Maoin nan Tabhartas Beag // Small Grants Fund

Le 63 iarrtasan bho air feadh na dùthcha agus nas fhaide air falbh, fhuair sinn air taic-airgid a thoirt do ghrunn thachartasan agus phròiseactan a bhios a’ gabhail àite tro Sheachdain na Gàidhlig 2023. Bidh a h-uile neach is buidheann a fhuair tabhartas aig an ìre seo a-nis air fios fhaighinn, an cois pasgan-taic leis a h-uile càil a dh’fheumas sibh airson tachartas soirbheachail a chur air dòigh. Gu mì-fhortanach cha d’ fhuair sinn air a h-uile pròiseact a mhaoineachadh, ach tha sinn gu mòr an dòchas gum faic sinn iad a’ tighinn gu buil tro Sheachdain na Gàidhlig – cuimhnichibh gur ann leibhse a tha i! Ma tha taic a dhìth oirbh aig ìre sam bith, feuch gun cuir sibh fios oirnn air admin@seachdainnagaidhlig.scot.

Bu chaomh leinn taing mhòr a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson na Maoin.

//

With 63 applications from across the country and further afield, we were able to fund a good number of events and projects which will be taking place throughout Seachdain na Gàidhlig 2023. Every individual and group who received a grant has now been notified and provided with a support pack on how to run a successful event. Unfortunately we were unable to fund all the projects but we sincerely hope to see them take place during Seachdain na Gàidhlig – remember that the week is yours! If you require any support, please get in touch with us on admin@seachdainnagaidhlig.scot.

We would like to thank Bòrd na Gàidhlig for enabling us to provide the Small Grants Fund.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here