A’ sgriosadh nan ròlaistean mun Ghàidhlig: A’ dì-bhreugnachadh fionn-sgeul a’ chrìonaidh
Tha breug-sgeul a’ dol cuairt fhathast gu bheil Gàidhlig a’ faighinn bàs ann an Alba. Ach chan eil sin fìor idir idir. Ged a dh’èirich iomadh dùbhlan dhan Ghàidhlig thairis air na linntean, ’s e sgeul ath-leumachd, ath-bheòthachaidh agus beòthalachd a th’ ann an-diugh.
Eadar ùrlaran digiteach is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tachartasan mòra agus iomairtean cultarail mar Sheachdain na Gàidhlig, tha fianais shoilleir ann: Chan eil a’ Ghàidhlig dìreach a’ mairsinn beò – tha i a’ soirbheachadh.
Cuireamaid às do ghrunn dhe na sgeulan-brèige mun Ghàidhlig!
“Chan eil daoine a’ faighinn teagasg sa Ghàidhlig tuilleadh”
Am measg clachan-stèidh mòra teachd-shaoghal na Gàidhlig tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) agus tha sin air a bhith a’ sìor fhàs air feadh na h-Alba on bhliadhna 1985. Eadar sgoiltean-àraich is àrd-sgoiltean, tha FTMG a’ toirt a’ mhòrchuid dhen fhoghlam aca do chlann tro mheadhan na Gàidhlig airson ’s gum fàs iad fileanta agus airson ’s gum bi ceangal domhain aca ri cultar is dualchas na h-Alba.
Tha àireamh nan sgoilearan ann an sgoiltean mar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ sìor fhàs, a’ sealltainn gu bheil fèill mhòr aig teaghlaichean air foghlam dà-chànanach.. Tha rannsachadh ag innse dhuinn gun tig buannachdan cognatach, sòisealta agus sgoilearach an lùib dà-chànanachais – agus sin as adhbhar gu bheil pàrantan cho dèidheil air FTMG, an dà chuid teaghlaichean le Gàidhlig is feadhainn a tha air ùr-thighinn dhan chànan.
Tha FTMG ro-chudromach taobh a-muigh nan sgoiltean cuideachd ann a bhith a’ toirt aghaidh air fionn-sgeul a’ chrìonaidh. Nì e cinnteach gum bi Gàidhlig aig an ath-ghinealach mar chànan beò a tha a’ sìor atharrachadh.
“Cha robh Gàidhlig aca an seo a-riamh”
Tha cuid a dhaoine a’ cumail a-mach nach robh a’ Ghàidhlig a-riamh beò gu h-eachdraidheil ach ann an sgìrean iomallach na Gàidhealtachd is nan eileanan. Tha an sgeul brèige seo a’ leigeil seachad eachdraidh luchd-labhairt na Gàidhlig a bha a’ fuireach agus ag obair gu soirbheachail air feadh na h-Alba, eadar bailtean tranga na Galldachd is cathraichean gnìomhachais Meadhan na h-Alba.
Can Glaschu. Ged nach e baile Gàidhealach a th’ ann an sùilean luchd an aineolais, bha sluagh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an seo aig àm. Thàinig mòran Ghàidheal a Ghlaschu rè nam Fuadaichean no an tòir obrach rè an tionndaidh ghnìomhachais agus thug iad leotha an cànan is an cultar. Tha ainmean-àite a’ bhaile a’ toirt fianais air an dìleab seo, mar eisimpleir Baile Nighean Sheadna (Shettleston sa Bheurla) agus Crois MoLiubha (Crossmyloof). Chan e dìreach litrichean air mapa a th’ annta – ’s e ceangal a th’ annta eadar sinne agus saoghal is sgeulachdan nan Gàidheal a bha a’ fuireach an seo o shean. Chan eil e na iongnadh gun canar Baile Mòr nan Gàidheal ris an àite!
Chan e cànan nan àitichean iomallach a th’ anns a’ Ghàidhlig, b’ i dlùth is inneach ann an clò chànanan na h-Alba aig àm. Ma thuigeas sinn na h-ainmean-àite seo, tuigidh sinn tìr is dualchas na h-Alba nas fheàrr. Tha iad a’ cur nar cuimhne nach e cànan Gallda a th’ innte sa mhòrchuid dhen dùthaich ach cànan aig a bheil freumhan domhain ann an eachdraidh, cruinn-eòlas is dearbh-aithne na dùthcha.
“Chan eil Gàidhlig ach aig sluagh fìor bheag”
’S e teicneolas aon dhe na h-innealan as cudromaiche ann an aiseirigh na Gàidhlig nar linn, a’ toirt cothrom air a’ chànan do luchd-èisteachd ùr air feadh an t-saoghail. Le aplacaidean ionnsachaidh mar Duolingo, tha cothrom ionnsachaidh air a’ chànan aig duine sam bith a-nis aig a bheil fòn tapaidh. On a chuir iad air bhog cùrsa na Gàidhlig aig deireadh 2019, chlàraich barrachd air dà mhillean neach-ionnsachaidh aca, mòran dhiubh thall thairis is iad airson eòlas nas fheàrr a thoirt air dualchas an sinnsirean tron chànan.
Mar an ceudna, tha iomairt Speak Gaelic, fo stiùir MG ALBA, a’ toirt cruinn goireasan eadar-ghnìomhach air loidhne, leasanan video agus pod-chraolaidhean airson ’s gum bi ionnsachadh a’ chànain nas tarraingiche agus nas ion-ghabhalaiche. Tha na goireasan an-asgaidh aca, na goireasan eadar-ghnìomhach air loidhne, leasanan video agus pod-chraolaidhean, a’ cumail taic an dà chuid ri luchd-tòiseachaidh is luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach. Tha na h-ùrlaran seo a’ toirt comas do dhaoine aig aois sam bith am bogadh sa chànan, co-dhiù airson ceangal ris an dualchas aca fhèin as ùr no airson tòiseachadh no ath-thòiseachadh le ionnsachadh na Gàidhlig aig astar a tha freagarrach dhaibh fhèin. Tha na h-ùrlaran seo nam fianais gu bheil Gàidhlig ann am beatha làitheil nam milleanan de dhaoine agus gu bheil i a’ fàs is a’ soirbheachadh san linn dhigiteach, a’ tàladh thuice luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg tradaiseanta.
Chunnaic sinn sa chunntas-sluaigh Albannach mu dheireadh gu bheil “comas Gàidhlig air choireigin” aig 2.5% dhen t-sluagh – sin fàs 21% air neo 130,000 neach. Agus thuirt 46,400 gun tuig iad Gàidhlig agus is ciall dha sin gun tuig 1 à 40 ann an Alba Gàidhlig co-dhiù gu ìre a-nis. Tha e a cheart cho dòchasach gun do dh’innis e dhuinn gu bheil còrr is 25,000 neach aig an robh co-dhiù ìre de Ghàidhlig fo aois 30 agus gur ann am measg coimhearsnachdan nam bailtean a bha am fàs as motha, a’ sealltainn dè cho neartmhor ’s a bhios fàs na Gàidhlig air feadh na h-Alba san àm ri teachd.
“Cha bhruidhnear is cha chluinnear Gàidhlig ann am beatha làitheil”
Chan eil na h-àireamhan leotha fhèin a’ toirt làn-dealbh dhuinn air neart na Gàidhlig – ach na coimhearsnachdan is còmhraidhean iad fhèin. Tha coimhearsnachdan ionadail agus air loidhne a’ cumail Gàidhlig beò fallain air feadh na h-Alba is an t-saoghail.
Cluinnear Gàidhlig ann an taighean-seinnse is cafaidhean, ann an sgoiltean, san àite-obrach is aig tachartasan. Tha an cànan a’ sìor fhàs sa phop-chultar agus cluinnear i air an rèidio ’s air an tbh is fiù ann am filmichean blockbuster. Air ùrlaran nam meadhanan sòisealta mar TikTok, tha luchd-brìgh is cruthadairean susbaint na Gàidhlig a’ cruinneachadh nam milleanan de views is luchd-leantainn eadar ceithir rannan ruadha an t-saoghail a tha airson a dhol an sàs a’ chànain is a h-ionnsachadh. Am measg na feadhainn as fheàrr leinne tha Calum MacGilleEathain, Coinneach MacBhaoighill agus Niamh NicFhionghain – dìreach airson iomradh a thoirt air ainm no dhà.
Agus leis mar a tha an fhèill air a’ chànan a’ sìor fhàs ann an saoghal a’ chiùil thradaiseanta, tha sin a’ cur a’ chànan bheò air beulaibh nam mìltean mòra cuideachd. Tha sluaghan mòra a’ faighinn cothrom air a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir tron cheòl aig Mànran san ionad as motha ann an Glaschu, an OVO Hydro agus Niteworks aig an O2 Academy.
Chì thu Gàidhlig, ge be càit an toirt thu sùil, buntainneach is togarrach agus le àite ro-luachmhor ann an teachd-shaoghal na h-Alba.
“Chan eil a’ Ghàidhlig cudromach ann an Alba ar làithean”
’S e adhbhar pròise agus co-mhuinntireis a tha sa Ghàidhlig dha na milleanan de dhaoine agus tha àite ro-luachmhor aice ann an dearbh-aithne na h-Alba.
Tha iomairtean a th’ air a bhith againn o chionn goirid a’ sealltainn dè cho mòr ’s a tha an fhèill air a’ chànan a’ fàs agus dè cho mòr ’s a bhuineas i dhar dùthaich an-diugh. Tha Là Abairt na Gàidhlig a’ toirt cruinn daoine o fheadh an t-saoghail, a’ dùsgadh còmhraidhean eadar Canada agus an t-Seapan, a’ dearbhadh nach eil a’ Ghàidhlig dìreach na clach-bhuaidh chultarach ach cuideachd na drochaid a’ cheanglas coimhearsnachdan ri chèile air feadh an t-saoghail.
Thuirt am Mòd Nàiseanta Rìoghail o chionn goirid gun do choisinn an t-Òban £3.6 millean an cois mòd 2024 agus gun do bhrosnaich e slàinte-inntinn nan daoine a bha an làthair gu mòr is e gam brosnachadh gu eadar-ghabhail sòisealta is càirdeas ùr. Tha na rudan seo uile a’ sealltainn dè cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig mar mhaoin eaconamach agus chultarach.
Chan eil fionn-sgeul a’ chrìonaidh a’ mì-riochdachadh beòthalachd na Gàidhlig ach cuideachd a’ dèanamh dearmad air na h-euchdan mòra a tha a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh. Tha fàs nan coimhearsnachdan, na mìltean mòra de luchd-ionnsachaidh ùr is na ceudan de luchd-tagraidh dìorrasach a’ fàgail na Gàidhlig na chànan beò, beòthail is soirbheachail.
Chan eil e gu diofar an robh i agad on ghlùin no a bheil thu nad neach-tòiseachaidh no dìreach cuideigin aig a bheil ùidh ann an cultar Albannach, cha robh àm nas fheàrr ann a-riamh roimhe airson a dhol an sàs na Gàidhlig.
Ionnsaich abairt, rach an sàs tachartais no cuir air chois gnìomhachd rè Seachdain na Gàidhlig is cuir ri sgeul ath-leumachd a’ chànain is cuir às dha na sgeulan brèige seo còmhla rinn.
Suas leis a’ Ghàidhlig! Tha an cànan beò!