Maoin nan Tabhartas Beag
Tha maoin nan tabhartasan beaga aig Seachdain na Gàidhlig, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a-nis dùinte ri tagraichean airson 2026. Tha sinn a’ toirt taing mhòr dhan h-uile duine a rinn tagradh airson an ùidh agus an spiorad thaiceil a thaobh na Gàidhlig.
Cuir Do Thachartas Fhèin Air Dòigh
Ged a tha a’ mhaoin dùinte, tha cothroman gu leòr fthathast ann gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig 2026, on 23mh den Ghearran chun 1na den Mhàrt. Tha sinn a’ brosnachadh a h-uile duine – neach leotha fhèin neo buidheann sam bith – gus tachartas a chuir air dòigh mar phàirt den t-seachdain.
Ma tha thu an dùil tachartas a chuir air dòigh, faodaidh tu:
- Do thachartas a chuir air mìosachan Sheachdain na Gàidhlig – Mar seo, bidh e mar phàirt den phrògram oifigeil aig Seachdain na Gàidhlig.
- Cuir fios thugainn airson taic – Ma tha comhairle neo taic a dhìth, cuir post-d thugainn aig admin@seachdainnagaidhlig.scot.
Brosnachadh agus Beachdan
Bheil thu a’ lorg bheachdan? Nach toir thu sùil air na tachartasan seo a fhuair taic-arigid agus a ghabh àite ann an 2025? ‘S dòcha gun toir seo beachd dhut air dè am b’ urrainn dhut dèanamh co-cheangailte ri cuspair 2026, ‘Cleachd i no caill i’.



