Mu Ar Deidhinn
Ionnsaich barrachd mun iomairt, mu chuspair againn airson 2026 agus mun sgioba aig an stiùir
Tha Seachdain na Gàidhlig air a bhith na seachdain oifigeil gus cànan is cultar a chomharrachadh air feadh na h-Alba airson 5 bliadna
Air a stèidheachadh ann an 2022, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus stiùireadh bhon bhuidhinn chultarail is chiùil thraidiseanta Albannaich Hands Up For Trad, tha Seachdain na Gàidhlig ga brosnachadh le gluasadan mion-chànanan eile a leithid Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.
B’ i a’ chiad sheachdain oifigeil gus cànan is cultar a chomharrachadh air feadh na h-Alba ann an Alba,a’ toirt àrd-ùrlar do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-tagraidh na Gàidhlig gus urram a thoirt don chànan agus a bhrosnachadh gu h-ionadail agus gu cruinneil, a’ brosnachadh barrachd mothachaidh agus aithne nàiseanta.
Chaidh mu 170 tachartas a chumail ann an Alba agus air feadh an t-saoghail ann an 2025, a’ cruthachadh chom-pàirteachadh agus làthaireachd de 40,000, agus ghabh barrachd air 16,700 pàirt ann am prògram nan sgoiltean 16,700 – àrdachadh 32% air 2024. Chomharraich daoine Seachdain na Gàidhlig ann an Argentina, Astràilia, Canada, Fionnlainn, a’ Ghearmailt, Sasainn, Sealan Nuadh, Èirinn a Tuath agus sna Stàitean Aonaichte.
Cò as urrainn pàirt a ghabhail innte
Faodaidh duine sam bith pàirt a ghabhail innte no tachartas a chur air chois iad fhèin – tha an iomairt seo a’ toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig is dhan fheadhainn aig nach eil i pàirt a ghabhail air dòigh a fhreagras orra fhèin. Ged is ann an Alba no thall thairis a tha thu – cuir fios thugainn ma bhuail tachartas ort – no cuir thugainn an tachartas agad sa mhìosachan air loidhne againn.
Faodaidh tu rud sam bith a chur air chois – taisbeantas, ceòl, seinn, dannsa, sgrìneadh fhilmichean, leughadh leabhraichean, oidhcheannan bàrdachd, cèilidhean, taisbeanaidhean, bùthan-obrach, coiseachd le cuspair, tachartas spòrs, co-fharpaisean cheist, deasbadan, tachartasan digiteach is mar sin sìos – àite sam bith ann an Alba no thall thairis.
Thèid ar Leabhar-Latha beò sna t-Samhainn 2025, a’ leigeil leat do thachartas fhèin a chur ann. Seo an t-àm as fheàrr gus tòiseachadh air smaoineachadh air mar as urrainn dhut a bhith nad phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2026.
Cuspair na Bliadhna – Cleachd i no caill i
‘S e Cleachd i no caill i cuspaire na bliadhna-sa. ‘S e sluagh-ghairm a th’ ann do choimhearsnachdan a thoirt cruinn còmhla, gus còmhradh brìoghmhor a chur gu dol agus linn ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba agus thall thairis.
Cleachd i, no caill i (klɛxg i nɔ kaiLʲ i) Hear it spoken here.
The 2026 theme Use It or Lose It (Cleachd i, no caill i) carries particular poignancy, highlighting the critical importance of actively engaging with Gaelic to ensure its preservation and growth.
Na nì sinn
Ag obair leis na com-pàirtichean againn, cruthachaidh sinn:
- Àrd-ùrlar do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus pàirt a ghabhail innte agus na tachartasan aca fhèin a ruith, le taic tro shianalan meadhanan sòisealta agus làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig.
- Prògram de thachartasan a fhuair taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beaga. Tha a’ mhaoin seo a’ toirt taic suas ri £500 do dhaoine fa leth, buidhnean coimhearsnachd, agus sgoiltean, agus ann an 2025, thugadh taic do chòrr is 50 tachartas (a-mach à prògram de chòrr is 170 tachartas), thar 17 sgìrean comhairle na h-Alba, agus thall-thairis.
- Seiseanan-sgoile air-loidhne agus goireasan a’ gabhail a-steach Planaichean Sgoile airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich.
- Farpais gus lèine-t a dhealbhadh, le còrr agus 500 farpaiseach a’ feuchainn oirre.
- Co-òrdanachadh airson Là Abairt na Gàidhlig, a bhrosnaicheas na mìltean air-loidhne gach bliadhna agus a thilleas Diardaoin 26mh den Ghearran 2026.
An sgioba againn
Tha Seachdain na Gàidhlig air a ruith le sgioba bheag, dìcheallach, air a stiùireadh leis a’ phreasantair, craoladair agus oideachaiche Gàidhlig Joy Dunlop, fo sgàil-thaiceil Hands Up For Trad.
Coinnich ris an Sgioba
Joy Dunlop
Stiùiriche
‘S e neach-craolaidh mòr-chòrdte air telebhisean is rèidio a th’ ann an Joy Dunlop; ag aithris na sìde air BBC Scotland & BBC Alba, a bharrachd air a bhith a’ lìbhrigeadh SpeakGaelic, an goireas as ioma-chùiseach ann an ginealach gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha Joy misneachail, fiosrachail agus càirdeil, agus mar sin bidh i nochdadh tric air telebhisean is rèidio, a’ lìbhrigeadh farpais Neach-ciùil Òg na Bliadhna air BBC Radio Scotland agus agus a’ nochdadh air panailean phrògraman ciùil, prògraman aithriseach is eile.
Tha i fileanta sa Ghàidhlig le BA le Urram ann an cànan agus cultar, agus tha iomadach duais aice mar sheinneadair Gàidhlig, nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn agus Bonn Òr Tìm an Òbain. Tha i air grunn chlàran-ciùil cliùiteach fhoillseachadh cuideachd. Tha i air a bhith a’ seinn air feadh an t-saoghail; bho fhèisean Cheilteach, gu cuairt san Rìoghachd Aonaichte, an Roinn Eòrpa, Canada, na Stàitean Aonaichte, Iapan agus Sealainn Nuadh. Bidh i cuideachd a’ stiùireadh Còisir Alba, a ghabh pàirt ann am farpais Chòisir na Bliadhna aig Eurovision 2019 san t-Suain.
Suzi NicÌomhair
Riochdaire Rianachd
Tha ceum le urram aig Suzi NicÌomhair ann an Litreachas Beurla agus Eòlas Tèatar agus tha i air obair mhòr a dhèanamh ann an leasachadh chultarail agus mar riochdaire cruthachail do ghrunn bhuidhnean thar raointean ealain, an treas roinn agus ùghdarrasan ionadail. Cheana, riochdaich Suzi am prògram iomallach don Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig ann an 2023, a dhùisg ùidh sa chànan agus ann an leasachadh cultarach innte.
Tha Suzi air a bhith ag obair airson Comhairle Siorrachd Rinn Friù mar Riochdaire Thachartasan Cruthachail o chionn 2017, a’ leasachadh agus ag ullachadh prògram thachartasan na sgìre, nam measg Fèis Shamhna Phàislig, Là Sma’ Shot, fèisean Spree agus tachartasan Nollaige. Chuir iad cuideachd taic ri tachartasan mòr do luchd-tadhail leithid ciad-sealladh san Rìoghachd Aonaichte den fhiolm About Us mar phàirt de Unboxed 2022, agus an iomairt a bh’ aig Pàislig airson Baile Chultar an Rìoghachd Aonaichte 2021. Tha Suzi air a bhith os cionn leasachaidh ealain is cultair airson Comhairle Fògarraich na h-Alba agus tha i air a bhith na riochdaire do bhuidhnean ealain leithid Ankur Arts Productions, The Arches agus am MAC ann am Beul Feirste.
Grant MacPhàrlain
Manaidsear, Maoin nan Tabhartas Beag
‘S ann à Pàislig a tha Grant MacPhàrlain, neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhios a’ cluich a’ bhogsa agus ag obair anns na h-ealain. Chaidh e gu Acadamh-chiùil Rìoghail na h-Alba agus bidh e a’ cluich agus a’ teagasg air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha e air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan agus ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail leithid Astràilia, na h-Innseachan agus Barbados. Ann an 2015, chuir Grant Fèis Phàislig air bhonn, a tha a-nis uabhasach soirbheachail ann a bhith a’ tabhann chothroman ann an ceòl traidiseanta agus Gàidhlig fad na bliadhna do dhaoine òg ann an Siorrachd Rinn Friù. Tha Grant air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad 3 bliadhna a-nis agus tha ùidh mhòr aige ann a bhith a’ cruthachadh chothroman conaltraidh do dhaoine aig gach ìre fileantais.
Aimee Toshney
Togail airgid
Tha Aimee na soprano, ceannard còisire, tidsear, agus neach-togail airgid à Alba agus chan eil dad a’ còrdadh rithe nas fheàrr na taic a chumail ri daoine eile. Chaidh i gu Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Rìoghail a’ Chiùil ann am Manchester agus ghabh i pàirt san sgeama ‘Opera Works’ aig Opara Nàiseanta Shasainn. Bha iomadh dreuchd aig Aimee ann an taisbeantas, foghlam is ealain coimhearsnachd, ’s i ag obair còmhla ri buidhnean mar Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba, Conservatoire Rìoghail na h-Alba, agus Sistema Alba. Sheinn i òrain thraidiseanta ann an Albais air feadh an t-saoghail, nam measg Àrd Choimisean Bhreatainn ann an Canberra agus Talla Baile Auckland. Tha i na manaidsear pròiseict is neach-togail airgid comasach cuideachd, a’ faotainn maoin nach beag do dh’iomairtean ealain is foghlaim. Choisinn i cliù airson na rinn i airson pròiseactan cùraim seargaidh-inntinn, agus Duais Gaisgeach Coimhearsnachd an Evening Times. Tha liut mhath aice air cànain cuideachd is tha i an-dràsta a’ leasachadh a sgilean Gàidhlig. Tha Aimee air a dòigh a bhith na pàirt de sgioba Sheachdain na Gàidhlig mar eòlaiche togail airgid.