Là Abairt na Gàidhlig 2025 // Say a Gaelic Phrase Day 2025
‘S e Diardaoin 27 Gearran 2025 an ceathramh Là Abairt na Gàidhlig. Tha seo na iomairt airson daoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig fheuchainn, no am beagan a th’ aca a chleachdadh! Airson pàirt a ghabhail, chan eil agad ach ri abairt Gàidhlig bhon duilleag seo a thaghadh (no fear a thaghas tu fhèin), ionnsaich mar a chanas tu e (le bhith ag èisteachd ris a’ Ghàidhlig), dèan bhidio agus cuir air na meadhanan sòisealta e le na tagraichean-hais #LàAbairtNaGàidhlig agus #SayAGaelicPhraseDay. Cho furasta ri sin!
Nach iarr sibh air ur caraidean a bhith an sàs sa chùis cuideachd? Ma tha misneachd gu leòr agaibh, faodaidh sibh abairt no dhà a chur còmhla a’ cleachdadh ‘agus’. Ma tha facail a bharrachd a dhìth oirbh, bheir sùil air faclair Learn Gaelic. Ma tha sibh airson tuilleadh ionnsachadh mu bhith bruidhinn na Gàidhlig, theirig gu SpeakGaelic, learngaelic.scot neo Duolingo.
//
‘S e Diardaoin 27mh den Ghearran 2025 an ceithreamh Latha Abairt na Gàidhlig. This is an initiative to encourage people to try speaking Gaelic, or to use whatever Gaelic they have! To take part, all you need to do is pick a Gaelic phrase from this page (or make up your own one), learn how to say it (by listening to the audio file), make a video and post it on social media using the hashtags #LàAbairtNaGàidhlig and #SayAGaelicPhraseDay. Cho furasta sin!
Why not encourage your friends to take part – the more, the merrier! Ma tha misneachd gu leòr agaibh, faodaidh sibh abairt no dhà a chur còmhla a’ cleachdadh ‘agus’. If you are looking for more words, check out the Learn Gaelic Dictionary. If you want to find out more about speaking Gaelic, why not check out, SpeakGaelic, learngaelic.scot or Duolingo.