Eadar Barraigh is Buenos Aires: Seachdain na Gàidhlig 2025 air Fàire
Eadar Barraigh is Buenos Aires: Chan eil fèill eadar-nàiseanta na Gàidhlig fad air falbh a-nis
Tha dealbhan is maoinean eile ri am faighinn an seo
Thèid a’ Ghàidhlig a chomharradh air feadh an t-saoghail ann am beagan làithean is Seachdain na Gàidhlig a’ tilleadh eadar an 24mh latha dhen Ghearran is an 2na latha dhen Mhàrt 2025.
Tha sinn a’ toirt brosnachadh dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail, eadar daoine aig an robh i fad am beatha agus luchd-ionnsachaidh dìorrasach agus feadhainn aig a bheil ùidh sa chànan agus ann an cultar na h-Alba.
Thèid tachartasan a chumail stèidhichte air cuspair na bliadhna – Ceanglaichean gun Chrìch – air feadh an t-saoghail eadar Barraigh is Buenos Aires.
Thuirt còrr is 170,000 neach sa chunntas-sluaigh Albannach mu dheireadh gu bheil Gàidhlig gu ìre aca no gun tuig iad no gum bruidhinn iad an cànan, tha àireamh an luchd-labhairt sna bailtean a’ fàs agus chlàraich barrachd air dà mhillean neach airson a’ chùrsa Gàidhlig air Duolingo – tha an fhèill air a’ chànan a’ sìor fhàs agus tha i a’ nochdadh ann am barrachd is barrachd àitichean.
Tha clàr-ama loma-làn le ceòl, seiseanan sgeulachdan, bùthan-obrach is deasbadan gu bhith ann fad seachdain a cheanglas coimhearsnachdan ri chèile, a dhùisgeas còmhradh agus a bheir brosnachadh dhan ath-ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Le còrr is 100 gnìomhachd air feadh an t-saoghail, tha sinn an dùil gun cuir tachartasan na bliadhna spionnadh mòr ann an neart is beòthalachd na Gàidhlig mar chànan beò.
Gabhaidh na ceudan de chlann-sgoile pàirt ann am bùthan-obrach air loidhne agus aghaidh ri aghaidh agus bheir Là Abairt na Gàidhlig cothrom do dhaoine air feadh an t-saoghail beagan Gàidhlig a chleachdadh sna meadhanan sòisealta Diardaoin 27mh dhen Ghearran.
Fhuair 60 buidheann air feadh na h-Alba agus thall thairis maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga, le taic Bhòrd na Gàidhlig, airson tachartasan is gnìomhachdan a chur air chois agus a thuilleadh air sin, tha na ceudan de dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean am beachd rudan a chur air chois iad fhèin rè na seachdaine.
Eadar oidhche do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Taigh-òsta na Pàirce (Glaschu) agus bùth-obrach seinn Ghàidhlig le Deirdre Ghreumach sa Chomraich, agus seisean furachais Gàidhlig air loidhne agus cèilidh a chomharraicheas Gàidhlig ann am Muile, bidh rudeigin ann do dhuine sam bith rè na seachdaine.
Cuiridh Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air chois Latha Lèintean-t na Gàidhlig 26mh dhen Ghearran, fhad ’s a bhios Ionad Sgeulachdan na h-Alba ri bùth-obrach òrain is sgeulachdan na Gàidhlig. Ann an Dùn Èideann, cuiridh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fàilte air còmhlan-ciùil Gàidhlig sianair Amadan airson oidhche ciùil is òran, seisean sgrìobhaidh chruthachail a bheir sùil air Guthan cuèir na Gàidhlig agus dealbh-chluich le sgoilearan P7 o Bhun-sgoil Taobh na Pàirce a dh’innseas sgeul Fuadaichean nan Gàidheal.
Ann an Aimeireaga a Deas, tha Argantain na Gàidhlig a’ cur air chois Buenos Aires Gaèlica – tachartas a chomharraicheas 200 bliadhna on a ràinig luchd-tuineachaidh Gàidhlig Buenos Aires, a’ togail aire do sgaoileadh eadar-nàiseanta a’ chànain.
Agus tillidh co-fharpais Inneal Mìmean na Gàidhlig air Facebook, iomairt as annsa le mòran.
Am measg thachartasan eile air an tug sinn iomradh roimhe ’s a fhuair maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig tha nasgadh eadar an t-seinneadair Ghàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain agus Refuweegee agus tha Cùm Alba Bòidheach a’ cur air chois sreath de thachartasan co-cheangailte ri ainmean-àite Gàidhlig.
Faodaidh daoine, sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile le comas sam bith de Ghàidhlig clàradh fhathast airson gnìomhachd a chur air chois nan coimhearsnachd fhèin a bhrosnaicheas an cànan is a thogas ceanglaichean. Faodaidh tu tachartas a chur ri làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig an seo: seachdainnagaidhlig.scot/events/community/add.
Thuirt Joy Dunlop, Ceannard Seachdain na Gàidhlig: “Tha a’ Ghàidhlig na chànan togarrach a bhuineas dhuinn uile agus aig a bheil àite ro-luachmhor ann an Alba an-diugh. Tha Seachdain na Gàidhlig airson cleachdadh a’ chànain a leudachadh agus sealltainn dè cho beartach ’s a tha i agus dè cho cudromach ’s a tha i dhuinn uile nar beatha làitheil. Thar gach rud eile, ’s e rud a cheanglas daoine ri chèile a th’ ann an cànan agus am-bliadhna, tha sinn a’ toirt cuireadh dhan a h-uile duine eadar ceithir rannan ruadha an t-saoghail ceangal a dhèanamh ris an dachaigh aca, ri càch a chèile agus ri rudeigin ùr is iad a’ gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig air an dòigh as fheàrr a fhreagras orra fhèin. Chan eil e fad air falbh a-nis agus tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gum bi e nas soirbheachaile na bha e a-riamh roimhe am bliadhna-sa.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Gach bliadhna tha Seachdain na Gàidhlig na fianais air cho beòthail is ùr-ghnathach sa tha cultar na Gàidhlig. Am broinn beagan bhliadhnaichean tha i air fàs gu bhith na prìomh phàirt de bhliadhna chultarail a’ chànain – a’ sealltainn dhuinn am miann a tha ann don Ghàidhlig air feadh Alba agus na cruinne.
“Aig bonn cuspair na bliadhna seo – Ceanglaichean gun Chrìch – tha an fhìrinn gur e cànan rud a tha gach cuid a’ dèanamh dàimh eadarainn is a’ leudachadh ar saoghail. Tha an liuthad thachartasan ann an clàr-ama na Seachdain buileach a’ cur seo am follais.
“Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith an sàs ann an Seachdain na Gàidhlig is ga faicinn a bhith a’ cumail oirre a’ fàs.”
’S e am buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba, Hands Up for Trad, a stèidhich Seachdain na Gàidhlig le taic o Bhòrd na Gàidhlig an cois soirbheas iomairtean mion-chànan eile d’ a leithid mar Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh
Tha an tachartas fad seachdain seo a’ toirt cothrom do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig an cànan a chomharradh an seo agus thall thairis, a’ brosnachadh ìomhaigh is aire dhan chànan nar dùthaich.
Bidh Seachdain na Gàidhlig 2025 ann eadar 24mh dhen Ghearran is 2na dhen Mhàrt 2025. Airson liosta shlàn nan tachartasan a bhios againn rè na seachdain no airson fear a chur ris thu fhèin agus fiosrachadh mar a ghabhas tu pàirt ann, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot.