Sùil air: Oidhche san Taigh-cèilidh, Taigh Dhonnchaidh // Case Study: An Evening in the Cèilidh House, Taigh Dhonnchaidh

Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (Bòrd na Gàidhlig), bha Oidhche san Taigh-cèilidh aig Taigh Dhonnchaidh ann an Nis, Eilean Leòdhais, leis an Islands Cèilidh Band. Fhuair gach neach fìon is briosgaidean nuair thàinig iad a-steach agus bha oidhche air leth neo-fhoirmeil is spòrsail ann, le deagh cheòl, danns is seinn gu leòr. Bha iad an toiseach an dùil seinneadair is neach-ciùil a bhith aca ach leis mar a dh’obraich cùisean b’ e còmhlan a fhuair iad mu dheireadh a bha a cheart cho soirbheachail.

Tha iad a-nis an dùil Oidhche san Taigh-cèilidh a ruith mar a b’ àbhaist dhaibh. Chòrd e gu mòr ris na bha an làthair agus leis cho beag ‘s a tha Taigh Dhonnchaidh, bha gu leòr ann an 14. Thàinig cuideigin a-steach leis gun robh iad ag ionnsachadh na Gàidhlig agus bha iad airson a bhith ann an àrainneachd Ghàidhlig, agus ‘s iad a bha toilichte gun tàinig iad!

//

On Seachdain na Gàidhlig, with funding support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), Taigh Dhonnchaidh in Ness, Isle of Lewis hosted a cèilidh with the Islands Cèilidh Band with complimentary wine and biscuits for those who came along. The night was relaxed with a chance to chat and enjoy the music, with Gaelic singing and plenty of room to dance. It was intended to be run with a singer and a musician but due to availability it was decided to get a cèilidh band in instead and it worked just as well as the original plan.

They are are looking to restart the taigh-ceilidh as a regular event like they did in the past. Those who came had a great night and enjoyed the relaxed atmosphere. With Taigh Dhonnchaidh being a small space, 14 was a comfortable number. One participant came along because they were learning Gaelic and wanted to be in a Gaelic-speaking environment so they were very pleased they came.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here