FilmG & Deoch an Dorais

Air a ruith le Astar, chaidh duaisean FilmG a chumail airson an 15mh bliadhna ann an Glaschu a-raoir (16 Gearran). Bha cuid de sgioba Sheachdain na Gàidhlig an làthair agus bha oidhche air leth ann, le buannaichean a bha gu math airidh air na duaisean. Mealaibh air naidheachd do na buannaichean uile, agus dhan a h-uile duine air a’ gheàrr-liosta! Choisinn Choirstaidh NicArtair, tè de thosgairean na Seachdain, duais roghainn FilmG airson an fhiolm ghoirid aice, Priob.

Chùm an oidhche a’ dol thall aig Mharsanta far an deach Seachdain na Gàidhlig a cur air a casan le deagh chruinneachadh de dhaoine a bha airson tighinn còmhla airson craic is cabadaich. Abair gu bheil sinn deiseil airson Seachdain na Gàidhlig a-nis!

//

Some of the Seachdain na Gàidhlig team had a great night at the 15th FilmG Awards last night in Glasgow, run by Astar. The winners were truly deserving – well done to you all, and to all who made the short-lists! One of our talented ambassadors, Choirstaidh NicArtair, walked away with the prize of FilmG’s choice for her short film, Priob.

The evening continued with the Deoch an Dorais reception hosted by Seachdain na Gàidhlig at Mharsanta to get everyone ready for the week ahead. A great group of folk gathered to round off the night – we are well and truly ready for Seachdain na Gàidhlig now!

 

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here