Foghlam

Goireasan Twinkl

Airson taic a thoirt do luchd-teagaisg agus do dhaoine òga pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig, tha sinn air ultach de ghoireasan a tharraing còmhla ann an com-pàirteachas le foillsichean foghlaim, Twinkl Alba. Am measg nan cleasan is ghoireasan tha planairean airson luchd-teagaisg, susbaint agus cleasan airson clann sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil aig ire fileantais is ionnsachaidh – a’ dèanamh cinnteach gum faigh clann agus luchd-teagaisg a bhith an sàs ged a bhiodh iad fhein fileanta no a’ tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh.

Go! Gaelic

Prògram a tha a’ tabhann thrèanadh, taic agus goireasan gus na sgilean cànain agus dòighean teagaisg a thoirt do luchd-teagaisg airson Gàidhlig a lìbhrigeadh mar L no L3 bhon chiad chun dàrna ire sa bhun-sgoil.

Tadhal air an Làrach-lìn

Fèisean nan Gàidheal

Chaidh Fèisean nan Gàidheal a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. Le Oide agus Fèisgoil.

Tadhal air an Làrach-lìn

Gaelic4Parents

Làrach-lìn le Stòrlann, do pharantan agus chloinn a tha an sàs ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an làrach-lìn seo a’ sgoltadh le geamannan, sgeulachdan, criomagan fuaim agus tòrr a bharrachd, gus am bi spòrs agad ‘s tu ag ionnsachadh Gàidhlig, ge bith dè an aois a tha thu no dè an ìre aig a bheil thu!

Tadhal air an Làrach-lìn

Goireas Gàidhlig Shiorrachd Rinn Friù

Òrain, ceòl-taic, faclan agus tòrr a bharrachd gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus duine sam bith a tha airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha an goireas seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha a’ tòiseachadh, agus air Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.

Tadhal air an Làrach-lìn

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here