Farpais Lèine-T

Dealbhaich an Lèine-T Oifigeil aig Seachdain na Gàidhlig 2024!

Ciamar a chòrdadh e riut rud a dhealbhaich thu fhèin fhaicinn air lèine-T?

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig tha sinn a’ toirt cothrom dhuibh an dearbh rud a dhèanamh, agus an lèine-T oifigeil a dhealbhadh airson Seachdain na Gàidhlig 2024! Dè thig a-steach ort nuair smaoinicheas tu air a’ Ghàidhlig? Ge bith dè th’ ann – ceòl, cèilidh, caraidean, ball-coise no rud sam bith eile – tha sinn airson fhaicinn ann an clò.

Cleachd an teamplaid gu h-ìseal gus dealbh a dhèanamh. Iarr air inbheach do chuideachadh le dealbh a thogail dhe no scan a dhèanamh dhe, agus cuir thugainn e aig admin@seachdainnagaidhlig.scot leis a’ chuspair ‘Lèine-T Seachdain na Gàidhlig 2024.’

Thèid an dealbh as fheàrr a chur air lèine-T a thèid a reic airson Seachdain na Gàidhlig 2024. Gheibh thusa fear dhut fhèin agus gheibh thu cuideachd poca làn de stuthan Sheachdain na Gàidhlig!

Riaghailtean:

  • Feumaidh gach dealbh a bhith againn ro Dhidòmhnaich 26 Gearran 2023.
  • Feumaidh gach dealbh a bhith sa Ghàidhlig – ma tha faclan Beurla ann feumaidh iad a bhith ann sa Ghàidhlig cuideachd.
  • Na cuir thugainn càil sa phost – cha ghabh sinn ach tro phost-dealain iad agus chan fhaigh sinn air càil a thig sa phost a thilleadh thugaibh.
  • Nuair bhios sibh a’ togail dhealbh den rud a chruthaicheas sibh, feuch gum bi e soilleir gu leòr no thèid càileachd a dhìth.
  • Leigidh sinn fios dhan neach a bhuannaicheas taobh a-staigh 21 latha den cheann-latha dùnaidh, agus thèid na duaisean a-mach nuair bhios iad againn.
  • Bu choir dhan a h-uile neach a chuireas dealbh a-steach a bhith fo aois 18 agus feumaidh cead a bhith agaibh bho phàrant no neach-cùraim. Cha bhi ach aon bhuannaiche ann.
  • Bidh na duaisean a-rèir na bhios ri fhaotainn. Mura bi na duaisean ainmichte againn, cuiridh sinn duais freagarrach eile air dòigh. Cha bhi airgead na lùib.
  • Tha cead aig Seachdain na Gàidhlig am farpais a chur dheth aig uair sam bith ma thogas cùis ceann air nach eil cothrom againn.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here