Sùil air: Comann nam Pàrant Baile Dhubhthaich – Latha nan Lèintean-T Gàidhlig // Case Study: Tain Parent Association – Make a Gaelic T-shirt Day!


Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag, chum Comann nam Pàrant Bhaile Dhubhthaich feasgar spòrsail far an tàinig a’ choimhearsnachd còmhla airson cèic, copan agus airson lèintean-T a dhealbhachadh agus a thoirt dhachaigh. Bha an tachartas fosgailte do dhaoine de gach aois agus bha gnìomhachd ann mar Bookbug Gàidhlig do chloinn, ceòl agus dannsa, agus teatha agus cofaidh. Bha gnìomhan ann cuideachd mar a’ cur dath, geamannan agus leughadh, agus bha àite ann a-muigh far am b’ urrainn dhan chlann ruith mun cuairt. Bha fiosrachadh aca mu thachartasan is bhuidhnean Gàidhlig san sgìre m.e. Còisir Ghàidhlig an Luirg, coinneamhan seachdaineil, gnìomhachd Chultarlann Inbhir Nis, clasaichean aig Ionad Ionnsachaidh Sgìre an Luirg, cothroman Ionnsachaidh air-loidhne leithid Leabhar Fosgailte, cofaidh is cabadaich Chomann nam Pàrant Nàiseanta, clasaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, Ceòlas is eile, is fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Baile Dhubhthaich.

Bha geamannan aca a-muigh le ball-coise is baidhseagailean beaga ann an àite sàbhailte. Chum iad Cuairt is Cabadaich a bharrachd air Dimàirt 21 Gearran far an tàinig 21 neach-ionnsachaidh is fileantach bho aois 3 gu còrr is 70. Bha seo air leth soirbheachail agus an-asgaidh, agus tha iad an dùil seo a dhèanamh nas trice tro shaor-làithean na sgoile gus cothroman a thoirt do theaghlaichean Gàidhlig a chleachdadh còmhla.

B’ e seo a’ chiad tachartas mòr Gàidhlig san sgìre airson mu 6 bliadhna agus tha iad dòchasach gum tig tuilleadh dhaoine beagan foighidinn is misneachd.

//

On Seachdain na Gàidhlig, with support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), Comann nam Pàrant Bhaile Dhubhthaich held a fun afternoon where Gaelic speakers and learners from across the community came together for cake, a cuppa and made their own Gaelic T-shirt to take away and wear. The event was open to people of all ages, and there were activities such as Gaelic Bookbug story time for children, Gaelic sing along music and dancing from the children, make your own t-shirts, and served tea, coffee and home baking. There were also Gaelic colouring activities, word searches, games, and books, and they used an outdoor area for informal kids fun activities. They ran a small information point with information on local Gaelic activities and classes e.g Lairg Gaelic Choir, Weekly meetups, Cultarlann Inbhir Nis activities, Lairg Learning Centre Gaelic culture and heritage classes, online opportunities such as Leabhar Fosgailte, Comann Nam Pàrant Naiseanta Coffaidh is Cabadaich and classes from SMO, Ceòlas and others, and information about GME and preschool groups in Tain.

They offered outdoor games such as football, and ride on toys in an outdoor area just outside our function room so children had the option to play and run around outside, but in a safe and enclosed space. They decided to do an additional Cuairt agus Cabadaich on Tuesday 21st February, which attracted 21 people, a mix of Gaelic speakers and learners aged 3 to 70 something! This was very successful, and was a completely free to participate event which they plan to repeat regularly on school holidays, and potentially on future strike days to get families together and give children an opportunity to use Gaelic together outside school.

This was the first big Gaelic event in the area for about 6 years, so they are optimistic that patience and quiet encouragement will bring more engagement in time.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here