Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do Mhaoin nan Tabhartas Beag agus gheibh daoine fa-leth, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile air cuir a-steach airson suas ri £500. Chaidh a’ Mhaoin a stèidheachadh airson taic a thoirt do ghnìomhachd tro Sheachdain na Gàidhlig 2024 (19-25 Gearran) agus airson tachartasan coimhearsnachd a bhios a’ dèanamh fèill air a’ Ghàidhlig a leasachadh agus a lìbhrigeadh. ’S e ‘Do Chànan. Do Chothrom’ an cuspair a th’ againn airson 2024 agus tha sinn a’ sireadh phrògraman/thachartasan far a bheil seo aig cridhe na cùise.
Tha an ceann-latha a-nis seachad ’s cha ghabh sinn an còrr a dh’iarrtasan.