Buannaiche Farpais Lèine-t Seachdain na Gàidhlig 2024 // Winner of World Gaelic Week 2024 T-shirt Competition

Tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gu bheil buannaiche againn airson farpais lèine-t Seachdain na Gàidhlig 2024!

Abair gun robh dùbhlan ro na britheamhan agus aca ri buannaiche a thaghadh a-mach à 419 dealbh bho chlann-sgoile air feadh na dùthcha. Aig a’ cheann thall, roghnaich iad gur ann aig Holly bho Acadamaidh Alanais a bha an dealbh a b’ fheàrr a chòrd riutha agus a bhiodh iad airson faicinn air lèine-t oifigeil Seachdain na Gàidhlig 2024. Seo agaibh Holly leis an dealbh snog aice. Nach math a rinn i!

Bu chaomh leinn ceud mìle taing dhuibh uile airson pàirt a ghabhail agus cuideachd don luchd-teagasg a bha cho èasgaidh ann a bhith a’ cur thugainn gach dealbh bho na sgoiltean agaibh. Bidh an lèine-t ri fhaighinn an ath-bhliadhn’ agus ’s i Holly fhèin a gheibh a’ chiad fear!

//

We are delighted to announce that we have a winner for the Seachdain na Gàidhlig 2024 t-shirt design competition!

Our judges faced a huge task when presented with 419 entries from individuals and schools across the country. In the end it was the design of Holly from Alness Academy which caught their eye as the best candidate to be the official t-shirt design for Seachdain na Gàidhlig 2024. Here is Holly holding her winning design. Didn’t she do well?

We would like to thank everyone who took part, and also extend a special thank you to school staff who took the time to scan the entries and send them along. The t-shirt will be available for purchase next year and of course the first one will be sent to Holly herself!

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here