Sùil air: Comann nam Pàrant Lannraig a Tuath // Case Study: Comann nam Pàrant North Lanarkshire


Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (Bòrd na Gàidhlig), bha cuirm mhòr aig Comann nam Pàrant Lannraig a Tuath gus 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a chomharrachadh. Chaidh cuireadh a thoirt dha gach pàiste a tha a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre pàirt a ghabhail sa chuirm. Thadhail na h-oidean, Màiri NicAonghais agus Norrie MacÌomhair, air na sgoilearan tro Sheachdain na Gàidhlig gus obair a dhèanamh leotha agus bha Fiona NicAsgaill cuideachd gan ullachadh anns na mìosan ro-làimh. Thàinig Còisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglais Brice agus Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt a sheinn aig a’ chuirm cuideachd gus bharrachd dhan choimhearsnachd a thoirt a-steach. Rinn Màiri, Norrie agus Fiona pìosan aig a’ chuirm a bharrachd air a bhith a’ cluich ‘s a’ seinn còmhla ris a’ chloinn. B’ e deagh chomharrachadh a bh’ ann agus cothrom dha daoine coinneachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn còmhla agus a bhith san èisteachd aig tachartas air leth. Bha an oidhche uabhasach soirbheachail agus chòrd e ris a h-uile duine a bha an làthair.

//

On Seachdain na Gàidhlig, with support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), Comann nan Pàrant North Lanarkshire held a concert at Greenfaulds High School celebrating 25 years of Gaelic Medium Education within North Lanarkshire. All children from every GME establishment were given the opportunity to be a part of the concert. Tutors Màiri MacInnes and Norrie MacIver visited the kids during Seachdain na Gàidhlig and worked on material with them, on top of which Fiona MacAskill worked with the kids during her school timetable for months previous to the concert. They invited Falkirk Gaelic Youth Choir and Cumbernauld Gaelic Choir to perform at the concert to try and create a community atmosphere. They also had Màiri, Norrie and Fiona performing with the kids as well as their own material. The concert was very much a celebration as well as an opportunity for people within the community to mix and enjoy a unique experience thanks to Gaelic. It was a hugely successful event and it was well enjoyed by all who attended.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here