Faigh Ar Cuairt-Litir
Airson an fhiosrachaidh agus nan naidheachdan as ùire
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up for Trad, Àireamh Carthannas na h-Alba 035 190.
Airson taic a thoirt do luchd-teagaisg agus do dhaoine òga pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig, tha sinn air ultach de ghoireasan a tharraing còmhla ann an com-pàirteachas le foillsichean foghlaim, Twinkl Alba. Am measg nan cleasan is ghoireasan tha planairean airson luchd-teagaisg, susbaint agus cleasan airson clann sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil aig ire fileantais is ionnsachaidh – a’ dèanamh cinnteach gum faigh clann agus luchd-teagaisg a bhith an sàs ged a bhiodh iad fhein fileanta no a’ tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh.

Hosted by broadcaster, singer & presenter Joy Dunlop, these free, daily, online, sessions feature games, activities, songs, stories and quizzes and are inspired by this year’s theme.
Mholamaid do sgoiltean pàirt a ghabhail ann an uiread a sheiseanan làitheil as urrainn dhaibh tron t-seachdain ach cha leigear a leas pàirt a ghabhail anns gach seisean airson seachdain thlachdmhor. Cuiridh sinn ri làimh goireasan stèidhichte air cuspairean as urrainnear cleachdadh ann an clasaichean aig aois sam bith.
Faodar gabhail pàirt fiù mur eil Gàidhlig sam bith aig daoine – cumaidh sinne seiseanan airson clasaichean aig ìre sam bith de Ghàidhlig – eadar fìor luchd-tòiseachaidh agus feadhainn a tha fileanta.
Seo cothrom sònraichte ’s togarrach do chlann air feadh na h-Alba a thighinn còmhla agus a chomharradh na Gàidhlig mar phàirt chudromach de bheatha chultarach na h-Alba air dòigh spòrsail thlachdmhor!
Bheir na bùthan-obrach gu ìre na sgilean èisteachd is cànain aig a’ chlann agus cuiridh iad earbsa litreachais am meud agus brosnaichidh sinn iad gu bhith a’ smaoineachadh mun dearbh-aithne is choimhearsnachd aca, a’ neartachadh nan ceanglaichean aca ris an cuid cho-aoisean agus ris a’ choimhearsnachd air fad agus a’ toirt gu ìre mar a thuigeas iad an dearbh-aithne chultarach aca fhèin.
All participating pupils will receive a Seachdain na Gàidhlig | World Gaelic Week 2027 certificate available to download and print from Twinkl.
Tha goireasan againn do dhaoine fa leth, sgoiltean is buidhnean a tha airson tachartasan a chumail sna coimhearsnachdan aca fhèin. Cuiribh fios thugainn a dheasbad na tha fa-near dhuibh no airson barrachd fiosrachaidh, tadhlaibh air: https://seachdainnagaidhlig.scot/get-involved/ Ma ghabhas daoine òga pàirt gu saor-thoileach ann an lìbhrigeadh tachartais san sgoil no coimhearsnachd aca mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2025, na dìochuimhnichibh gun cuir, math dh’fhaodte, ri Duais Ealain, Duais Crann na h-Alba no fiù a Duais Albannach Òg na Bliadhna no sgeamannan eile.
Ghabh còrr is 16,700 neach o 173 sgoil fa leth air feadh 25 sgìre ùghdarrais ionadail pàirt ann am prògram bùthan-obrach Seachdain na Gàidhlig air loidhne do sgoiltean ann an 2025.
Tha seiseanan 2025 ri fhaighinn san t-seanail YouTube againn: https://www.youtube.com/@sngaidhlig
Prògram a tha a’ tabhann thrèanadh, taic agus goireasan gus na sgilean cànain agus dòighean teagaisg a thoirt do luchd-teagaisg airson Gàidhlig a lìbhrigeadh mar L no L3 bhon chiad chun dàrna ire sa bhun-sgoil.
Làrach-lìn le Stòrlann, do pharantan agus chloinn a tha an sàs ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an làrach-lìn seo a’ sgoltadh le geamannan, sgeulachdan, criomagan fuaim agus tòrr a bharrachd, gus am bi spòrs agad ’s tu ag ionnsachadh Gàidhlig, ge bith dè an aois a tha thu no dè an ìre aig a bheil thu!
Òrain, ceòl-taic, faclan agus tòrr a bharrachd gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus duine sam bith a tha airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha an goireas seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha a’ tòiseachadh, agus air Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.