Faigh Ar Cuairt-Litir
Airson an fhiosrachaidh agus nan naidheachdan as ùire
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up for Trad, Àireamh Carthannas na h-Alba 035 190.
Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn air leth thoilichte cuireadh a thoirt dhuibh chun an darna Ho-Ro Gheallaidh na Cloinne againn! Tha sinn an dòchas gum bi an tachartas seo a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Am measg seo, chì sibh sgoilearan a’ seinn agus cluinnidh sibh ceòl. Bidh cuideachd cothroman ann dhuibh Gàidhlig ionnsachadh. Tha sinn an dòchas gum bi Ho-Ro Gheallaidh na Cloinne deagh chothrom airson Gàidhlig a chleachdadh agus ceanglaichean a thogail, taobh a-staigh ar coimhearsnachd, agus san fharsaingeachd. Chì sinn ann sibh!
*Tha tiogaidean airson an tachartas seo dìreach airson teaghlaichean aig a tha sgoilearan aig Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn. Ach, cuiridh sinn fàilte air daoine aig a tha Gàidhlig a bhiodh deònach pàirt a ghabhail san tachartas. Mar eisimpleir, seinneadairean, luchd-ciùil, preasantairean m.s.a.a. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu Roisin Geddes aig: gw20mcarthurroisin@glow.sch.uk

Freumhan Eachdraidheil Dannsa Gàidhealach: Òraid le Mìcheal Newton