Eachdraidh Dhìomhair Dannsa nan Gàidheal: Òraid le Mìcheal Newton

26th Feb 2026
6:30pm - 7:30pm
Àite:
Online

Tha grunnan nòsan dannsa ’gan cleachdadh air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Albainn anns an fhàrsaingeachd, agus bidh móran a’ cumail a-mach gum bheil iad cho sean ris a’ cheò, ach ’s ann anns an ochdamh ceud deug a thòisich na cruthan dannsa a tha air maireann gus an latha an-diugh, agus chaidh an atharrachadh gu mór anns an dara leth de’n naoidheamh ceud deug. Bheir an òraid seo sùil aithghearr air na buaidhean a bu mhotha a chruthaich dannsa Albannach mar a tha iad anns an latha an-diugh, gu h-àraid am-measg nan Gàidheal.

Thug an Dr Mìcheal Newton ceum Ph.D. a-mach á Oilthigh Dhùn Éideann anns a’ bhliadhna 1998 agus bha e ’na Leas-Ollamh ann an Roinn na Ceiltise aig Oilthigh Naomh Fransaidh ann an Albainn Nuaidh 2008-2013. Sgrìobh e iomadh leabhar agus aiste mu dhualchas agus eachdraidh nan Gàidheal agus tha e ’na shàr-sgoilear mu dhìleab nan Gàidheal ann an Aimearaga Tuath.

Barrachd thachartasan


23rd Feb 2026

7:30pm - 8:30pm

Gabh Òran Gàidhlig

Music

23rd Feb 2026

7:30pm - 9:30pm

An Lòchran

Oidhche nam Bàrd

Storytelling / poetry / spoken word

23rd Feb 2026 - 27th Feb 2026

9:00am - 1:15pm

Plockton High School

Seachdain na Gàidhlig

Community celebration

23rd Feb 2026

7:30pm - 9:30pm

Cultarlann Inbhir Nis

Lorgan-coise Ghaisgeach ann an Tir nan Gaidheal

Talk / workshop


23rd Feb 2026 - 27th Feb 2026

9:00am - 5:00pm

Cù Giobach

Storytelling / poetry / spoken word