Airson Gàidhlig ionnsachadh?

Dh’fhaodadh na goireasan seo ur cuideachadh…

  • SpeakGaelic

    ’S e siostam air leth airson Gàidhlig ionnsachadh a th’ ann an SpeakGaelic, air BBC ALBA & iPlayer, BBC Sounds, ann an clasaichean, air-loidhne agus nuair dh’fheumas tu e!

    Ma tha thu den bheachd gum biodh e na b’ fheàrr dhut a bhith a’ frithealadh chlasaichean san sgìre agad fhèin, bheir sùil air na tha ri fhaighinn.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • Learn Gaelic

    ‘S e Goireas an-asgaidh air-loidhne airson Gàidhlig ionnsachadh a th’ ann an Learn Gaelic. Gheibh thu air sùil a thoirt air na sreathan Beag air Bheag agus Speaking Our Language, far am faigh thu air bhidiothan a choimhead is èisteachd ri criomagan fuaim gus do chuid ghràmair a thoirt air adhart aig diofar ìrean. Faigh lorg air clasaichean san sgìre agad fhèin cuideachd.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • BBC ALBA

    BBC ALBA – sianal TV didseatach a tha ri fhaotainn san Rìoghachd Aonaichte, a’ craoladh phrògraman Gàidhlig gach latha. Air a’ chlàr bidh naidheachdan, spòrs Albannach, ceòl, prògraman fìrinneach, prògraman chloinne agus prògraman dhibhearsain.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • BBC Radio nan Gàidheal

    BBC Radio nan Gàidheal – stèisean rèidio ga ruith leis a’ BhBC, a’ craoladh sa Ghàidhlig air feadh na h-Alba. Air a’ chlàr bidh diofar phrògraman leithid ceòl, naidheachdan, còmhradh is eile.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • Sabhal Mòr Ostaig

    Sabhal Mòr Ostaig – Colaiste Ghàidhlig na h-Alba ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Bidh iad a’ tabhann chùrsaichean pàirt-ùine is làn-ùine airson piseach a thoirt air do chuid Ghàidhlig, an dà chuid air an làrach agus air astar.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • Là Abairt na Gàidhlig

    #LàAbairtNaGàidhlig – Bidh an tachartas bliadhnail seo a’ toirt cuireadh do dhaoine air feadh an t-saoghail na h-abairtean Gàidhlig as fheàrr leotha a chur air na meadhanan sòisealta. Chruinnich Hands Up For Trad grunn dhiubh seo le criomagan fuaim gus daoine a chuideachadh pàirt a ghabhail.

    Tadhail air an Larach-lìn

  • #cleachdi

    Tha Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean air iomairt #cleachdi a leasachadh air feadh na dùthcha gus am bi luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig nas faicsinnich dha chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an àiteachan poblach. Cuir a dh’iarraidh lainneardan, postairean, steigearan agus bràistean dhut fhèin no dha do bhuidheann air an làrach-lìn aca.

    Tadhail air an Làrach-lìn

  • Cuir Fios Thugainn

    Mura h-eil thu cinnteach càite an tòisich thu, cuir fios thugainn! Tha an sgioba againn deiseil is deònach do chuideachadh leis an dòigh ionnsachaidh as freagarraich dhut fhèin agus cuiridh sinn fios air buidhnean Gàidhlig san sgìre agad fhèin. Cuir post-d thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot agus bhiodh sinn ro thoilichte do chuideachadh!