Mu ar deidhinn
’S e iomairt ùr a th’ ann an Seachdain na Gàidhlig, fo stiùir buidheann ealain Hands Up For Trad.
Chaidh a stèidheachadh airson cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh is a leasachadh, le taic o Bòrd na Gàidhlig agus ’s iad seo na trì prìomh amasan aice:
- Spionnadh a chur ann an togail is cleachdadh na Gàidhlig
- Spionnadh a chur ann an ionnsachadh na Gàidhlig
- Ìomhaigh dheimhinneach na Gàidhlig a bhrosnachadh
Bidh dà phrìomh shruth aig an t-seachdain: prògram oifigeach de thachartasan, le clàr-ama suidhichte de dh’agallamhan, taisbeantasan is còmhraidhean a thèid a chur air chois ann an co-bhonn le com-pàirtichean o iomadh raon. ’S e measgachadh de thachartasan aghaidh ri aghaidh agus air loidhne a bhios annta (a rèir nan riaghailtean iomchaidh a thaobh Covid-19) agus bheir iad seo cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig ceanglaichean a stèidheachadh ri daoine agus coimhearsnachdan biortail.
San t-sruth eile bidh prògram de thachartasan ionadail, le taic stòras de ghoireasan a bheir comas do bhuidhnean coimhearsnachd, ùghdarrasan ionadail, sgoiltean, leabharlannan is diofar buidhnean eile pàirt a ghabhail aig ìre na coimhearsnachd.
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Tha Seachdain na Gàidhlig air a cho-òrdanachadh le Hands Up For Trad, Carthannas Albannach Àireamh 035 190.



