Tha Seachdain na Gàidhlig a’ sgaoileadh naidheachd mu phrògram mòr de thachartasan Diluain 20mh gu Didòmhnaich 26mh dhen Ghearran 2023.

Taing dhen taic a fhuair sinn o Bhòrd na Gàidhlig, agus ùidh mhòr mhòr o luchd-labhairt na Gàidhlig o fheadh na h-Alba agus an t-saoghail, tòisichidh an dàrna fèill Ghàidhlig oifigeach eadar-nàiseanta a chomharraicheas a’ chànain sa Ghearran 2023 fad seachdain; ’s e sreath de thachartasan aghaidhri aghaidh agus air loidhne a bhios ann an Seachdain na Gàidhlig.

Fon mhòr-chuspair A’ Tighinn Còmhla, Seachdain na Gàidhlig 2023 air seachdain shoirbheachail 2022 le bhith a’ toirt cruinn daoine anns na coimhearsnachdan aca fhèin. Tha Seachdain na Gàidhlig a’ toirt cruinn daoine, ge be cò iad, air feadh an t-saoghail a bhrosnachadh, a chleachdadh is a dh’ionnsachadh na Gàidhlig ann an lìonra stiùirichte de ghnìomhachdan a chumar ann an Alba agus air feadh an t-saoghail eadar 20mh is 26mh dhen Ghearran 2023.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann-maoineachaidh aig Seachdain na Gàidhlig:“Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris Seachdain na Gàidhlig a-rithist an dèidh na seachdain ro-shoirbheachail a bh’ aca sa chiad bhliadhna aca. Tha an t-seachdain seo a’ comharradh gach rud a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – an cànan, an cultar, na h-ealain, an ceòl agus an dualchas agus tha sinn air ar bioran prògram na bliadhna-sa fhaicinn. Thug sgeama maoin nan tachartasan beaga cothrom do bharrachd bhuidhnean tachartasan a chur air chois sna coimhearsnachdan aca fhèin agus thug e toileachas mòr dhuinn uiread a thagraidhean fhaicinn. A dh’aon inntinn le amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, brosnaichidh agus àbhaistichidh an t-seachdain seo a’ Ghàidhlig agus cuiridh e ri deagh shunnd dhaoine agus cruthaichidh agus neartaichidh i dàimhean Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Chì sinn ann sibh!”

A’ togail air soirbheas na ciad seachdain ann an 2022, tha Seachdain na Gàidhlig 2023, fo stiùir buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba Hands Up For Trad, a’ cur air bhog pailteas de dh’iomairtean ùra am bliadhna. Airson cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chomharradh is a bhrosnachadh, an dà chuid san raon chultarach agus san raon choimeirsealta, stèidhich sinn maoin nan tabhartasan beaga a bheir seachad meanbh thabhartasan, suas ri £500, do dh’iomairtean ann an Alba agus thall thairis. Fhuair sinn barrachd air 60 tagradh airson tabhartasan agus sgrùd panail de dhaoine iad seo, a’ gabhail a-staigh Joy Dunlop, Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig agus Art MacCormaig, Àrd-oifigear Gnìomha aig Fèisean nan Gàidheal; agus bidh 30 pròiseact a fhuair maoineachadh sa chiad bhadan de thachartasan a bhios air an sgeideal.

Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop: “Chuir e iongnadh mòr oirnn dè cho math ’s a bha gach tagradh a fhuair sinn agus tha sinn air leth taingeil do Bhòrd na Gàidhlig a thug maoineachadh a bharrachd dhuinn airson maoin nan tabhartasan beaga a stèidheachadh. Tha an ùidh mhòr sa Ghàidhlig a nochd eadar ceithir rannan ruadh an t-saoghail a’ dearbhadh dhuinn gur e sluagh eadar-nàiseanta a th’ ann, mar a tha na h-àireamhan de dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail a’ dearbhadh dhuinn cuideachd. Ma tha daoine eile ann a tha airson tachartas a chur air chois fhathast, tadhlaich air an làrach-lìn oifigeach againnwww.seachdainnagaidhlig.scot, agus dèanaibh feum dhe na goireasan taice an-asgaidh againn.”

Cruthaichidh Seachdain na Gàidhlig 2023 susbaint air loidhne gach latha a thèid a sgaoileadh sna meadhanan sòisealta aca, a dhèanamh cinnteach gun urrainn do dhuine sam bith pàirt a ghabhail, ge be càit am bi iad. Bidh am measgachadh seo de thachartasan aghaidh ri aghaidh agus air loidhne na ùrlar air leth far an urrainn do luchd-labhairt na Gàidhlig tighinn cruinn, an dà chuid ann an coimhearsnachdan fiosaigeach agus biortail; a’ toirt brosnachadh do dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail. A bharrachd air sin, tha Seachdain na Gàidhlig a’ toirt brosnachadh do dhaoine dàimhean air loidhne a stèidheachadh le bhith a’ co-roinneadh puist, dealbhan is videothan air loidhne leis an taga-hais #SeachdainNaGàidhlig.

Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up For Trad, am buidheann cultarach Albannach a tha stèidhich is a ruitheas Seachdain na Gàidhlig:“Tha sinn glè thoilichte gun tug Bòrd na Gàidhlig taic dhan phròiseict seo a tha a’ freagairt air na h-amasan aig Hands Up for Trad a thaobh taic do chultar is cànan na Gàidhlig.”

’S e amas sònraichte a th’ ann am foghlam do Sheachdain na Gàidhlig 2023 cuideachd. Airson taic a chumail ri tidsearan agus daoine òga a tha airson a dhol an sàs na h-iomairt seo, chaidh pacaidean foghlaim coileanta a chruthachadh do sgoiltean ann am com-pàirteachas leis an fhoillsichear fhoghlaim, Twinkl. Tha na gnìomhachdan is goireasan seo a’ gabhail a-staigh planadairean chlasaichean, susbaint is gnìomhachdan a mholamaid do sgoilearan aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile, an dà chuid ann an sgoiltean Beurla agus Gàidhlig – a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile tidsear is sgoilear a dhol an sàs ann, ged a tha iad fileanta no dìreach air tòiseachadh leis a’ chànan.

Airson gach tachartas is dòighean air an gabhar pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot

Airson goireasan foghlaim, tadhail air: www.twinkl.co.uk/resources/curriculum-for-excellence/scotland-partnerships-scotland-cfe/seachdain-na-gaidhlig-world-gaelic-week-scotland-partnerships-scotland-cfe

Lean rinn sna meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Lorg na tagaichean-hais a leanas: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here