Farpais Lèine-T
Dealbhaich an Lèine-T Oifigeil aig Seachdain na Gàidhlig!
Ciamar a chòrdadh e riut rud a dhealbhaich thu fhèin fhaicinn air lèine-T?
Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig tha sinn a’ toirt cothrom dhuibh an dearbh rud a dhèanamh, agus an lèine-T oifigeil a dhealbhadh airson Seachdain na Gàidhlig 2027! Dè thig a-steach ort nuair smaoinicheas tu air a’ Ghàidhlig? Ge bith dè th’ ann – ceòl, cèilidh, caraidean, ball-coise no rud sam bith eile – tha sinn airson fhaicinn ann an clò.
Riaghailtean:
- Feumaidh gach dealbh a bhith sa Ghàidhlig – ma tha faclan Beurla ann feumaidh iad a bhith ann sa Ghàidhlig cuideachd.
- Na cuir thugainn càil sa phost – cha ghabh sinn ach tro phost-dealain iad agus chan fhaigh sinn air càil a thig sa phost a thilleadh thugaibh.
- Nuair bhios sibh a’ togail dhealbh den rud a chruthaicheas sibh, feuch gum bi e soilleir gu leòr no thèid càileachd a dhìth.
- Leigidh sinn fios dhan neach a bhuannaicheas taobh a-staigh 21 latha den cheann-latha dùnaidh.
- Bu choir dhan a h-uile neach a chuireas dealbh a-steach a bhith fo aois 18 agus feumaidh cead a bhith agaibh bho phàrant no neach-cùraim. Cha bhi ach aon bhuannaiche ann.
- Tha cead aig Seachdain na Gàidhlig am farpais a chur dheth aig uair sam bith ma thogas cùis ceann air nach eil cothrom againn.




