghearran, fhad ’s a bhios Ionad Sgeulachdan na h-Alba ri bùth-obrach òrain is sgeulachdan na Gàidhlig. Ann an Dùn Èideann, cuiridh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fàilte air còmhlan-ciùil Gàidhlig sianair Amadan airson oidhche ciùil is òran, seisean sgrìobhaidh chruthachail a bheir sùil air Guthan cuèir na Gàidhlig agus dealbh-chluich le sgoilearan P7 o Bhun-sgoil Taobh na Pàirce a dh’innseas sgeul Fuadaichean nan Gàidheal.
Ann an Aimeireaga a Deas, tha Argantain na Gàidhlig a’ cur air chois Buenos Aires Gaèlica – tachartas a chomharraicheas 200 bliadhna on a ràinig luchd-tuineachaidh Gàidhlig Buenos Aires, a’ togail aire do sgaoileadh eadar-nàiseanta a’ chànain.
Agus tillidh co-fharpais Inneal Mìmean na Gàidhlig air Facebook, iomairt as annsa le mòran.
Am measg thachartasan eile air an tug sinn iomradh roimhe ’s a fhuair maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig tha nasgadh eadar an t-seinneadair Ghàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain agus Refuweegee agus tha Cùm Alba Bòidheach a’ cur air chois sreath de thachartasan co-cheangailte ri ainmean-àite Gàidhlig.
Faodaidh daoine, sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile le comas sam bith de Ghàidhlig clàradh fhathast airson gnìomhachd a chur air chois nan coimhearsnachd fhèin a bhrosnaicheas an cànan is a thogas ceanglaichean. Faodaidh tu tachartas a chur ri làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig an seo: seachdainnagaidhlig.scot/events/community/add.
Thuirt Joy Dunlop, Ceannard Seachdain na Gàidhlig: “Tha a’ Ghàidhlig na chànan togarrach a bhuineas dhuinn uile agus aig a bheil àite ro-luachmhor ann an Alba an-diugh. Tha Seachdain na Gàidhlig airson cleachdadh a’ chànain a leudachadh agus sealltainn dè cho beartach ’s a tha i agus dè cho cudromach ’s a tha i dhuinn uile nar beatha làitheil. Thar gach rud eile, ’s e rud a cheanglas daoine ri chèile a th’ ann an cànan agus am-bliadhna, tha sinn a’ toirt cuireadh dhan a h-uile duine eadar ceithir rannan ruadha an t-saoghail ceangal a dhèanamh ris an dachaigh aca, ri càch a chèile agus ri rudeigin ùr is iad a’ gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig air an dòigh as fheàrr a fhreagras orra fhèin. Chan eil e fad air falbh a-nis agus tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gum bi e nas soirbheachaile na bha e a-riamh roimhe am bliadhna-sa.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Gach bliadhna tha Seachdain na Gàidhlig na fianais air cho beòthail is ùr-ghnathach sa tha cultar na Gàidhlig. Am broinn beagan bhliadhnaichean tha i air fàs gu bhith na prìomh phàirt de bhliadhna chultarail a’ chànain – a’ sealltainn dhuinn am miann a tha ann don Ghàidhlig air feadh Alba agus na cruinne.
“Aig bonn cuspair na bliadhna seo – Ceanglaichean gun Chrìch – tha an fhìrinn gur e cànan rud a tha gach cuid a’ dèanamh dàimh eadarainn is a’ leudachadh ar saoghail. Tha an liuthad thachartasan ann an clàr-ama na Seachdain buileach a’ cur seo am follais.
“Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith an sàs ann an Seachdain na Gàidhlig is ga faicinn a bhith a’ cumail oirre a’ fàs.”
’S e am buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba, Hands Up for Trad, a stèidhich Seachdain na Gàidhlig le taic o Bhòrd na Gàidhlig an cois soirbheas iomairtean mion-chànan eile d’ a leithid mar Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh
Tha an tachartas fad seachdain seo a’ toirt cothrom do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig an cànan a chomharradh an seo agus thall thairis, a’ brosnachadh ìomhaigh is aire dhan chànan nar dùthaich.
Bidh Seachdain na Gàidhlig 2025 ann eadar 24mh dhen Ghearran is 2na dhen Mhàrt 2025. Airson liosta shlàn nan tachartasan a bhios againn rè na seachdain no airson fear a chur ris thu fhèin agus fiosrachadh mar a ghabhas tu pàirt ann, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot.
Ma tha tachartas sam bith agaibh co-cheangailte ri Seachdain na Gàidhlig (24 Gearran gu 2 Màrt), nach cuir sibh air a’ mhìosachan e? Mar sin, chì daoine fad is farsaing dè a tha a’ gabhail àite agus bheir e bhur tachartas gu aire an t-sluaigh beagan a bharrachd! Tha e furasta gu leòr a dhèanamh; dìreach cliog an seo: mìosachan Seachdain na Gàidhlig.
//
If you are planning an event conencted to Seachdain na Gàidhlig (24 February to 2 March), why not add it to our calendar? Share your event with the whole world and join the Seachdain na Gàidhlig community, whilst also increasing the visibility of the event. It’s easy to do; just click here: Seachdain an Gàidhlig events calendar.
‘S e Diardaoin 27 Gearran 2025 an ceathramh Là Abairt na Gàidhlig. Tha seo na iomairt airson daoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig fheuchainn, no am beagan a th’ aca a chleachdadh! Airson pàirt a ghabhail, chan eil agad ach ri abairt Gàidhlig bhon duilleag seo a thaghadh (no fear a thaghas tu fhèin), ionnsaich mar a chanas tu e (le bhith ag èisteachd ris a’ Ghàidhlig), dèan bhidio agus cuir air na meadhanan sòisealta e le na tagraichean-hais #LàAbairtNaGàidhlig agus #SayAGaelicPhraseDay. Cho furasta ri sin!
Nach iarr sibh air ur caraidean a bhith an sàs sa chùis cuideachd? Ma tha misneachd gu leòr agaibh, faodaidh sibh abairt no dhà a chur còmhla a’ cleachdadh ‘agus’. Ma tha facail a bharrachd a dhìth oirbh, bheir sùil air faclair Learn Gaelic. Ma tha sibh airson tuilleadh ionnsachadh mu bhith bruidhinn na Gàidhlig, theirig gu SpeakGaelic, learngaelic.scot neo Duolingo.
Cumaibh ar sùil air na ‘socials’ againn an là sin!
//
Thursday 27th February 2025 is the fourth Say A Gaelic Phrase Day. This is an initiative to encourage people to try speaking Gaelic, or to use whatever Gaelic they have! To take part, all you need to do is pick a Gaelic phrase from this page (or make up your own one), learn how to say it (by listening to the audio file), make a video and post it on social media using the hashtags #LàAbairtNaGàidhlig and #SayAGaelicPhraseDay. Simple as that!
Why not encourage your friends to take part – the more, the merrier! If you are feeling confident, you can combine multiple phrases using ‘agus’ (the Gaelic for ‘and’). If you are looking for more words, check out the Learn Gaelic Dictionary. If you want to find out more about speaking Gaelic, why not check out, SpeakGaelic, learngaelic.scot or Duolingo.
Keep an eye on our socials on Say a Gaelic Phrase Day!