TRÌ Latha Ri Dhol! // 3 Days To Go!

Tha e gu math doirbh a chreids gum bi Seachdain na Gàidhlig oirnn ann am beagan làithean. Tha còrr is 100 tachartas sa mhìosachan a-nis agus deagh mheasgachadh de ghnìomhachd is chuspairean nam measg! Faic na bhios a’ dol san sgìre agaibh fhèin an seo agus innis dhuinn ma tha tachartas fainear dhuibh. Tha sibh uile a’ dèanamh obair ionmhalta ann a bhith ag ullachadh airson na seachdain agus bu chaomh leinn ur moladh. Cha bhiodh Seachdain na Gàidhlig ann às ur n-aonais!

Tha sinn fhathast a’ sireadh lèine-T oifigeil airson Seachdain na Gàidhlig 2024 – ma tha sibh fo aois 18, thoir sùil an seo airson riaghailtean na farpais.

Cuimhnichibh gu bheil ultach de ghoireasan againn airson ur cuideachadh tron t-seachdain, o phostairean gu suaicheantasan gu planaichean foghlaim. Gheibh sibh iad uile an seo, agus ma bhios sibh a’ cleachdadh mheadhanan sòisealta, cuir tag oirnn @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) agus cleachd #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig agus #cleachdi. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn na nì sibh!

Ma tha sibh airson tìodhlac a thabhann do Sheachdain na Gàidhlig airson goireasan a leasachadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air a’ Ghàidhlig, brùth an seo. Nì a h-uile sgilling diofar agus tha sinn air leth taingeil airson ur taic leantainneach.

//

It is hard to imagine that Seachdain na Gàidhlig is now only a matter of days away. We now have more than 100 events submitted into the calendar with a vast and exciting range of activity – take a look here and see what’s happening in your area, and remember there’s still time to submit your own. You have all undertaken a huge amount of work to prepare for the week and we would like to thank you for this. Seachdain na Gàidhlig wouldn’t happen without you!

We are still seeking an official T-shirt design for Seachdain na Gàidhlig 2024 – if you’re under 18 take a look here for the rules of the competition.

We have a load of resources available on our website to help you to take part in Seachdain na Gàidhlig, from posters to logos to education planners. You can find them all here, and if you use social media don’t forget to tag us @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) and use #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig, #Gaelic and #cleachdi. We are so excited to see how you get on!

To donate towards Seachdain na Gàidhlig’s continuing work in developing resources and ensuring everyone has access to Gaelic, please click here. We appreciate every penny and your donation will make a difference.

 

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here