Faigh Ar Cuairt-Litir
Airson an fhiosrachaidh agus nan naidheachdan as ùire
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up for Trad, Àireamh Carthannas na h-Alba 035 190.
Bidh Mòd Loch Aillse a’ libhreagadh buithtean-obrach ann an ceòl, bàrdachd, no drama a ruith ann am bun-sgoiltean ann an Loch Aillse (An Caol, Uachdar Thìre, Glinn Eilg, Loch Dubhthaich, Am Ploc (FtG & FtB), Loch Carran (FtG & FtB) is Caol Acainn tro Sheachdain na Gàidhlig. Thèid iad an libhrigeadh sa Ghàidhlig ann am FtG no dà-chananach ann an sgoiltean FtB. Mar sin, gheibh gach sgoilear sa sgire cothrom barrachd Gàidhlig a dh’ionnsachadh agus a chleachdadh ann an dòigh sporsail. Bidh sinn a’ cleachdadh eòlaichean as an sgìre le Gàidhlig gus seo a dhèanamh. Le sin, bidh sinn a’ togail ùidh sa chànan is cultar, agus a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig cuideachd.