Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Luchd-cruthachail na Gàidhlig – Cothroman obrach // Freelance work opportunity – Creative Practitioners for Gaelic Workshops

17 An Gearran, 2023 @ 8:00 m - 27 An Gearran, 2023 @ 5:00 f

🙋‍♂️ A bheil Gàidhlig agaibh? Cothrom obrach airson luchd-cruthachail! 🥳

👀 📢 Tha sinn a’ lorg luchd-ealain, sgrìobhadairean, luchd-ciùil, no duine sam bith a tha cruthachail, le Gàidhlig, agus aig a bheil ùidh ann am bùthan-obrach a chumail. 👩‍🎨 🎭 🎼

🤹 Tha sinn a’ beachdachadh air rudan spòrsail far am bi fàilte air a h-uile duine. Tha feum againn oirbhse airson seo a thoirt gu buil, agus nam bu toigh leibh obrachadh le Taigh Chearsabhagh air feasgar clò-bualaidh, neo deireadh-sheachdain seinn is bàrdachd, no rud sam bith den leithid, cuiribh fios thugainn!

Bidh sinn a’ pàigheadh aig ìrean SAU, agus gheibh sibh taic bho Thaigh Chearsabhagh ma bhios sin feumail. ’S urrainn dhuinn cuideachadh le sgilean teagaisg neo goireasan cànain.

💭 Cuiribh thugainn duilleag ghoirid le fios mur deidhinn fhèin, an obair chruthachail agaibh, agus beachd neo dhà gu 📧 susannah@taigh-chearsabhagh.org

’S urrainn dhuibh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig no sa Bheurla ma thogras sibh, chan eil cuideam sam bith air a sin. Faodaidh sibh cuideachd ceanglaichean làrach-lìn neo film goirid a chur thugainn an àite sgrìobhadh, ma ’s e sin as fheàrr leibh. Cuiribh thugainn e ro 10m, Diluain 27 Gearran.

Beachdachaidh sinn air gach litir is gach film, agus gheibh sibh freagairt ro 5f air 3 Màrt. Tuilleadh fios: https://buff.ly/37UJ0I5


👋 🔍 Got Gaelic? We are looking for creatives with Gaelic who would be interested in facilitating activities and workshops through the medium of Gaelic. 🎨🪡🎹 🎬

Support is available for skills development in teaching or Gaelic language from the Taigh Chearsabhagh team.

Please send short expressions of interest to 📧 susannah@taigh-chearsabhagh.org before 10am on Monday the 27th of February.

📝 🎬 Written and video communications are welcome, along with any weblinks you think will help communicate your creative practice to us. We will reply to every application before the 3rd of March: https://buff.ly/37UJ0I5

Mion-fhiosrachadh

Tòiseachadh:
17 An Gearran, 2023 @ 8:00 m
Deireadh:
27 An Gearran, 2023 @ 5:00 f
Event Category:

Organizer

Taigh Chearsabhagh

Mion-fhiosrachadh

Tòiseachadh:
17 An Gearran, 2023 @ 8:00 m
Deireadh:
27 An Gearran, 2023 @ 5:00 f
Event Category:

Organizer

Taigh Chearsabhagh
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here