Seachdain na Gàidhlig

A’ comharrachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
24 Gearran – 2 Màrt 2025

Cuspair ri thighinn…

Is i Seachdain na Gàidhlig a’ chiad seachdain oifigeil gus cànan is cultar a chomharrachadh air feadh na h-Alba.

Tha Seachdain na Gàidhlig ag amas air ìomhaigh na Gàidhlig a thogail tro iomairtean coimhearsnachd, pròiseactan agus tachartasan. Bheir i an cothrom do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (agus daoine aig nach eil facal!) pàirt a ghabhail ann an dòigh a fhreagras orra fhèin; ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Thèid aig duine sam bith air pàirt a ghabhail – cuir fios thugainn ma tha beachd agaibh air pròiseact no tachartas.

Cuir do thachartas dhan mhìosachan Tuilleadh fiosrachaidh

Là Abairt na Gàidhlig

‘S e an treas Là Abairt na Gàidhlig a bh’ ann air Diardaoin 22 Gearran 2024.

Tha seo na iomairt airson daoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig fheuchainn, no am beagan a th’ aca a chleachdadh! Tagh abairt Gàidhlig, ionnsaich mar a chanas sibh e, dèan bhidio agus cuir air na meadhanan sòisealta e le #LàAbairtNaGàidhlig no #SayAGaelicPhraseDay. Cho furasta sin!

Naidheachdan

’S e Là Leabhraichean na Cruinne a th’ ann! Thoir sùil air na sgeulachdan a leugh ar tosgaire, @LindaNicLeoid, aig na seiseanan cloinne a bh’ againn tro Sheachdain na Gàidhlig. Ar taing dhi fhèin, @AcairBooks, @BelleMediaCoUk agus @bordnagaidhlig.

https://buff.ly/3V987h4

The @SP_ECYP consultation on the Scottish Languages Bill ends ‼️ Friday 8th of March ‼️
If you've not written a response yet, we've made a template available here: https://tinyurl.com/2s49p4aw Copy/paste the response here: https://yourviews.parliament.scot/ecyp/scottish-languages-bill-detailed-english/consultation/intro/

#Gàidhlig #Gaelic

Remember to join us on our Gaelic speaking journey with our new Learn Gaelic feature in the WeeBlether magazine! 🗣️

Keep an eye out for more giveaways soon, Clan! 🥳🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿💜

Thank you to everyone who entered our Gaelic WeeBox giveaway, in partnership with @joydunlop and @sngaidhlig 🙌

Huge congratulations, or Meal do Naidheachd, to our lucky winner Lilly @_larifary_ ! Your Gaelic WeeBox worth £100 will be winging its way to you very soon!! ✨

Load More

Cuir Taic Rinn

Airson tuilleadh fiosrachaidh no airson bruidhinn rinn mu thaic a thoirt do Sheachdain na Gàidhlig, cuiribh fios don Mhanaidsear Leasachaidh againn, Persephone Nichol-Bose, on persephone@handsupfortrad.co.uk.

Cuiridh sinn fàilte air iarrtasan bho bhuidhnean, ghnìomhachasan no daoine fa leth.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here