Rachaibh An Sàs

‘S e iomairt a th’ ann an ‘Là Abairt na Gàidhlig’ airson daoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn, no a’ Ghàidhlig a th’ aca a chleachdadh! Lorgaibh abairtean cumanta na Gàidhlig an seo.

’S e Bòrd na Gàidhlig a tha a’ cur taic ri maoin nan tabhartasan beaga aig Seachdain na Gàidhlig, maoin a tha a’ toirt suas ri £500 do dhaoine fa leth, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile. Fosgailte on 24mh dhen t-Sultain 2024

Gus cuideachadh a thoirt do thidsearan agus òigridh gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig, tha sinn air farsaingeachd de ghoireasan a chruthachadh ann an co-bhonn le, Twinkl Alba.

Dealbhaich Lèine-T Oifigeil Seachdain na Gàidhlig 2025!

Tha farsaingeachd de ghoireasan agus ceanglaichean againn airson do stiùireadh air do shlighe Ghàidhlig.

Taghadh de ghoireasan a leithid postairean, suaicheantasan agus faidhlichean nam meadhanan-sòisealta airson an tachartais agad.