Deasbad Nàiseanta Loganair nan Àrd-sgoiltean Ghàidhlig

Air 8 Samhain choinnich 20 sgioba bho Àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba gus farpais airson Deasbad Nàiseanta Loganair nan Àrd-sgoiltean Ghàidhlig. Chaidh a’ chiad dà latha de dheasbad a chumail an Steòrnabhagh agus aig a’ cheann-thall b’ iad Àrd-sgoil MhicNeacail A, Àrd-sgoil Phortrìgh, Sgoil an Tairbeirt A agus Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a chaidh troimhe chun iar-chuairt dheireannach ann an Dùn Èideann air 29 Samhain. Sa chuairt dheireannach an ath oidhche bha Àrd-sgoil Phortrìgh agus Sgoil an Tairbeirt A, agus b’ iad Portrìgh a rinn an gnothach, ged a chaidh Jessica NicAoidh à Sgoil an Tairbeirt A dhachaigh leis an duais airson na h-òraidiche a b’ fheàrr.

Bha Joy Dunlop na britheamh airson a’ chiad uair, an cois Agnes Rennie agus Aonghas MacIllInnein, agus thuirt i gun robh e na thlacht dhi a bhith am measg chloinn cho èasgaidh. Thuirt i gun robh a h-uile sgioba rim moladh airson an cuid ullachaidh agus dealais.

Mealaibh ur naidheachd, Àrd-sgoil Phortrìgh!

30 November 2022. Pic-Andrew Cowan/Scottish Parliament

30 November 2022. Pic-Andrew Cowan/Scottish Parliament

30 November 2022. Pic-Andrew Cowan/Scottish Parliament

Fèill na Nollaig le Cultarlann Inbhir Nis

Bodach na Nollaig aig An Lòchran

12.30f no 1.45f, Disathairne 17 Dùbhlachd

Ionad An Lòchran, 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Partaig, Glaschu, G11 5QP

Bidh iad a’ sireadh tabhartas airgid air an latha airson an tachartais seo. Chan eil suim sònraichte ann ach dìreach nas urrain dhuibh a phàigheadh.

Airson àite a ghlèidheadh, cuir post-dealain gu info@anlochran.com no carina@anlochran.com agus innis dhaibh dè an uair a tha sibh airson a bhith ann, 12.30f neo 1.45f, ainmean na cloinne, an aoisean. A bharrachd, bhiodh e feumail fios a bhith aca air cia mheud duine a bhios anns a’ bhuidheann agaibh (inbhich agus clann).

Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig

Choinnich Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig, far a bheil Alasdair Allan BPA na chathraiche agus Bòrd na Gàidhlig nam buidheann rùnachais, air Diciadain 30 Samhain 2022. Tha am buidheann ann airson taic a thoirt do Bhuill Pàrlamaid na h-Alba le bhith a’ tuigsinn na tha a’ dol air adhart a thaobh chùisean Gàidhlig agus mar a gheibh iad air cuideachadh. Bha Joy Dunlop, ar stiùiriche, an làthair a’ riochdachadh Sheachdain na Gàidhlig agus fhuair i cothrom an iomairt againn a thoirt gu luchd-èisteachd glè fharsaing, a’ dèanamh cinnteach gum bi fios aig a h-uile duine mu dheidhinn.

Maoin nan Tabhartas Beag Dùinte

Bu chaomh leinn ceud mile taing a thoirt dhan a h-uile duine agus buidheann a chuir iarrtas thugainn airson taic-airgid. Tha sinn air sùil a thoirt air na pròiseactan agus air na tachartasan sgoinneil a tha fainear dhuibh tro Sheachdain na Gàidhlig agus abair gu bheil fadachd oirnn a-nis! Bidh panail a’ coinneachadh gus co-dhùnadh a ruighinn còmhla air gach tabhartas agus cuiridh sinn fios chun a h-uile duine a chuir iarrtas thugainn ro Dhiluain 19 Dùbhlachd. Tha sinn fada, fada an comain Bhòrd na Gàidhlig a thug taic dhuinn leis a’ mhaoin.

Còisir Ghàidhlig Dhùn-Dè a’ Sireadh Bhuill!

A bheil sibh a’ fuireach ann an Dùn-Dè no faisg air làimh? A bheil ùidh agaibh ann a bhith a’ seinn ann an còisir? Tha Còisir Ghàidhlig Dhùn-dè gur n-iarraidh, gu h-àraidh mas e basses a th’ annaibh! ’S e àm glè mhath a th’ ann tòiseachadh còmhla riutha. Ma tha ùidh agaibh, nach cuir sibh fios gu Audrey Roshier air peapodaud@talktalk.net.

Seiseanan-fiosrachaidh

Bha dà sheisean-fiosrachaidh againn mu Sheachdain na Gàidhlig air 3 agus 22 Samhain air Zoom agus abair gun d’ fhuair sinn ultach de dhaoine a bha airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun seachdain. Bha fiù duine no dhithis againn a thàinig a-steach à Nova Scotia! Bha còmhradh glè mhath ann mu amasan na seachdain agus beachdan air mar a gheibheadh daoine air pàirt a ghabhail.

Mura d’ fhuair sibh cothrom a dhol chun na seiseanan fiosrachaidh, nach cuir sibh fios thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot agus bhiodh Grant no Shona gu math toilichte coinneamh fa-leth a chur air dòigh dhuibh air Zoom no air an fhòn.

Duaisean na Gàidhlig 2023

Tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gum bi Duaisean na Gàidhlig gan cumail tro Sheachdain na Gàidhlig air Dimàirt 21 Gearran 2023 ann an Taigh-òsta Marriott Ghlaschu! Bidh na Duaisean gan ruith le Bòrd na Gàidhlig agus an Daily Record, agus ag aithneachadh na h-oidhirpean a bhios daoine agus buidhnean a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a thogail agus a leasachadh air feadh na dùthcha agus thall thairis. ’S e seo an deicheamh bliadhna de na duaisean agus tha iad a-nis a’ sireadh mholaidhean airson buannaichean ann an iomadach diofar roinn. Bheireabh sùil air an làrach-lìn https://scottishgaelicawards.co.uk/2023/en/page/home agus cuiribh a-steach na molaidhean agaibh ro 8 Faoilleach 2023. ’S e oidhche air leth a bhios ann!

Cumaibh na Cinn-latha!

Tha Seachdain na Gàidhlig, a bhios ga chumail air 20-26 Gearran 2023, ag amas air gàirdeachas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig air feadh an t-saoghail. Bu chaomh leinn sgoiltean, coimhearsnachdan, daoine fa-leth, agus buidhnean fhaicinn a’ gabhail pàirt san t-seachdain, ge bith a bheil sibh fileanta, ag ionnsachadh no nach eil agaibh ach facal no dhà! Bidh rudeigin ann airson daoine aig gach ìre. We would love to see schools, communities, individuals and groups taking part in the week whether you are fluent, learning or only have one or two words!

Nach tòisich sibh ri smaoineachadh air ciamar a b’ urrainn dhuibh a bhith an sàs ann? ’S dòcha gum bi cèilidh agaibh, no madainn le cofaidh is cèic. Dh’fhaodadh gun gealladh sibh Gàidhlig a chleachdadh fad na seachdain air na meadhanan-sòisealta agaibh, no gun ionnsaich sibh faclan Gàidhlig dhur peataichean! Innis dhuinn na h-abairtean as fheàrr leibh, no faighnich do chuideigin eile mar a chanas iad rudeigin. Tha iomadach dòigh anns am b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh!

Ma tha beachd agaibh airson tachartas no ma tha sibh a’ sireadh beagan thaic, nach cuir sibh fios thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot. Bhiodh sinn ro thoilichte cluinntinn bhuaibh!

Maoin nan Tabhartas Beaga – Ceann-latha a dh’aithghearr

Chan eil agaibh ach beagan làithean gus iarrtas a chur thugainn airson Maoin nan Tabhartas Beaga leis a’ cheann-latha (Diciadain 30 Samhain) a’ teannadh dlùth.

Faodar tachartas a chur air doigh bhon 20-26mh den Ghearran 2023 no taic a chur ri iomairt leantainneach a bhios na pàirt den t-seachdain, an seo ann an Alba no ann an àite sam bith air feadh an t-saoghail. Gheibhear suas gu ruige £500 ach feuch nach cur sibh a-steach ach airson na tha dha-rìreabh a dhìth oirbh.

Gheibh sibh na duilleagan-stiùiridh agus am foirm-iarrtais air a’ phriomh dhuilleig air ar làrach-lìn seachdainnagaidhlig.scot, far am faic sibh ‘Maoin nan Tabhartas Beaga’ ann am buidhe.

Na caillibh an cothrom!