Faigh Ar Cuairt-Litir
Airson an fhiosrachaidh agus nan naidheachdan as ùire
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up for Trad, Àireamh Carthannas na h-Alba 035 190.
Tha grunnan nòsan dannsa ’gan cleachdadh air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Albainn anns an fhàrsaingeachd, agus bidh móran a’ cumail a-mach gum bheil iad cho sean ris a’ cheò, ach ’s ann anns an ochdamh ceud deug a thòisich na cruthan dannsa a tha air maireann gus an latha an-diugh, agus chaidh an atharrachadh gu mór anns an dara leth de’n naoidheamh ceud deug. Bheir an òraid seo sùil aithghearr air na buaidhean a bu mhotha a chruthaich dannsa Albannach mar a tha iad anns an latha an-diugh, gu h-àraid am-measg nan Gàidheal.
Thug an Dr Mìcheal Newton ceum Ph.D. a-mach á Oilthigh Dhùn Éideann anns a’ bhliadhna 1998 agus bha e ’na Leas-Ollamh ann an Roinn na Ceiltise aig Oilthigh Naomh Fransaidh ann an Albainn Nuaidh 2008-2013. Sgrìobh e iomadh leabhar agus aiste mu dhualchas agus eachdraidh nan Gàidheal agus tha e ’na shàr-sgoilear mu dhìleab nan Gàidheal ann an Aimearaga Tuath.

The Hidden History of Gaelic Dance Traditions: Talk & Q&A with Michael...