100+ Tachartas air Seachdain na Gàidhlig 2023 // 100+ Events for Seachdain na Gàidhlig 2023

Thèid barrachd air 100 tachartas a chumail an ath-sheachdain air feadh na h-Alba fad Seachdain na Gàidhlig – dè nì thu fhèin?

Tha sinn a-nis an dùil ri barrachd air 100 tachartas is pròiseact rè Seachdain na Gàidhlig 2023,  eadar ball-coise, filmichean is cèilidhean, do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus an t-saoghail eadar 20mh agus 26mh dhen Ghearran 2023. Chuir iad air bhog roghadh is taghadh de ghoireasan air loidhne agus tha an luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil mòran dhaoine, bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile a’ clàradh nan tachartasan aca fhathast airson prògram na bliadhna-sa.

’S e A’ tighinn còmhla sluagh-ghairm Seachdain na Gàidhlig 2023 is tha e airson daoine a thoirt cruinn sna coimhearsnachdan aca fhèin airson soirbheas ciad Seachdain na Gàidhlig ann an 2022 a chumail a’ dol. Chuir Seachdain na Gàidhlig an cèill o chionn goirid gu bheil dà thosgaire ùr aca, Choirstaidh Iona NicArtair, tè a tha an sàs iomadh ealain agus Iain Urchadain a tha na chraoladair, òraidiche agus bàrd, agus tha e a’ toirt cruinn daoine, ge be cò iad no cò às a bheil iad, a bhrosnachadh, a chleachdadh agus a dh’ionnsachadh na Gàidhlig, slighe lìonra de thachartasan co-òrdanaichte air loidhne agus far loidhne, taing do thaic Bhòrd na Gàidhlig.

Tha am prògram seo a’ toirt brosnachadh do dhuine sam bith tachartas a chur air dòigh no a ruith iad fhèin mar phàirt dhen t-seachdain agus, a’ chiad uair am bliadhna, le pròiseactan a fhuair maoineachadh dìreach o Sheachdain na Gàidhlig tro mhaoin nan tabhartasan beaga aca.

Fhuair sinn barrachd air 60 tagradh airson tabhartasan agus sgrùd panail de dhaoine iad seo, a’ gabhail a-staigh Joy Dunlop, Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig agus Art MacCormaig, Àrd-oifigear Gnìomha aig Fèisean nan Gàidheal; agus chaidh 51 pròiseact a chur air dòigh mar phàirt dhen phrògram ùr a bheir seachad maoineachadh dìreach.

Am measg nan tachartasan maoinichte a chaidh fhoillseachadh san sgeideal air an làrach-lìn aca tha bùth-obrach le Albannach Òg a theagasgas mar a bhios tu nad chruthadair susbaint Ghàidhlig agus “Loch Abar Beò!” le Màiri Anna NicUalraig o Watercolour Music air an 25mh latha dhen Ghearran. Latha de sheiseanan ciùil thradaiseanta, cearclan còmhraidh Gàidhlig aig gach ìre, prosbaig air ceòl is film agus sàr chuirm-chiùil aig an deireadh le ceithir sàr dhithisean ciùil o chridhe Loch Abar. Aig deireadh na seachdaine, bidh “Fàilte @ Bonjour” ann an Glaschu Didòmhnaich 26mh dhen Ghearran dhan fheadhainn aig cridhe a’ bhaile, a’ gabhail a-staigh panail leis an tè-rannsachaidh Iona Mercer, tè-chiùil Josie NicDhonnchaidh, cruthadair susbaint Etta May Olley agus riochdairean a’ Chomuinn Oiseanaich agus Cuèir agus Còmhla, a’ crìochnachadh le pàrtaidh le tè-ealain draga Purina Alpha agus ceòl le DJ; Danyo.

Tha na h-eagraichean aig Seachdain na Gàidhlig air am bioran buileach leis na fhuair iad de fhreagairtean o fheadh na h-Alba agus an t-saoghail.

Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop:“Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil barrachd air 100 tachartas gu bhi againn san dàrna bliadhna de Sheachdain na Gàidhlig, 51 dhiubh air am maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga againn. Tha na beachd-smuaintean is planaichean a tha daoine a’ cur thugainn o cheithir ceàrnan an t-saoghail a’ toirt sìor bhrosnachadh dhuinn; agus cha bhiodh a’ mhòrchuid dhiubh ann as aonais a’ mhaoineachaidh a bharrachd a thug Bòrd na Gàidhlig dhuinn.

“Ma tha daoine eile ann a tha airson tachartas a chur air chois fhathast, tadhlaibh air an làrach-lìn oifigeach againnwww.seachdainnagaidhlig.scot, agus dèanaibh feum dhe na goireasan taice an-asgaidh againn. No ma tha cuideigin airson ciad cheum a thoirt air an turas Ghàidhlig aca fhèin ’s iad an imcheist mu na nì iad, cuiribh fios thugainn tron làrach-lìn againn – tha sinn deas ri do làimh gus do chuideachadh.”

Bidh daoine cuideachd a’ tighinn cruinn air loidhne, le bhith a’ co-roinneadh puist, stiùireadh fuaimneachaidh, dealbhan is videothan leis an taga-hais #SeachdainNaGàidhlig, le luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine a tha dèidheil air a’ chànan a’ cruinneachadh mar choimhearsnachdan air loidhne agus far loidhne air feadh an t-saoghail; a’ toirt brosnachadh do dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail is cothrom air a’ Ghàidhlig a thoirt do bharrachd dhaoine.

Tha Seachdain na Gàidhlig 2023 a’ cumail taic ri luchd-teagaisg is iad air pacaidean foghlaim coileanta a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis an taigh-fhoillseachaidh fhoghlaim Twinkl airson ’s gum bi e nas fhasa do thidsearan is daoine òga a dhol an sàs na h-iomairt. Tha na gnìomhachdan is goireasan seo a’ gabhail a-staigh planadairean tidseir, susbaint is gnìomhachdan a mholamaid do sgoilearan aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile, an dà chuid dhan fheadhainn ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile tidsear is sgoilear a dhol an sàs ann, ged a tha iad fileanta no dìreach air tòiseachadh leis a’ chànan.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann-maoineachaidh aig Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris Seachdain na Gàidhlig a-rithist an dèidh na seachdain ro-shoirbheachail a bh’ aca sa chiad bhliadhna aca. Tha an t-seachdain seo a’ comharradh gach rud a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – luchd-bruidhinn, luchd-ionnsachaidh, luchd-taice, an cànan, an cultar, na h-ealain, an ceòl agus an dualchas agus tha sinn air ar bioran prògram na bliadhna-sa fhaicinn. Thug sgeama maoin nan tachartasan beaga, luach £24,000, cothrom do bharrachd bhuidhnean tachartasan a chur air chois sna coimhearsnachdan aca fhèin agus thug e toileachas mòr dhuinn uiread a thagraidhean fhaicinn. A dh’aon inntinn le amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, brosnaichidh, comharraichidh agus àbhaistichidh an t-seachdain seo a’ Ghàidhlig agus cuiridh e ri deagh shunnd dhaoine agus cruthaichidh agus neartaichidh i dàimhean Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Chì sinn ann sibh!”

A’ togail air soirbheas na ciad seachdain ann an 2022 agus na h-iomairt #LàAbairtNaGàidhlig air loidhne, chuir Seachdain na Gàidhlig 2023, fo stiùir buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba Hands Up For Trad, air bhog pailteas de dh’iomairtean ùra am bliadhna. Airson cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chomharradh agus a bhrosnachadh san raon chultarach agus san raon choimeirsealta, chaidh iomadh goireas fhoillseachadh air loidhne a chumas taic ri iomairtean foghlaim, margaideachd agus dàimhean poblach, agus chaidh maoin nan tabhartasan beaga a stèidheachadh a bheir seachad meanbh thabhartasan suas ri £500 do dh’iomairtean.  

Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up For Trad, am buidheann cultarach Albannach a tha stèidhich is a ruitheas Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn glè thoilichte gun tug Bòrd na Gàidhlig taic dhan phròiseict seo a tha a’ freagairt air na h-amasan aig Hands Up for Trad a thaobh taic do chultar is cànan na Gàidhlig.”

Airson gach tachartas is dòighean air an gabhar pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air:www.seachdainnagaidhlig.scot

Airson goireasan foghlaim, tadhail air: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

Lean rinn sna meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig  / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Lorg na tagaichean-hais a leanas: #SeachdainNaGàidhlig  #Gàidhlig  #Gaelic  #cleachdi

//

Over 100 events kick off next week throughout Scotland for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) – how will you get involved?

Seachdain na Gàidhlig 2023, pronounced “SHACH-keen na GAA-lik” (with the ‘ch’ said like loch), now has over 100 events and projects, from Football and Films to Ceilidhs, for communities across Scotland, and the world, to get involved in from 20th to 26thFebruary 2023. They have launched a wide range of online resources, and organisers say registrations for events from individuals, community groups and organisations are still coming in thick and fast for this year’s programme.

With the overarching theme of Coming Together, Seachdain na Gàidhlig 2023 is prioritising uniting people within their own communities to build on itsinaugural 2022 success. Seachdain na Gàidhlig has recently announced two new Ambassadors, multi-disciplinary artist; Choirstaidh Iona NicArtair, plus Broadcaster, Lecturer and Poet; John Urquhart, and connects people from all walks of life across the world to promote, use and learn Gaelic, through a coordinated network of activities online and in-person, thanks to support from Bòrd na Gàidhlig.

The programme invites anybody to organise / run their own event as part of the week and, for the first time, features projects directly funded by Seachdain na Gàidhlig through their Small Grants Fund.

Over 60 grant applications were received and checked by a panel including Joy Dunlop, with Steven Kellow, Funding and Projects Officer at Bòrd na Gàidhlig and Arthur Cormack, Chief Executive Officer, Fèisean nan Gàidheal; and 51 funded projects have been launched as part of the new programme of directly-funded events.

The final list of funded events to be announced in the week’s schedule on their website includes a Young Scot workshop on how to be a Gaelic Content Creator, and Loch Abar Beò!; by Màiri Anna NicUalraig (Mary Ann Kennedy) of Watercolour Music on 25th February. A pop-up Gàidhealtachd for Fort William at the beautiful Highland Cinema, featuring Trad sessions, Gaelic conversation circles for all levels, Music & Film Showcases, finishing with a stellar concert featuring four great Gaelic duos, Ewen Henderson & Gary Innes, Rachel Walker & Aaron Jones; Ingrid Henderson & Iain MacFarlane, and Mary Ann Kennedy & Finlay Wells. Fàilte @ Bonjour’, in Glasgow, will round off the week on Sunday 26th February for those in the city centre, with a panel including Researcher Iona Mercer, Musician Josie Duncan, Content Creator Etta May Olley and representatives from Comunn Oiseanach, and Cuèir agus Còmhla, before a party featuring performance by drag artist Purina Alpha and music by DJ; Danyo.

Event organisers at Seachdain na Gàidhlig – which, when translated into English, means World Gaelic Weekhave been thrilled at the response from all over Scotland and beyond.

Seachdain na Gàidhlig Director Joy Dunlop said: “To have over 100 events taking place in the second ever Seachdain na Gàidhlig, 51 of them funded through our Small Grants Fund, is just phenomenal. We continue to be inspired by the ideas and plans coming to us from across the globe; most of which wouldn’t have been possible without the extra funding allocated to us by Bòrd na Gàidhlig.

For anyone else who would still like to hold their own event, please visit our official website www.seachdainnagaidhlig.scot, and utilise our free support resources. Or if you’d like to take that first step on your Gaelic journey but don’t know how, do contact us through our website – we’re here to help.

People will also connect online by sharing posts, phonetics and pronunciations, images and videos using the hashtag #SeachdainNaGàidhlig, as Gaelic speakers and enthusiasts connect with both physical and virtual communities worldwide; encouraging individuals, businesses, and wider community groups to get involved and break down barriers.

Educators are being supported by Seachdain na Gàidhlig 2023 who have developed comprehensive education packs in partnership with educational publishing house, Twinkl, to help teachers and young people engage with the initiative. The activities and resources include teacher planners, suggested content and activities aimed at both primary and secondary levels for both Gàidhlig medium and Gaelic Learners – ensuring that all children and teachers can get involved, whether they are fluent or just starting their journey with the language.

Shona NicIllinnein, Ceannard at Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig’s main funders, said: “We are delighted to support Seachdain na Gàidhlig again following on from the resounding success of its first year. This week celebrates everything about Gaelic –speakers, learners and supporters, the language, the culture, the arts, music and heritage and we are very much looking forward to this year’s offering. The Small Events Fund Scheme worth £24,000 will have enabled more groups to host their own events in their communities and we are hugely encouraged by the number of applicants. In line with the aims of the National Gaelic Language Plan, this week helps to promote, celebrate and normalise Gaelic as well as contribute to wellbeing and creating and strengthening connections in Gaelic worldwide. Chìsinn ann sibh!”

Building upon the success of their inaugural 2022 event, and their online campaign #SayAGaelicPhraseDay, Seachdain na Gàidhlig 2023 is facilitated by Scottish traditional culture and music organisation Hands Up For Trad, wholaunched a raft of new initiatives this year. To celebrate and promote the importance and use of Gaelic within both cultural and commercial landscapes, various resources have been published online to help with education, marketing, and public relations, plus the new Small Grants Fund was introduced, awarding Micro-Grants of up to £500 to support initiatives.

Simon Thoumire, Director of Hands Up For Trad, the Scottish cultural organisation that founded and runs Seachdain na Gàidhlig, said: “We are really happy that Bord Na Gàidhlig have supported this project, which fits with Hands Up For Trad’s aims of supporting Gaelic culture and language.”

For all events & ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2023, visit:www.seachdainnagaidhlig.scot

For education resources visit: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/

Follow on social media: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Search Hashtags: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here