Poileasaidh Prìobhaideachd

Cò sinne?

Seo an làrach-lìn againn: https://seachdainnagaidhlig.scot.

Beachdan

Nuair a dh’fhàgas aoighean beachd air an làrach, cruinnichidh sinn an dàta a chithear ann am foirm a’ bheachd agus seòladh IP an aoigh agus sreang àidseant-cleachdaiche a’ bhrabhsair aca ach an urrainn dhuinn spama aithneachadh.

Thèid sreang gun urra a chruthachadh dhen t-seòladh phuist-d agad cuideachd (rud ris an canar “hash”) agus dh’fhaoidte gun sìn sinn seo air adhart gu seirbheis Gravatar airson fiosrachadh a bheil cunntas agad aca. Chì thu poileasaidh prìobhaideachd aig seirbheis Gravatar an seo: https://automattic.com/privacy/. Ma thèid am beachd a sgrìobh thu aontachadh, chithear dealbh na pròifile agad gu poblach ri taobh a’ bheachd agad.

Meadhanan

Ma luchdaicheas tu suas dealbhan dhan làrach-lìn, feuch is seachain dealbhan aig a bheil dàta leabaichte mun ionad (EXIF GPS). ’S urrainn do dhaoine a thadhlas air an làrach-lìn dealbhan a luchdadh a-nuas on làrach-lìn agus dàta mar sin mun ionad a tharraing às.

Briosgaidean

Ma dh’fhàgas tu beachd air an làrach againn, ’s urrainn dhut d’ ainm, seòladh puist-d agus làrach-lìn a shàbhaladh ann am briosgaid ann. Chuir sinn ann iad mar ghleus goireasachd, airson ’s nach bi agad ri d’ ainm is fiosrachadh eile a lìonadh a-steach a-rithist ma dh’fhàgas tu beachd eile. Mairidh na briosgaidean seo bliadhna.

Ma thadhlas tu air an duilleag far an urrainn dhut clàradh a-steach, suidhichidh sinn briosgaid shealach, feuch an gabh am brabhsair agad ri briosgaidean. Chan eil dàta pearsanta sa bhriosgaid seo agus thèid a thilgeil air falbh nuair a dhùineas tu am brabhsair agad.

Nuair a chlàraicheas tu a-steach, suidhichidh sinn grunn bhriosgaidean eile a shàbhaileas am fiosrachadh leis an do chlàraich thu a-steach agus a chuimhnicheas roghainnean taisbeanadh na sgrìn agad. Mairidh briosgaidean a’ chlàraidh a-steach dà latha agus briosgaidean roghainnean na sgrìn fad bliadhna. Ma thaghas tu “Cuimhnich orm”, mairidh an clàradh a-steach a rinn thu cola-deug. Ma chlàraicheas tu a-mach às a’ chunntas agad, thèid briosgaidean a’ chlàraidh a-mach a thoirt air falbh.

Ma dheasaicheas no ma dh’fhoillsicheas tu alt, thèid briosgaid a bharrachd a shàbhaladh sa bhrabhsair agad. Chan eil dàta pearsanta sa bhriosgaid seo agus cha dèan e ach an ID puist aig an artaigeal a dheasaich thu a chomharradh. Falbhaidh an ùine air an dèidh latha.

Susbaint leabaichte o làraichean-lìn eile

Dh’fhaoidte gum bi susbaint leabaichte aig artaigealan air an làrach seo (mar eisimpleir videothan, dealbhan, artaigealan is mar sin air adhart). Bidh susbaint leabaichte o làraichean-lìn eile ag obair dìreach mar a dh’obraicheadh nan tadhladh an t-aoigh air an làrach-lìn eile.

Dh’fhaoidte gun cruinnich na làraichean-lìn seo dàta mu do dheidhinn, gun cleachd iad briosgaidean, gun leabaich iad tracadh a bharrachd le treas-phàrtaidhean agus gun cùm iad sùil air an eadar-ghabhail eadar thu fhèin is an t-susbaint leabaichte ud, a’ gabhail a-staigh tracadh na h-eadar-ghabhalach eadar thu fhèin is an t-susbaint leabaichte ma tha cunntas agad aca is ma rinn thu clàradh a-steach air an làrach-lìn ud.

Cò cho-roinneas sinn an dàta agad leotha?

Ma dh’iarras tu ath-shuidheachadh an fhacail-fhaire agad, bidh an seòladh IP agad am broinn a’ phuist-d airson ath-shuidheachadh.

Dè cho fada ’s a chumas sinn an dàta agad

Ma dh’fhàgas tu beachd, cha bhi crìoch air an ùine a chumas sinn am beachd agus am meata-dàta aige. Chan eil crìoch air airson ’s gun aithnich sinn beachdan a leanas air gu fèin-obrachail agus gun urrainn dhuinn an aontachadh gun an cumail ann an ciutha modarataireachd.

Ma chlàraicheas neach-cleachdaidh air an làrach-lìn againn, cumaidh sinn am fiosrachadh pearsanta a bheir iad seachad sa phròifil aca cuideachd. ’S urrainn do chleachdaichean am fiosrachadh pearsanta aca fhaicinn, a dheasachadh is a sguabadh às uair sam bith (ged nach urrainn dhaibh an t-ainm-cleachdaiche aca atharrachadh). Chì rianairean na làraich-lìn am fiosrachadh ud cuideachd agus is urrainn dhaibh a dheasachadh.

Na còraichean a th’ agad air an dàta agad

Ma tha cunntas agad air an làrach seo no ma dh’fhàg thu beachdan air, is urrainn dhut iarraidh oirnn an dàta pearsanta a th’ againn mu do dheidhinn às-phortadh mar fhaidhle dhut, a’ gabhail a-staigh dàta sam bith a thug thu dhuinn. ’S urrainn dhut cuideachd iarraidh oirnn dàta pearsanta a th’ againn mu do dheidhinn a shuathadh bàn. Chan eil seo a’ gabhail a-staigh dàta sam bith a dh’fheumas sinn cumail airson adhbharan rianachd, laghail no tèarainteachd.

Càit an cuir sinn an dàta agad?

Dh’fhaoidte gun tèid beachdan nan aoighean a chur tro sheirbheis fhèin-obrachail a nì sgrùdadh airson spama.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here