Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Club Irise Shabhal Mòr Ostaig

23 An Gearran, 2023 @ 7:30 f - 9:00 f

‘S e cothrom ionnsachaidh a th’ ann an Club Irise do dhaoine aig a bheil ùidh ann am foghlam Gàidhlig. Aig gach seisean, lìbhrigidh eòlaiche foghlaim taisbeanadh goirid (mu 20 mionaid) air pàipear rannsachaidh inntinneach le ceangal do dh’fhoghlam Gàidhlig san latha a th’ ann. Bidh cothrom ann an uair sin airson beagan deasbaid agus còmhraidh mun rannsachadh ann an co-theacs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Mun òraid:

Piers Messum and Roslyn Young. 2021. “Teaching students to pronounce English: a motor skill approach in the classroom.”

Tha deagh rannsachadh againn a-nis a sheallas nach bi sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ togail nam fuaimean Gàidhlig gu ceart, ach dè nì sinn mu dheidhinn sin? Tha Messum is Young a’ moladh gu bheil iad air modh-teagaisg ùr a lorg a nì ionnsachadh fhuaimean mòran nas fhasa. Anns an òraid seo, bheir sinn sùil air a’ mholadh aca agus air an fhianais an taic ris, feuch a bheil e idir coltach gun gabh am modh ùr aca a chleachdadh gus fuaimean a theagasg an lùib FMG.

Mun òraidiche:

Tha an Dr Tim Armstrong a’ stiùireadh a’ chùrsa CertHE Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig: an cùrsa dian, bogaidh againn do dh’oileanaich a chaidh a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhun-sgoil agus an àrd-sgoil agus a tha a’ tòiseachadh air na ceumannan aca aig a’ Cholaiste.

Mion-fhiosrachadh

Date:
23 An Gearran, 2023
Time:
7:30 f - 9:00 f
Event Category:
Website:
https://www.eventbrite.co.uk/e/club-irise-shabhal-mor-ostaig-sreath-3-seisean-1-tickets-545990160267

Organizer

Sabhal Mòr Ostaig

Venue

Online

Mion-fhiosrachadh

Date:
23 An Gearran, 2023
Time:
7:30 f - 9:00 f
Event Category:
Website:
https://www.eventbrite.co.uk/e/club-irise-shabhal-mor-ostaig-sreath-3-seisean-1-tickets-545990160267

Organizer

Sabhal Mòr Ostaig

Venue

Online
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here