100+ Tachartas air Seachdain na Gàidhlig 2023 // 100+ Events for Seachdain na Gàidhlig 2023

Thèid barrachd air 100 tachartas a chumail an ath-sheachdain air feadh na h-Alba fad Seachdain na Gàidhlig – dè nì thu fhèin?

Tha sinn a-nis an dùil ri barrachd air 100 tachartas is pròiseact rè Seachdain na Gàidhlig 2023,  eadar ball-coise, filmichean is cèilidhean, do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus an t-saoghail eadar 20mh agus 26mh dhen Ghearran 2023. Chuir iad air bhog roghadh is taghadh de ghoireasan air loidhne agus tha an luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil mòran dhaoine, bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile a’ clàradh nan tachartasan aca fhathast airson prògram na bliadhna-sa.

’S e A’ tighinn còmhla sluagh-ghairm Seachdain na Gàidhlig 2023 is tha e airson daoine a thoirt cruinn sna coimhearsnachdan aca fhèin airson soirbheas ciad Seachdain na Gàidhlig ann an 2022 a chumail a’ dol. Chuir Seachdain na Gàidhlig an cèill o chionn goirid gu bheil dà thosgaire ùr aca, Choirstaidh Iona NicArtair, tè a tha an sàs iomadh ealain agus Iain Urchadain a tha na chraoladair, òraidiche agus bàrd, agus tha e a’ toirt cruinn daoine, ge be cò iad no cò às a bheil iad, a bhrosnachadh, a chleachdadh agus a dh’ionnsachadh na Gàidhlig, slighe lìonra de thachartasan co-òrdanaichte air loidhne agus far loidhne, taing do thaic Bhòrd na Gàidhlig.

Tha am prògram seo a’ toirt brosnachadh do dhuine sam bith tachartas a chur air dòigh no a ruith iad fhèin mar phàirt dhen t-seachdain agus, a’ chiad uair am bliadhna, le pròiseactan a fhuair maoineachadh dìreach o Sheachdain na Gàidhlig tro mhaoin nan tabhartasan beaga aca.

Fhuair sinn barrachd air 60 tagradh airson tabhartasan agus sgrùd panail de dhaoine iad seo, a’ gabhail a-staigh Joy Dunlop, Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig agus Art MacCormaig, Àrd-oifigear Gnìomha aig Fèisean nan Gàidheal; agus chaidh 51 pròiseact a chur air dòigh mar phàirt dhen phrògram ùr a bheir seachad maoineachadh dìreach.

Am measg nan tachartasan maoinichte a chaidh fhoillseachadh san sgeideal air an làrach-lìn aca tha bùth-obrach le Albannach Òg a theagasgas mar a bhios tu nad chruthadair susbaint Ghàidhlig agus “Loch Abar Beò!” le Màiri Anna NicUalraig o Watercolour Music air an 25mh latha dhen Ghearran. Latha de sheiseanan ciùil thradaiseanta, cearclan còmhraidh Gàidhlig aig gach ìre, prosbaig air ceòl is film agus sàr chuirm-chiùil aig an deireadh le ceithir sàr dhithisean ciùil o chridhe Loch Abar. Aig deireadh na seachdaine, bidh “Fàilte @ Bonjour” ann an Glaschu Didòmhnaich 26mh dhen Ghearran dhan fheadhainn aig cridhe a’ bhaile, a’ gabhail a-staigh panail leis an tè-rannsachaidh Iona Mercer, tè-chiùil Josie NicDhonnchaidh, cruthadair susbaint Etta May Olley agus riochdairean a’ Chomuinn Oiseanaich agus Cuèir agus Còmhla, a’ crìochnachadh le pàrtaidh le tè-ealain draga Purina Alpha agus ceòl le DJ; Danyo.

Tha na h-eagraichean aig Seachdain na Gàidhlig air am bioran buileach leis na fhuair iad de fhreagairtean o fheadh na h-Alba agus an t-saoghail.

Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop:“Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil barrachd air 100 tachartas gu bhi againn san dàrna bliadhna de Sheachdain na Gàidhlig, 51 dhiubh air am maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga againn. Tha na beachd-smuaintean is planaichean a tha daoine a’ cur thugainn o cheithir ceàrnan an t-saoghail a’ toirt sìor bhrosnachadh dhuinn; agus cha bhiodh a’ mhòrchuid dhiubh ann as aonais a’ mhaoineachaidh a bharrachd a thug Bòrd na Gàidhlig dhuinn.

“Ma tha daoine eile ann a tha airson tachartas a chur air chois fhathast, tadhlaibh air an làrach-lìn oifigeach againnwww.seachdainnagaidhlig.scot, agus dèanaibh feum dhe na goireasan taice an-asgaidh againn. No ma tha cuideigin airson ciad cheum a thoirt air an turas Ghàidhlig aca fhèin ’s iad an imcheist mu na nì iad, cuiribh fios thugainn tron làrach-lìn againn – tha sinn deas ri do làimh gus do chuideachadh.”

Bidh daoine cuideachd a’ tighinn cruinn air loidhne, le bhith a’ co-roinneadh puist, stiùireadh fuaimneachaidh, dealbhan is videothan leis an taga-hais #SeachdainNaGàidhlig, le luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine a tha dèidheil air a’ chànan a’ cruinneachadh mar choimhearsnachdan air loidhne agus far loidhne air feadh an t-saoghail; a’ toirt brosnachadh do dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail is cothrom air a’ Ghàidhlig a thoirt do bharrachd dhaoine.

Tha Seachdain na Gàidhlig 2023 a’ cumail taic ri luchd-teagaisg is iad air pacaidean foghlaim coileanta a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis an taigh-fhoillseachaidh fhoghlaim Twinkl airson ’s gum bi e nas fhasa do thidsearan is daoine òga a dhol an sàs na h-iomairt. Tha na gnìomhachdan is goireasan seo a’ gabhail a-staigh planadairean tidseir, susbaint is gnìomhachdan a mholamaid do sgoilearan aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile, an dà chuid dhan fheadhainn ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile tidsear is sgoilear a dhol an sàs ann, ged a tha iad fileanta no dìreach air tòiseachadh leis a’ chànan.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann-maoineachaidh aig Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris Seachdain na Gàidhlig a-rithist an dèidh na seachdain ro-shoirbheachail a bh’ aca sa chiad bhliadhna aca. Tha an t-seachdain seo a’ comharradh gach rud a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – luchd-bruidhinn, luchd-ionnsachaidh, luchd-taice, an cànan, an cultar, na h-ealain, an ceòl agus an dualchas agus tha sinn air ar bioran prògram na bliadhna-sa fhaicinn. Thug sgeama maoin nan tachartasan beaga, luach £24,000, cothrom do bharrachd bhuidhnean tachartasan a chur air chois sna coimhearsnachdan aca fhèin agus thug e toileachas mòr dhuinn uiread a thagraidhean fhaicinn. A dh’aon inntinn le amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, brosnaichidh, comharraichidh agus àbhaistichidh an t-seachdain seo a’ Ghàidhlig agus cuiridh e ri deagh shunnd dhaoine agus cruthaichidh agus neartaichidh i dàimhean Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Chì sinn ann sibh!”

A’ togail air soirbheas na ciad seachdain ann an 2022 agus na h-iomairt #LàAbairtNaGàidhlig air loidhne, chuir Seachdain na Gàidhlig 2023, fo stiùir buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba Hands Up For Trad, air bhog pailteas de dh’iomairtean ùra am bliadhna. Airson cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chomharradh agus a bhrosnachadh san raon chultarach agus san raon choimeirsealta, chaidh iomadh goireas fhoillseachadh air loidhne a chumas taic ri iomairtean foghlaim, margaideachd agus dàimhean poblach, agus chaidh maoin nan tabhartasan beaga a stèidheachadh a bheir seachad meanbh thabhartasan suas ri £500 do dh’iomairtean.  

Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up For Trad, am buidheann cultarach Albannach a tha stèidhich is a ruitheas Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn glè thoilichte gun tug Bòrd na Gàidhlig taic dhan phròiseict seo a tha a’ freagairt air na h-amasan aig Hands Up for Trad a thaobh taic do chultar is cànan na Gàidhlig.”

Airson gach tachartas is dòighean air an gabhar pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air:www.seachdainnagaidhlig.scot

Airson goireasan foghlaim, tadhail air: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

Lean rinn sna meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig  / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Lorg na tagaichean-hais a leanas: #SeachdainNaGàidhlig  #Gàidhlig  #Gaelic  #cleachdi

//

Over 100 events kick off next week throughout Scotland for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) – how will you get involved?

Seachdain na Gàidhlig 2023, pronounced “SHACH-keen na GAA-lik” (with the ‘ch’ said like loch), now has over 100 events and projects, from Football and Films to Ceilidhs, for communities across Scotland, and the world, to get involved in from 20th to 26thFebruary 2023. They have launched a wide range of online resources, and organisers say registrations for events from individuals, community groups and organisations are still coming in thick and fast for this year’s programme.

With the overarching theme of Coming Together, Seachdain na Gàidhlig 2023 is prioritising uniting people within their own communities to build on itsinaugural 2022 success. Seachdain na Gàidhlig has recently announced two new Ambassadors, multi-disciplinary artist; Choirstaidh Iona NicArtair, plus Broadcaster, Lecturer and Poet; John Urquhart, and connects people from all walks of life across the world to promote, use and learn Gaelic, through a coordinated network of activities online and in-person, thanks to support from Bòrd na Gàidhlig.

The programme invites anybody to organise / run their own event as part of the week and, for the first time, features projects directly funded by Seachdain na Gàidhlig through their Small Grants Fund.

Over 60 grant applications were received and checked by a panel including Joy Dunlop, with Steven Kellow, Funding and Projects Officer at Bòrd na Gàidhlig and Arthur Cormack, Chief Executive Officer, Fèisean nan Gàidheal; and 51 funded projects have been launched as part of the new programme of directly-funded events.

The final list of funded events to be announced in the week’s schedule on their website includes a Young Scot workshop on how to be a Gaelic Content Creator, and Loch Abar Beò!; by Màiri Anna NicUalraig (Mary Ann Kennedy) of Watercolour Music on 25th February. A pop-up Gàidhealtachd for Fort William at the beautiful Highland Cinema, featuring Trad sessions, Gaelic conversation circles for all levels, Music & Film Showcases, finishing with a stellar concert featuring four great Gaelic duos, Ewen Henderson & Gary Innes, Rachel Walker & Aaron Jones; Ingrid Henderson & Iain MacFarlane, and Mary Ann Kennedy & Finlay Wells. Fàilte @ Bonjour’, in Glasgow, will round off the week on Sunday 26th February for those in the city centre, with a panel including Researcher Iona Mercer, Musician Josie Duncan, Content Creator Etta May Olley and representatives from Comunn Oiseanach, and Cuèir agus Còmhla, before a party featuring performance by drag artist Purina Alpha and music by DJ; Danyo.

Event organisers at Seachdain na Gàidhlig – which, when translated into English, means World Gaelic Weekhave been thrilled at the response from all over Scotland and beyond.

Seachdain na Gàidhlig Director Joy Dunlop said: “To have over 100 events taking place in the second ever Seachdain na Gàidhlig, 51 of them funded through our Small Grants Fund, is just phenomenal. We continue to be inspired by the ideas and plans coming to us from across the globe; most of which wouldn’t have been possible without the extra funding allocated to us by Bòrd na Gàidhlig.

For anyone else who would still like to hold their own event, please visit our official website www.seachdainnagaidhlig.scot, and utilise our free support resources. Or if you’d like to take that first step on your Gaelic journey but don’t know how, do contact us through our website – we’re here to help.

People will also connect online by sharing posts, phonetics and pronunciations, images and videos using the hashtag #SeachdainNaGàidhlig, as Gaelic speakers and enthusiasts connect with both physical and virtual communities worldwide; encouraging individuals, businesses, and wider community groups to get involved and break down barriers.

Educators are being supported by Seachdain na Gàidhlig 2023 who have developed comprehensive education packs in partnership with educational publishing house, Twinkl, to help teachers and young people engage with the initiative. The activities and resources include teacher planners, suggested content and activities aimed at both primary and secondary levels for both Gàidhlig medium and Gaelic Learners – ensuring that all children and teachers can get involved, whether they are fluent or just starting their journey with the language.

Shona NicIllinnein, Ceannard at Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig’s main funders, said: “We are delighted to support Seachdain na Gàidhlig again following on from the resounding success of its first year. This week celebrates everything about Gaelic –speakers, learners and supporters, the language, the culture, the arts, music and heritage and we are very much looking forward to this year’s offering. The Small Events Fund Scheme worth £24,000 will have enabled more groups to host their own events in their communities and we are hugely encouraged by the number of applicants. In line with the aims of the National Gaelic Language Plan, this week helps to promote, celebrate and normalise Gaelic as well as contribute to wellbeing and creating and strengthening connections in Gaelic worldwide. Chìsinn ann sibh!”

Building upon the success of their inaugural 2022 event, and their online campaign #SayAGaelicPhraseDay, Seachdain na Gàidhlig 2023 is facilitated by Scottish traditional culture and music organisation Hands Up For Trad, wholaunched a raft of new initiatives this year. To celebrate and promote the importance and use of Gaelic within both cultural and commercial landscapes, various resources have been published online to help with education, marketing, and public relations, plus the new Small Grants Fund was introduced, awarding Micro-Grants of up to £500 to support initiatives.

Simon Thoumire, Director of Hands Up For Trad, the Scottish cultural organisation that founded and runs Seachdain na Gàidhlig, said: “We are really happy that Bord Na Gàidhlig have supported this project, which fits with Hands Up For Trad’s aims of supporting Gaelic culture and language.”

For all events & ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2023, visit:www.seachdainnagaidhlig.scot

For education resources visit: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

Follow on social media: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Search Hashtags: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi

FilmG & Deoch an Dorais

Air a ruith le Astar, chaidh duaisean FilmG a chumail airson an 15mh bliadhna ann an Glaschu a-raoir (16 Gearran). Bha cuid de sgioba Sheachdain na Gàidhlig an làthair agus bha oidhche air leth ann, le buannaichean a bha gu math airidh air na duaisean. Mealaibh air naidheachd do na buannaichean uile, agus dhan a h-uile duine air a’ gheàrr-liosta! Choisinn Choirstaidh NicArtair, tè de thosgairean na Seachdain, duais roghainn FilmG airson an fhiolm ghoirid aice, Priob.

Chùm an oidhche a’ dol thall aig Mharsanta far an deach Seachdain na Gàidhlig a cur air a casan le deagh chruinneachadh de dhaoine a bha airson tighinn còmhla airson craic is cabadaich. Abair gu bheil sinn deiseil airson Seachdain na Gàidhlig a-nis!

//

Some of the Seachdain na Gàidhlig team had a great night at the 15th FilmG Awards last night in Glasgow, run by Astar. The winners were truly deserving – well done to you all, and to all who made the short-lists! One of our talented ambassadors, Choirstaidh NicArtair, walked away with the prize of FilmG’s choice for her short film, Priob.

The evening continued with the Deoch an Dorais reception hosted by Seachdain na Gàidhlig at Mharsanta to get everyone ready for the week ahead. A great group of folk gathered to round off the night – we are well and truly ready for Seachdain na Gàidhlig now!

 

TRÌ Latha Ri Dhol! // 3 Days To Go!

Tha e gu math doirbh a chreids gum bi Seachdain na Gàidhlig oirnn ann am beagan làithean. Tha còrr is 100 tachartas sa mhìosachan a-nis agus deagh mheasgachadh de ghnìomhachd is chuspairean nam measg! Faic na bhios a’ dol san sgìre agaibh fhèin an seo agus innis dhuinn ma tha tachartas fainear dhuibh. Tha sibh uile a’ dèanamh obair ionmhalta ann a bhith ag ullachadh airson na seachdain agus bu chaomh leinn ur moladh. Cha bhiodh Seachdain na Gàidhlig ann às ur n-aonais!

Tha sinn fhathast a’ sireadh lèine-T oifigeil airson Seachdain na Gàidhlig 2024 – ma tha sibh fo aois 18, thoir sùil an seo airson riaghailtean na farpais.

Cuimhnichibh gu bheil ultach de ghoireasan againn airson ur cuideachadh tron t-seachdain, o phostairean gu suaicheantasan gu planaichean foghlaim. Gheibh sibh iad uile an seo, agus ma bhios sibh a’ cleachdadh mheadhanan sòisealta, cuir tag oirnn @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) agus cleachd #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig agus #cleachdi. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn na nì sibh!

Ma tha sibh airson tìodhlac a thabhann do Sheachdain na Gàidhlig airson goireasan a leasachadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air a’ Ghàidhlig, brùth an seo. Nì a h-uile sgilling diofar agus tha sinn air leth taingeil airson ur taic leantainneach.

//

It is hard to imagine that Seachdain na Gàidhlig is now only a matter of days away. We now have more than 100 events submitted into the calendar with a vast and exciting range of activity – take a look here and see what’s happening in your area, and remember there’s still time to submit your own. You have all undertaken a huge amount of work to prepare for the week and we would like to thank you for this. Seachdain na Gàidhlig wouldn’t happen without you!

We are still seeking an official T-shirt design for Seachdain na Gàidhlig 2024 – if you’re under 18 take a look here for the rules of the competition.

We have a load of resources available on our website to help you to take part in Seachdain na Gàidhlig, from posters to logos to education planners. You can find them all here, and if you use social media don’t forget to tag us @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) and use #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig, #Gaelic and #cleachdi. We are so excited to see how you get on!

To donate towards Seachdain na Gàidhlig’s continuing work in developing resources and ensuring everyone has access to Gaelic, please click here. We appreciate every penny and your donation will make a difference.

 

Deoch an Dorais // One for the Road

Tha Seachdain na Gàidhlig a’ toirt cuireadh dhuibh tighinn còmhla rinn an-dèidh dhuaisean FilmG an ath-sheachdain gus cothrom fhaighinn cruinneachadh còmhla, a’ cabadaich sa Ghàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.

Cuin? Diardaoin 16 Gearran, 10f – anmoch

Càite? Mharsanta, Bell Street

Bhiodh sinn cho toilichte ur faicinn ann!

//

Seachdain na Gàidhlig invites you to an informal gathering after the FilmG awards next week, where we’ll be coming together to chat in Gaelic and continue an enjoyable and social evening.

When? Thursday 16th February, 10pm – late

Where? Mharsanta, Bell Street

We’d love to see you there!

Tabhartasan a bharrachd // Further Small Grants Fund Awardees

Le poit-airgid a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, chaidh againn air tabhartasan a thoirt do ghrunn thagraichean eile a chuir a-steach airson Maoin nan Tabhartas Beag.

Fhuair sinn 63 iarrtas uile-gu-lèir agus tha sinn cho toilichte gun d’ fhuair sinn air feadhainn a bharrachd a mhaoineachadh. Ceud taing do Bhòrd na Gàidhlig! Feuch gun toir sibh sùil air a’ mhìosachan an seo gus am faic sibh na bhios a’ dol san sgìre agaibh fhèin tro Sheachdain na Gàidhlig – agus cuir tachartas sam bith a tha fainear dhuibh fhèin ann cuideachd!

//

After securing further funding from Bòrd na Gàidhlig, we have been able to fund a further round of Small Grants Fund applicants. We received 63 applications altogether and we are so happy to have been given the opportunity to assist a number of events and projects. Huge thanks to Bòrd na Gàidhlig!

Make sure you visit the online calendar here to see what events will be going on in your area during Seachdain na Gàidhlig – and don’t forget to add your own!

Cuir Taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig

Tha sinn air ar dòigh leis mar a tha sibh uile air gabhail ri Seachdain na Gàidhlig, ag ullachadh thachartasan ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha agus nas fhaide air falbh.

’S ann leibhse a tha an seachdain agus tha e na thlachd agus na bhlàthachadh-cridhe dhuinn gu bheil sibh a’ coinneachadh gus fèill a dhèanamh air ar cànan, ar dualchas agus ar cultar.

Tha e riatanach gun cùm an obair aig Seachain na Gàidhlig a’ dol fad na bliadhna, a’ cruthachadh ghoireasan is susbaint a bheir cothrom dhan a h-uile duine Gàidhlig ionnsachadh. Tha taic a dhìth bhuaibhse. Ma tha sibh a’ smaoineachadh gum b’ urrainn dhuinn fiù not no dhà a thabhann do Sheachdain na Gàidhlig, nach tadhail sibh air https://handsupfortrad.enthuse.com/sng#!/ agus cumaidh sinn fios ribh air mar a chuidicheas gach sgilling sinn. Tapadh leibh!

//

We are delighted with how you have all embraced Seachdain na Gàidhlig, organising events in communites across the country and further afield. The week is yours and it has been heartwarming for us to see how you are planning on celebrating our language, culture and heritage together. 

It is essential that Seachdain na Gàidhlig’s work continues throughout the year, developing resources and content to make Gaelic accessible to all. For this we need your help. If you feel you could contribute towards Seachdain na Gàidhlig, please consider donating via this link https://handsupfortrad.enthuse.com/sng and in return we will keep you up to date with all the latest news and developments. Thank you!

Plana Gàidhlig Ùr aig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba // New Gaelic Plan for SQA

Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba air Plana Gàidhlig ùr fhoillseachadh airson 2022-25. Tha am plana ag amas air iomhaigh na Gàidhlig a thogail ann an obair a’ bhuidhinn agus ann an conaltradh làitheil, agus air feumalachdan luchd-teagaisg, luchd-ionnsachaidh agus a h-uile duine a bhios ag obair ann am foghlam.

Leugh tuilleadh mun phlana an seo: https://buff.ly/3HyBP6r

Cuimhnichibh cuideachd gu bheil goireasan foghlaim aig Seachdain na Gaidhlig gus ur cuideachadh pairt a ghabhail san t-seachdain – gabhaidh iad seo an cleachdadh tron bhliadhna cuideachd. Faic an seo iad: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

//

The Scottish Qualifications Authority has published a new Gaelic Plan for 2022-25. The plan aims to raise the profile of Gaelic and increase communication within the organisation’s operation, and to meet the needs of teachers, learners and all involved in education.

Find out more here: https://buff.ly/3HyBP6r

Remember that Seachdain na Gàidhlig has educational resources to assist you in taking part in the week – these are suitable for year-round use as well. Find the resources here: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

 

Dàrna Thosgaire airson Seachdain na Gàidhlig // Seachdain na Gàidhlig’s Second Ambassador

Tha sinn air ar doigh tosgaire eile ainmeachadh airson Seachdain na Gàidhlig –  cuideigin air am bi sibh uabhasach eòlach ma bhios sibh a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta!

’S e neach-ealain ioma-chuspaireil is neach-cruthachaidh susbaint a th’ ann an  Choirstaidh Iona NicArtair (@choirstaidhiona.jpeg). ’S ann à Grianaig a tha i, is i nise a’ fuireach is ag obair ann an Glaschu. Bha NicArtair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bho aois 2-18, an toiseach aig Sgoil-àraich is bun-sgoil Acadamaidh nan Gàidheal is an uair sin Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Ann an 2018, cheumnaich NicArtair bho Sgoil Ealain Ghlaschu le BA le Urram anns na h-Ealainean Saora. ’S e cultair is cànan na Gàidhlig, beul-aithris na h-Alba is Èirinn, bròn, gaol, is leanabas na priomh chuspairean anns an obair ealain aice. 

Ann an 2021, chaidh Choirstaidh ainmeachadh mar Thosgaire Òg na Bliadhna aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba son an obair aice air na meadhanan soisealta, an-dèidh a bhith ann an prògram ealain do chloinn air BBC ALBA leis an t-ainm “A’ Chùil” san aon bhliadhna. Ann an 2022, chaidh pos tèatar didseatach a  choimiseanadh le Theatre Gu Leòr mar pàirt de ‘Ceangal/Cwlwm’, leis an t-ainm  “NicFiona”. Ann an NicFiona, bidh Choirstaidh ag innse na sgeulachdan aig ceathrar bhoireannach san teaghlach aice, aig an aon àm ag innse eachdraidh sòisealta  nam ban bho’n chlas-obrach ann an Inbhir Chluaidh.

Aig deireadh na bliadhna sa chaidh, còmhla ri Billy McArtair, a bràthair, rinn  Choirstaidh film goirid sa Ghàidhlig leis an t-ainm “Priob”, a chaidh a mholadh airson 4 duaisean FilmG am-bliadhna sa. 

Mu dheidhinn a bhith na tosgaire airson Seachdain na Gàidhlig, thuirt Choirstaidh: ‘Mar sgoilear FtMG a thainig gu Gàidhlig an-dèidh dhi bàsachadh linntean air ais nam theaghlach, bhean e gu mòr ri mo chridhe a bhith ainmichte mar thosgaire son Seachdain na Gàidhlig! Nuair bha mi na b’ òige, cha robh mi tric a’ faireachdainn mar an seòrsa Gaidheal “ceart” gu tòrr dhaoine, mar sin tha mi nise moiteil gu bheil an cothrom agam gu tric a bhith ag innse dhan a h-uile neach aig a bheil Gàidhlig, no fiù ‘s gaol airson na Gàidhlig, gum buin iad do choimhearsnachd na Gàidhlig gu bràth!’

//

We are delighted to announce our second ambassador for Seachdain na Gàidhlig – someone you will be very familiar with if you’re active on social media!

Choirstaidh Iona NicArtair (@choirstaidhiona.jpeg) is a Gaelic-speaking  multidisciplinary artist and content creator from Greenock, living and working in Glasgow. NicArtair attended Gaelic Medium Education from 2-18, first at Highlanders’ Academy Nursery and Primary School in Greenock, then Glasgow Gaelic High School. In 2018, NicArtair graduated from the Glasgow School of Art with a BA (Hons) in Painting and Printmaking. Her artwork mainly centres around Gaelic language and culture, Scottish and Irish folklore, grief, love, and childhood. 

In 2021 she was named the Young Gaelic Ambassador of the Year by Bòrd na  Gàidhlig at the Gaelic Awards for her work on her social media platforms, after starring in BBC ALBA’s “A’ Chùil”, a children’s art series in the same year. In 2022, Choirstaidh was commissioned by Theatre Gu Leòr to produce a piece of digital theatre for the ‘Ceangal/Cwlwm’ project, entitled ‘NicFiona’. ‘NicFiona’ follows four generations of women from NicArtair’s family while documenting the social history of the working class women of Inverclyde.

Towards the end of last year, in collaboration with her brother, musician Billy  McArthur, Choirstaidh produced an animated short film called ‘Priob’ in Scottish Gaelic, which is up for four awards at this year’s FilmG Awards.

About being named ambassador for Seachdain na Gàidhlig, Choirstaidh said: ‘As someone who learned Gaelic in school after it died out in our family generations ago, being recognised as an ambassador for Seachdain na Gàidhlig is really touching! I often felt growing up that I wasn’t the right kind of Gael for many people, so every chance I get now, I want to show everyone who loves and  shares our language and culture that they belong, whoever they are and whatever brought them here!’

A’ Chiad Thosgaire airson Seachdain na Gàidhlig // Seachdain na Gàidhlig’s First Ambassador

Tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gu bheil dithis thosgaire gu bhith againn airson Seachdain na Gàidhlig agus seo agaibh a’ chiad fhear dhiubh sin – Iain Urchadan! Bidh na tosgairean againn a’ deanamh oidhirp air daoine air feadh na dùthcha a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail san t-seachdain. Aithnichidh sibh Iain is e cuideachd ainmichte mar Thosgaire na Gàidhlig aig Mòd Pheairt 2022.

Rugadh Iain D. Urchardan ann an 1966 is thogadh e ann am Bòirseam, Eilean na Hearadh. Bha
Gàidhlig aig a h-uile neach sa bhaile aige agus b’ fheudar dha Beurla ionnsachadh nuair a chaidh e
dhan sgoil. Cheumnaich Iain le Urram à sgoil Ealain Ghlaschu ’s à Oilthigh Obar Dheathain. Ann an
1989 thionndaidh e gu craoladh. Bha e na phreasantair air radio ’s TV aig a’ BhBC agus bha e ag
obrachadh dhaibhsan làn-ùine gu 1993. An uair sin thòisich e air trèanadh airson a bhith na
Mhinistear ann an Eaglais na h-Alba, obair a rinn e ann an Glaschu, Eilean Bharraigh is san Eilean
Sgitheanach gu 2010. A-nis tha e na Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ’s na phreasantair air pod-
chraolaidhean mar ‘Beag air Bheag’ is ‘SpeakGaelic’. Tha dà leabhar de na sgeulachdan-goirid aig Iain
an clò: ‘Breab, Breab, Breab’ (2017) agus ‘Air an Oir’ (2020). Choisinn ‘Turas’, a’ chiad
chruinneachadh de bhàrdachd aige, Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2019. Tha Iain pòsta aig Muireall
’s tha triùir chloinne aca: Mairead, Eòin is Sìleas.

Thuirt Iain, ‘Tha mi uabhasach toilichte ’s taingeil a bhith nam thosgaire do Sheachdain na Gàidhlig. B’ i a’ Ghàidhlig mo chiad chànan ’s tha mi air a bhith ga cluinntinn, ga cleachdadh ’s ga cur gu feum fad mo bheatha. Tha Seachdain na Gàidhlig a’ toirt cothrom sgoinneil dhomh a bhith a’ misneachadh dhaoine eile gus a cleachdadh – le toileachas is le taingealachd – cuideachd. Mar sin, ‘Suas, suas, suas leis a’ Ghàidhlig’!’

//

We are delighted to introduce you to John Urquhart, one of our two ambassadors for Seachdain na Gàidhlig, who will play a special part in promoting the week and will bring their own events to the fore to ensure participation is at its fullest and most enthusiastic. You’ll also know John as the Gaelic Ambassador of the Perth Mòd 2022!

John D. Urquhart was born in 1966 and was brought up in Borsham, Isle of Harris. All his neighbours
were native Gaelic speakers and he had to be taught English when he went to primary school. John
graduated with honours from Glasgow School of Art and the University of Aberdeen. In 1989 he
started broadcasting, full-time, with the BBC as a radio and TV presenter and worked for them until
1993. Then he began training for the Ministry in the Church of Scotland, work he undertook in
Glasgow, the Isle of Barra and the Isle of Skye until 2010. These days he’s a lecturer at Sabhal Mòr
Ostaig and he has presented podcasts such as ‘Beag air Bheag’ and ‘SpeakGaelic’. John has had two
collections of his short stories published: ‘Breab, Breab, Breab’ (2017) and ‘Air an Oir’ (2020). ‘Turas’
his first collection of poetry won the Donald Meek Award in 2019. John is married to Muriel, and
they have three children: Mairead, Eòin and Sìleas.

John said, ‘I’m truly delighted and thankful to be an Ambassador for Seachdain na Gàidhlig. Gaelic is my mother tongue and I’ve heard, spoken, and made use of Gaelic all my life. Seachdain na Gàidhlig gives me a brilliant opportunity to encourage others to hear, speak and use Gaelic – with delight and thankfulness – too. So, onwards and upwards with Gaelic!’

Seachdain nan Cànan, Alba // Languages Week Scotland 2023

Thèid Seachdain nan Cànan an Alba, ga ruith le SCILT (Ionad Cànain Nàiseanta na h-Alba), a chumail eadar 30 Faoilleach – 3 Gearran, a’ dèanamh gàirdeachas air ionnsachadh is labhairt chànanan air feadh na dùthcha.

Thathar an dùil gun tèid fèill a dhèanamh air mar a bhios cànanan gar n-ullachadh mar dhaoine fa-leth agus mar choimhearsnachdan shìtheil air feadh an t-saoghail. Tha fàilte ro ionadan foghlaim, buidhnean coimhearsnachd, buidhnean ealain agus spòrs, iomairtean sòisealta agus gnothachasan beag is mòr pàirt a ghabhail.

Lean an taga-hais #ScotlandLovesLanguages agus an cunntas @LangsWeekScot. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air làrach-lìn SCILT.

//

Languages Week Scotland, delivered by SCILT (Scotland’s National Centre for Languages) is a celebration of language learning and multilingualism in Scotland. Now in its fifth year, Languages Week Scotland 2023 will take place from 30 January – 3 February and will be a week of activity across the country.

Languages Week Scotland 2023 aims to celebrate how languages – spoken and signed – equip us as individuals and as a society to contribute to a peaceful world. Educational establishments, community-based groups, arts and sports organisations, social enterprises and businesses – large and small – are invited to engage with the week.

Get involved and follow the hashtag #ScotlandLovesLanguages and the dedicated Twitter account @LangsWeekScot.

For more information check out SCILT’s website.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here