Am prògram as motha a-riamh gu bhith aig Seachdain na Gàidhlig
Tha Seachdain na Gàidhlig ag innse gu bheil am prògram as motha, as dian-thograiche agus as ioma-nàdarraiche a-riamh gu bhith aca a bheir cruinn luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is daoine a tha dèidheil air a’ chànan air feadh na h-Alba agus thall thairis.
Thèid an iomairt cànain nàiseanta seo a chumail an ceathramh turas eadar 24mh dhen Ghearran gu 2na dhen Mhàrt 2025 a’ comharradh a’ chuspair Ceanglaichean gun Chrìch.
Fhuair barrachd air 60 buidheann beag air feadh na h-Alba agus thall thairis airgead tro mhaoin nan tabhartasan beaga, le taic Bhòrd na Gàidhlig, airson tachartasan agus gnìomhachdan a chur air chois agus a bhrosnaicheas na Gàidhlig an t-ath-mhìos.
Chuir barrachd dhaoine a-steach airson taic-airgid na chuir a-riamh roimhe airson pàirt a ghabhail san fhèill am-bliadhna, barrachd air 100 tagradh. Sin 44% a bharrachd an coimeas ri 2024 agus meas is iarrtas air a’ chànan a’ sìor fhàs.
Bidh raon farsaing de thachartasan ann, gach aon dhiubh fon cho-bhann a sheallas dhuinn na ceanglaichean cànanach, cultarach is daonna a thig an cois cànain, le pailteas shàr phrògraman air feadh na h-Alba agus thall thairis:
- Thèid bùthan-obrach seinn a chumail le Mischa Nic a’ Phearsain còmhla ri Refuweegee ann an Glaschu rè Seachdain na Gàidhlig. Cuiridh Gàidhlig & Seinn le Refuweegee air chois sreath de sheiseanan an-asgaidh do dh’fhògarraich agus comaraichean agus ag iarraidh air luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a thighinn an làthair a thoirt fàilte dha na h-Albannaich ùra seo dhan bhaile agus a thoirt fàilte chridheil dhaibh do chànan, ceòl is cultar Gàidhlig is Albannach. Le sgeulachdan far-fhuadachaidh an cumantas a tha a’ dol na ceudan de bhliadhnaichean air ais, togaidh am pròiseact seo ceanglaichean làn-fhaireachdainn eadar Gàidheil is fògarraich.
- Obraichidh sgioba na Gàidhlig agus sgioba an ath-àiteachaidh aig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath còmhla airson Taigh-cèilidh Gàidhlig a stèidheachadh aig Ionad-coimhearsnachd Taobh a’ Chaibeil san Àrd-ruigh, a’ cur fàilte air muinntir an àite, a’ gabhail a-staigh Albannaich ùra a rinn dachaigh ann an Alba o chionn goirid, a dhol an sàs cànan is cultar na Gàidhlig agus càch a chèile. Am measg feadhainn eile, bidh Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt air an àrd-ùrlar agus bidh fàilte ro luchd-ionnsachaidh is luchd-labhairt na Gàidhlig às an sgìre òrain a sheinn, dàin a ghabhail, abairtean a theagasg do chàch a chèile is naidheachd a chèile a ghabhail mun ghaol a th’ aca air a’ Ghàidhlig agus beatha ann an Alba.
- Ann an Ìle, comharraichidh Comunn na Gàidhlig Ìle dà cheud bliadhna de thaigh-solais Ìle ann an Orasaigh. Bheir pròiseact nan Taighean-solais Ìleach cruinn muinntir na coimhearsnachd rè Seachdain na Gàidhlig a’ seinn òrain, ag innse sgeulachdan is a’ dèanamh ceòl a bhuineas ri eachdraidh is dualchas thaighean-solais Ìle agus a rùrachadh nan ceanglaichean a lasaich iad air feadh na h-Alba ann an teaghlaichean seòlaidh.
- Cuiridh an t-Eilean Sgitheanach air choise Cèicean Cruthachail – bùth-obrach sgeadachadh chèicean a chomharradh fèill nàiseanta na Gàidhlig. Tha seo ga chur air chois le Ionad Thròndairnis fo stiùireadh Ealasaid Munsie o Skye Cakes agus bheir an seisean seo cothrom do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, biadh blasta fhuineadh le faclan is abairtean Gàidhlig orra agus sgil chruthachail ùr a thogail.
- Thig trì bun-sgoiltean air feadh Shiorrachd Lannraig cruinn a’ chiad turas airson G anns a’ Phàirc a chur air chois. Thig cha mhòr 200 sgoilear o Bhun-sgoil Bheinn Chamshroin, Innis an Uillt agus Chon-dòbhraid còmhla ann am Pàirc Ghleann Chaladair airson latha de gheamannan is gnìomhachdan a sheallas dhaibh an luach a th’ anns a’ Ghàidhlig. Bheir an co-thachartas seo cothrom dha na sgoiltean ceanglaichean ùra a stèidheachadh a bheir fàs air coimhearsnachd na Gàidhlig agus bidh cothroman aig an luchd-labhairt òg ionnsachadh aig a chèile.
- Air cladach Chataibh a tuath, cuiridh The Big Sing air chois latha de cho-sheinn Ghàidhlig a chomharradh 25 bliadhna de Chraobh Bhorgaidh. Ann an co-obrachadh le Urras Coille Coimhearsnachd Chataibh a Tuath agus oide Gàidhlig Cairistìona Stone, bheir còisir Big Sing a’ Bhlàrain Odhair cothrom do dhaoine Gàidhlig a bhruidhinn is a sheinn còmhla, beul-aithris thradaiseanta a rùrachadh is aire a thogail dhan Ghàidhlig san àrainneachd, a’ gabhail a-staigh ainmean nan craobhan is nam beathaichean am fagas.
- Cha tèid a chomharradh dìreach ann an Alba ach eadar ceithir rannan ruadha an domhain. San Iùr ann an Èirinn a Tuath, nì Craobh an Iúir de Chonradh na Gaeilge oidhirp ceanglaichean eadar Gàidhlig is Gaeilge Uladh a neartachadh. Cuiridh Gàidhlig-Gaeilge: Na Ceanglaichean bùthan-obrach Gàidhlig air chois do luchd-labhairt na Gaeilge ann am bun-sgoil ionadail agus taisbeanadh de leabhraichean, clàran, teipichean, irisean is stuthan Gàidhlig eile a sheallas do dhaoine cò ris a tha an cànan tùsanach seo coltach agus dè cho cudromach ’s a tha i.
Thathar a’ toirt brosnachadh do dhaoine ann an Alba agus thall thairis pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig am-bliadhna agus tachartas a chur air chois iad fhèin.
Faodaidh daoine, buidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile le comas sam bith de Ghàidhlig gnìomhachd a chur air chois nan coimhearsnachd fhèin a bhrosnaicheas an cànan is a thogas ceanglaichean. Faodaidh tu tachartas a chur ri làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig an seo: seachdainnagaidhlig.scot/events/community/add.
Faodaidh daoine pàirt a ghabhail ann an Là Abairt na Gàidhlig air a bheil fèill mhòr an-còmhnaidh mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig Diardaoin 27mh dhen Ghearran 2025, iomairt a thèid na mìltean mòra an sàs ann gach bliadhna.
Thug an iomairt cruinn barrachd air 170 tachartas ann an 100 àite rè Seachdain na Gàidhlig air feadh na h-Alba agus an t-saoghail, a’ gabhail a-staigh Alba Nuadh agus Nuadh Eabhrac. Bha prògram de cho-thionalan sgoile digiteach againn cuideachd, iomairt gu tur ùr, agus ghabh 12,600 sgoilear ann an 136 sgoil air feadh 27 ùghdarras ionadail pàirt ann an 136 sgoil air feadh 27 ùghdarras ionadail pàirt ann agus thig fàs air seo ann an 2025.
Thuirt Joy Dunlop, Ceannard Seachdain na Gàidhlig: “Cuiridh sinn fàilte air fògarraich do dh’Alba ann an Gàidhlig, stèidhichidh sinn ceanglaichean ùra eadar coimhearsnachdan is sgoiltean agus iomadh rud eile, tha pailteas gu bhith againn rè Seachdain na Gàidhlig 2025 aig am bi deagh bhuaidh far is farsaing. Tha am prògram maoinichte a bhios againn am-bliadhna a’ sealltainn gu bheil de neart sa Ghàidhlig bannan a stèidheachadh, brìgh a chur ri beatha agus co-thàthadh choimhearsnachdan a neartachadh. Tha Seachdain na Gàidhlig a’ sìor fhàs o bhliadhna gu bliadhna agus na àrd-ùrlar cudromach airson eadar-mhalairt chultarach Ghàidhlig. Tha sinn fada an comain Bhòrd na Gàidhlig airson na taic a bheir iad dhuinn airson an iomairt seo a chur air chois agus mholamaid do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig no gaol oirre tachartas a chur air chois is pàirt a ghabhail ann.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha e air leth math a bhith faicinn na tha de thachartasan Gàidhlig a thèid a lìbhrigeadh ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig am-bliadhna. Bidh seo mar shealladh air na gnìomhan a bhios a’ gabhail àite gu cunbhalach tron bhliadhna thar ar roinn ealain bheothail agus nar coimhearsnachdan. Tha Bòrd na Gàidhlig airson a h-uile duine a bhronsachadh gus pàirt a ghabhail agus le mìosachan cho làn, bidh rudeigin ann a fhreagras air a h-uile duine.”
’S e am buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba, Hands Up for Trad, a stèidhich Seachdain na Gàidhlig le taic o Bhòrd na Gàidhlig an cois soirbheas iomairtean mion-chànan eile d’ a leithid mar Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.
Tha an tachartas fad seachdain seo a’ toirt cothrom do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig an cànan a chomharradh an seo agus thall thairis, a’ brosnachadh ìomhaigh is aire dhan chànan nar dùthaich.
Bidh Seachdain na Gàidhlig 2025 ann eadar 24mh dhen Ghearran is 2na dhen Mhàrt 2025. Airson liosta shlàn nan tachartasan a bhios againn rè na seachdain agus fiosrachadh mar a ghabhas tu pàirt ann, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot.