Thèid barrachd air 100 tachartas a chumail an ath-sheachdain air feadh na h-Alba fad Seachdain na Gàidhlig – dè nì thu fhèin?
Tha sinn a-nis an dùil ri barrachd air 100 tachartas is pròiseact rè Seachdain na Gàidhlig 2023, eadar ball-coise, filmichean is cèilidhean, do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus an t-saoghail eadar 20mh agus 26mh dhen Ghearran 2023. Chuir iad air bhog roghadh is taghadh de ghoireasan air loidhne agus tha an luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil mòran dhaoine, bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile a’ clàradh nan tachartasan aca fhathast airson prògram na bliadhna-sa.
’S e A’ tighinn còmhla sluagh-ghairm Seachdain na Gàidhlig 2023 is tha e airson daoine a thoirt cruinn sna coimhearsnachdan aca fhèin airson soirbheas ciad Seachdain na Gàidhlig ann an 2022 a chumail a’ dol. Chuir Seachdain na Gàidhlig an cèill o chionn goirid gu bheil dà thosgaire ùr aca, Choirstaidh Iona NicArtair, tè a tha an sàs iomadh ealain agus Iain Urchadain a tha na chraoladair, òraidiche agus bàrd, agus tha e a’ toirt cruinn daoine, ge be cò iad no cò às a bheil iad, a bhrosnachadh, a chleachdadh agus a dh’ionnsachadh na Gàidhlig, slighe lìonra de thachartasan co-òrdanaichte air loidhne agus far loidhne, taing do thaic Bhòrd na Gàidhlig.
Tha am prògram seo a’ toirt brosnachadh do dhuine sam bith tachartas a chur air dòigh no a ruith iad fhèin mar phàirt dhen t-seachdain agus, a’ chiad uair am bliadhna, le pròiseactan a fhuair maoineachadh dìreach o Sheachdain na Gàidhlig tro mhaoin nan tabhartasan beaga aca.
Fhuair sinn barrachd air 60 tagradh airson tabhartasan agus sgrùd panail de dhaoine iad seo, a’ gabhail a-staigh Joy Dunlop, Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig agus Art MacCormaig, Àrd-oifigear Gnìomha aig Fèisean nan Gàidheal; agus chaidh 51 pròiseact a chur air dòigh mar phàirt dhen phrògram ùr a bheir seachad maoineachadh dìreach.
Am measg nan tachartasan maoinichte a chaidh fhoillseachadh san sgeideal air an làrach-lìn aca tha bùth-obrach le Albannach Òg a theagasgas mar a bhios tu nad chruthadair susbaint Ghàidhlig agus “Loch Abar Beò!” le Màiri Anna NicUalraig o Watercolour Music air an 25mh latha dhen Ghearran. Latha de sheiseanan ciùil thradaiseanta, cearclan còmhraidh Gàidhlig aig gach ìre, prosbaig air ceòl is film agus sàr chuirm-chiùil aig an deireadh le ceithir sàr dhithisean ciùil o chridhe Loch Abar. Aig deireadh na seachdaine, bidh “Fàilte @ Bonjour” ann an Glaschu Didòmhnaich 26mh dhen Ghearran dhan fheadhainn aig cridhe a’ bhaile, a’ gabhail a-staigh panail leis an tè-rannsachaidh Iona Mercer, tè-chiùil Josie NicDhonnchaidh, cruthadair susbaint Etta May Olley agus riochdairean a’ Chomuinn Oiseanaich agus Cuèir agus Còmhla, a’ crìochnachadh le pàrtaidh le tè-ealain draga Purina Alpha agus ceòl le DJ; Danyo.
Tha na h-eagraichean aig Seachdain na Gàidhlig air am bioran buileach leis na fhuair iad de fhreagairtean o fheadh na h-Alba agus an t-saoghail.
Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop:“Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil barrachd air 100 tachartas gu bhi againn san dàrna bliadhna de Sheachdain na Gàidhlig, 51 dhiubh air am maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga againn. Tha na beachd-smuaintean is planaichean a tha daoine a’ cur thugainn o cheithir ceàrnan an t-saoghail a’ toirt sìor bhrosnachadh dhuinn; agus cha bhiodh a’ mhòrchuid dhiubh ann as aonais a’ mhaoineachaidh a bharrachd a thug Bòrd na Gàidhlig dhuinn.
“Ma tha daoine eile ann a tha airson tachartas a chur air chois fhathast, tadhlaibh air an làrach-lìn oifigeach againnwww.seachdainnagaidhlig.scot, agus dèanaibh feum dhe na goireasan taice an-asgaidh againn. No ma tha cuideigin airson ciad cheum a thoirt air an turas Ghàidhlig aca fhèin ’s iad an imcheist mu na nì iad, cuiribh fios thugainn tron làrach-lìn againn – tha sinn deas ri do làimh gus do chuideachadh.”
Bidh daoine cuideachd a’ tighinn cruinn air loidhne, le bhith a’ co-roinneadh puist, stiùireadh fuaimneachaidh, dealbhan is videothan leis an taga-hais #SeachdainNaGàidhlig, le luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine a tha dèidheil air a’ chànan a’ cruinneachadh mar choimhearsnachdan air loidhne agus far loidhne air feadh an t-saoghail; a’ toirt brosnachadh do dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail is cothrom air a’ Ghàidhlig a thoirt do bharrachd dhaoine.
Tha Seachdain na Gàidhlig 2023 a’ cumail taic ri luchd-teagaisg is iad air pacaidean foghlaim coileanta a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis an taigh-fhoillseachaidh fhoghlaim Twinkl airson ’s gum bi e nas fhasa do thidsearan is daoine òga a dhol an sàs na h-iomairt. Tha na gnìomhachdan is goireasan seo a’ gabhail a-staigh planadairean tidseir, susbaint is gnìomhachdan a mholamaid do sgoilearan aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile, an dà chuid dhan fheadhainn ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile tidsear is sgoilear a dhol an sàs ann, ged a tha iad fileanta no dìreach air tòiseachadh leis a’ chànan.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann-maoineachaidh aig Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris Seachdain na Gàidhlig a-rithist an dèidh na seachdain ro-shoirbheachail a bh’ aca sa chiad bhliadhna aca. Tha an t-seachdain seo a’ comharradh gach rud a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – luchd-bruidhinn, luchd-ionnsachaidh, luchd-taice, an cànan, an cultar, na h-ealain, an ceòl agus an dualchas agus tha sinn air ar bioran prògram na bliadhna-sa fhaicinn. Thug sgeama maoin nan tachartasan beaga, luach £24,000, cothrom do bharrachd bhuidhnean tachartasan a chur air chois sna coimhearsnachdan aca fhèin agus thug e toileachas mòr dhuinn uiread a thagraidhean fhaicinn. A dh’aon inntinn le amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, brosnaichidh, comharraichidh agus àbhaistichidh an t-seachdain seo a’ Ghàidhlig agus cuiridh e ri deagh shunnd dhaoine agus cruthaichidh agus neartaichidh i dàimhean Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Chì sinn ann sibh!”
A’ togail air soirbheas na ciad seachdain ann an 2022 agus na h-iomairt #LàAbairtNaGàidhlig air loidhne, chuir Seachdain na Gàidhlig 2023, fo stiùir buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba Hands Up For Trad, air bhog pailteas de dh’iomairtean ùra am bliadhna. Airson cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chomharradh agus a bhrosnachadh san raon chultarach agus san raon choimeirsealta, chaidh iomadh goireas fhoillseachadh air loidhne a chumas taic ri iomairtean foghlaim, margaideachd agus dàimhean poblach, agus chaidh maoin nan tabhartasan beaga a stèidheachadh a bheir seachad meanbh thabhartasan suas ri £500 do dh’iomairtean.
Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up For Trad, am buidheann cultarach Albannach a tha stèidhich is a ruitheas Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn glè thoilichte gun tug Bòrd na Gàidhlig taic dhan phròiseict seo a tha a’ freagairt air na h-amasan aig Hands Up for Trad a thaobh taic do chultar is cànan na Gàidhlig.”
Airson gach tachartas is dòighean air an gabhar pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air:www.seachdainnagaidhlig.scot
Airson goireasan foghlaim, tadhail air: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/
Lean rinn sna meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig
Lorg na tagaichean-hais a leanas: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi
//
Over 100 events kick off next week throughout Scotland for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) – how will you get involved?
Seachdain na Gàidhlig 2023, pronounced “SHACH-keen na GAA-lik” (with the ‘ch’ said like loch), now has over 100 events and projects, from Football and Films to Ceilidhs, for communities across Scotland, and the world, to get involved in from 20th to 26thFebruary 2023. They have launched a wide range of online resources, and organisers say registrations for events from individuals, community groups and organisations are still coming in thick and fast for this year’s programme.
With the overarching theme of Coming Together, Seachdain na Gàidhlig 2023 is prioritising uniting people within their own communities to build on itsinaugural 2022 success. Seachdain na Gàidhlig has recently announced two new Ambassadors, multi-disciplinary artist; Choirstaidh Iona NicArtair, plus Broadcaster, Lecturer and Poet; John Urquhart, and connects people from all walks of life across the world to promote, use and learn Gaelic, through a coordinated network of activities online and in-person, thanks to support from Bòrd na Gàidhlig.
The programme invites anybody to organise / run their own event as part of the week and, for the first time, features projects directly funded by Seachdain na Gàidhlig through their Small Grants Fund.
Over 60 grant applications were received and checked by a panel including Joy Dunlop, with Steven Kellow, Funding and Projects Officer at Bòrd na Gàidhlig and Arthur Cormack, Chief Executive Officer, Fèisean nan Gàidheal; and 51 funded projects have been launched as part of the new programme of directly-funded events.
The final list of funded events to be announced in the week’s schedule on their website includes a Young Scot workshop on how to be a Gaelic Content Creator, and ‘Loch Abar Beò!’; by Màiri Anna NicUalraig (Mary Ann Kennedy) of Watercolour Music on 25th February. A pop-up Gàidhealtachd for Fort William at the beautiful Highland Cinema, featuring Trad sessions, Gaelic conversation circles for all levels, Music & Film Showcases, finishing with a stellar concert featuring four great Gaelic duos, Ewen Henderson & Gary Innes, Rachel Walker & Aaron Jones; Ingrid Henderson & Iain MacFarlane, and Mary Ann Kennedy & Finlay Wells. ‘Fàilte @ Bonjour’, in Glasgow, will round off the week on Sunday 26th February for those in the city centre, with a panel including Researcher Iona Mercer, Musician Josie Duncan, Content Creator Etta May Olley and representatives from Comunn Oiseanach, and Cuèir agus Còmhla, before a party featuring performance by drag artist Purina Alpha and music by DJ; Danyo.
Event organisers at Seachdain na Gàidhlig – which, when translated into English, means World Gaelic Week – have been thrilled at the response from all over Scotland and beyond.
Seachdain na Gàidhlig Director Joy Dunlop said: “To have over 100 events taking place in the second ever Seachdain na Gàidhlig, 51 of them funded through our Small Grants Fund, is just phenomenal. We continue to be inspired by the ideas and plans coming to us from across the globe; most of which wouldn’t have been possible without the extra funding allocated to us by Bòrd na Gàidhlig.
“For anyone else who would still like to hold their own event, please visit our official website www.seachdainnagaidhlig.scot, and utilise our free support resources. Or if you’d like to take that first step on your Gaelic journey but don’t know how, do contact us through our website – we’re here to help.”
People will also connect online by sharing posts, phonetics and pronunciations, images and videos using the hashtag #SeachdainNaGàidhlig, as Gaelic speakers and enthusiasts connect with both physical and virtual communities worldwide; encouraging individuals, businesses, and wider community groups to get involved and break down barriers.
Educators are being supported by Seachdain na Gàidhlig 2023 who have developed comprehensive education packs in partnership with educational publishing house, Twinkl, to help teachers and young people engage with the initiative. The activities and resources include teacher planners, suggested content and activities aimed at both primary and secondary levels for both Gàidhlig medium and Gaelic Learners – ensuring that all children and teachers can get involved, whether they are fluent or just starting their journey with the language.
Shona NicIllinnein, Ceannard at Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig’s main funders, said: “We are delighted to support Seachdain na Gàidhlig again following on from the resounding success of its first year. This week celebrates everything about Gaelic –speakers, learners and supporters, the language, the culture, the arts, music and heritage and we are very much looking forward to this year’s offering. The Small Events Fund Scheme worth £24,000 will have enabled more groups to host their own events in their communities and we are hugely encouraged by the number of applicants. In line with the aims of the National Gaelic Language Plan, this week helps to promote, celebrate and normalise Gaelic as well as contribute to wellbeing and creating and strengthening connections in Gaelic worldwide. Chìsinn ann sibh!”
Building upon the success of their inaugural 2022 event, and their online campaign #SayAGaelicPhraseDay, Seachdain na Gàidhlig 2023 is facilitated by Scottish traditional culture and music organisation Hands Up For Trad, wholaunched a raft of new initiatives this year. To celebrate and promote the importance and use of Gaelic within both cultural and commercial landscapes, various resources have been published online to help with education, marketing, and public relations, plus the new Small Grants Fund was introduced, awarding Micro-Grants of up to £500 to support initiatives.
Simon Thoumire, Director of Hands Up For Trad, the Scottish cultural organisation that founded and runs Seachdain na Gàidhlig, said: “We are really happy that Bord Na Gàidhlig have supported this project, which fits with Hands Up For Trad’s aims of supporting Gaelic culture and language.”
For all events & ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2023, visit:www.seachdainnagaidhlig.scot
For education resources visit: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/
Follow on social media: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig
Search Hashtags: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi
Sùil air: Siorcas Coimhearsnachd Phàislig // Case Study: Community Circus Paisley
Coimhead bhideo an seo!
Chùm Siorcas Coimhearsnachd Phàislig seachdain de threanadh airson luchd-obrach an siorcais agus do dhaoine eile gus an ionnsaicheadh iad briathrachas sa Ghàidhlig, agus bha bùth-obrach aca aig deireadh na seachdain far am biodh cothrom aig duine sam bith feuchainn air sgilean ùr ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig.
Chaidh am bùth-òbrach mòran nas fheàrr na bha iad an dùil. Bha iad an dùil gum biodh 25 an làthair, ach thàinig daoine a bharrachd cuideachd, agus bha timcheall air 35 ann, ‘s mar sin, tha fios aca a-nis gu bheil uidh mhòr ann an tachartasan dhen sheòrsa. A rèir coltais, bha an seisean a’ còrdadh ri daoine gu mòr agus bha iad gu math toilichte gu robh rudeigin gu math fisigeach agus spòrsail ri fhaighinn air taobh a-muigh na sgoile.
Thuirt a h-uile duine gu robh an trèanadh feumail dhaibh agus gu bheil iad gam brosnachadh airson beagan Gàidhlig a chleachdadh nas trice. Airson an luchd-òbrach aig a bheil Gàidhlig (no Gàidhlig na h-Èìrinn), bha an seachdain air fad na brosnachadh gu mòr dhaibh a bhith a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig nas trice agus bha e gu math spòrsail bruidhinn ri chèile.
Chaidh duine no dhithis bho na clasichean Beurla dhan Seisean Siorcais air Disathairne gus facal no dha ionnsachadh cuideachd agus bha sin uabhasach math fhaicinn.
Bha postairean Gàidhlig aca air na ballachan, agus bidh seo a’ leantail san àm ri teachd. Bha ùidh mhòr aig a’ chlann sna clasaichean Beurla anns na postairean seo, agus bha iad math airson a bhith a‘ togail mhothachas air a’ Ghàidhlig.
Cuideachd, chleachd iad sticearan Gàidhlig agus geammanan Gàidhlig agus bha sin a còrdadh gu mòr ris a’ chloinn, gu sònraichte na feadhainn beaga agus am pàrantan.
They used Gaelic stickers and Gaelic games which was greatly enjoyed by the children, particularly the little ones and their parents.
Seo cuid den mheasadh bho chom-pàirtichean:
“Had a lot of fun learning new Gaelic words!”
“Excellent afternoon, fantastic facility and staff, great opportunity to try something different”
“My child had a fantastic day today so much fun and great to see all the children enjoying themselves”
“Sgoinneil, glè spòrsail!”
“Circus training in Gaelic is an ideal way to encourage language use and receptive skills. It has the added benefit of being a health promoting and community building activity”
//
Watch a video here!
Community Circus Paisley held training sessions for the circus staff to learn Gaelic terminology for their work and they also held a workshop for people to try out new circus skills through the medium of Gaelic.
The workshop went much better than expected, with 35 turning up rather than the expected 25, proving that the demand for such an activity was there. The workshop was well enjoyed by all in attendance, who were delighted to see something physical and fun happening outwith school hours.
All who attended the training said it was of great benefit of them and encouraged them to speak Gaelic more often. For Gaelic and Gaeilge-speaking staff, the week was a huge motivator for them to use Gaelic and to enjoy speaking to each other.
A few of those who attended classes went to the circus workshop to learn a word or two which was very encouraging.
They had Gaelic posters on the wall and this will continue in future. The children in the English classes enjoyed these posters and they did well to promote the visibility of Gaelic.
They used Gaelic stickers and Gaelic games which was greatly enjoyed by the children, particularly the little ones and their parents.
Here is some of the feedback from participants:
“Had a lot of fun learning new Gaelic words!”
“Excellent afternoon, fantastic facility and staff, great opportunity to try something different”
“My child had a fantastic day today so much fun and great to see all the children enjoying themselves”
“Sgoinneil, glè spòrsail!”
“Circus training in Gaelic is an ideal way to encourage language use and receptive skills. It has the added benefit of being a health promoting and community building activity”
Sùil air: Tobar an Dualchais // Case Study: Tobar an Dualchais
Air Seachdain na Gàidhlig 2023, chuir Tobar an Dualchais (TAD) dà thachartas coimhearsnachd air dòigh, aon ann an Èirisgeigh agus fear eile ann am Beàrnaraigh na Hearadh. Thug Liam Alasdair Crouse, an t-oileanach PhD aca seachad òraid a bha freagairt airson gach eilean.
a. Ann an Èirisgeigh, thug Liam sùil air seanchas nan ainmean-àite ann an Èirisgeigh agus rinn e coimeas eadar na tùsan airson cuid de dh’ainmean agus na h-atharrachaidhean a thachair leotha thairis air nam bliadhnaichean. Chluich e taghadh de clàraidhean bho làrach-lìn TAD aig a bheil ceangal ri ainmean-àite Èirisgeigh. Chaidh an tachartas seo a chumail ann an Gàidhlig air fad.
Chaidh an òraid glè mhath agus bha e soilleir gun do chòrd an òraid ris na bha an làthair agus gun do phiobraich e beagan deasbaid. Bha deagh chòmhradh ann air ciall an ainm-àite Gleann an Fhir Mhòir agus air Sac na Làire Bàine, air an Staca Àrd.
Bha cuid de dhaoine a’ toirt seachad beachdan tron òraid air na bh’ aig Liam, agus iad a’ cur ris. Bha beachdan aig cuid de dhaoine a thaobh ainmean-àite, ach cha robh mòran idir air cluinntinn mu sheanchas Glaic na Còmhraig no Gleann an Fhir Mhòir. Anns an dol-seachad, fhuair Liam comharra airson grunn ainmean-àite eile ann an Èirisgeigh, cuid a nochd san rannsachadh agus air nach robh lorg aige orra cheana.
Bha Comann Eachraidh Èirisgeigh na chuideachd mòr anns an tachartas a chur air dòigh agus thug iad taic dhuinn gus fiosrachadh a sgaoileadh mu dheidhinn, an talla uallachadh, tì is cofaidh a dhèanamh, agus daoine a bhrosnachadh gus bruidhinn an dèidh na h-òraid.
Dh’fhuirich cuid airson mu leth-uair a’ còmhradh an dèidh na h-òraid. Bha 25 neach ann uile-gu-lèir.
b. Ann an Beàrnaraigh thug Liam seachad òraid air beatha Iain Peatarsan agus na clàraidhean a rinn e ann am Beàrnaraigh mar phàirt den obair a bh’ aig Iain aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Chuich e taghadh de clàraidhean Iain bhon làrach-lìn againn mar phàirt den tachartas. Bha Liam a’ dol eadar Gàidhlig is Beurla san tachartas seo.
Bha e follaiseach gun do chòrd an òraid ris na bha an làthair agus tha Dòmhnall MacIlleathain (ball Chomainn Eachdraidh Bheàrnaraigh) ri mholadh gu mòr airson na chuir e ris an òraid, an dà chuid a thaobh eòlais phearsanta ach cuideachd ann a bhith a’ piobrachadh dhaoine eile gu bhith a’ bruidhinn air na cuimhneachain aca fhèin.
Bha mòran san èisteachd glè eòlach – fiù ’s càirdeach – ri Iain Fhionnlaigh agus Clann Shomhairle agus bha e math bruidhinn riuthasan.
Chaidh iarraidh air Liam òran a ghabhail, agus bha cofaidh, tì agus còmhradh neo-fhoirmeil ann an dèidh làimhe, fad mu uair an uaireadair. Fhuair Liam fiathachadh tilleadh air ais gus bruidhinn air cuspair eile. Bha 13 neach ann uile-gu-lèir.
//
On Seachdain na Gàidhlig 2023, Tobar an Dualchais hosted two community events, one in Eriskay and one in Berneray. Liam Alasdair Crouse, their PHD student, delivered lectures that were appropriate for each island.
a. In Eriskay, Liam studied the history of the place names in Eriskay and compared the sources for some of the names to the changes that have occurred over the years. He played a number of recordings from the Tobar an Dualchais website which had a connection with Eriskay place names. This event was held entirely in Gaelic.
The lecture went well and it was well received by all in attendance, and it inspired some debate. There was a great discussion over the meaning of Gleann an Fhir Mhòir and Sac na Làire Bàine, on Stac Àrd. The audience contributed to the lecture and had some opinions on place names although some had never heard of the history of Glaic na Còmhraig or Gleann an Fhir Mhòir. Liam was made aware of more place names, some which had already appeared in the research and some which hadn’t been heard of.
The Eriskay Historical Society were a great help in organising the event and helped in marketing, preparing the hall, making tea and coffee and encouraging people to speak after the lecture. Most stayed for about half an hour after the lecture. 25 people attended.
b. In Berneray Liam delivered a lecture on Iain Peterson and the recordings he made in Berneray as part of his work at the School of Scottish Studies. He played a selection of Iain’s recordings from the Tobar an Dualchais website. Liam went between Gaelic and English in this event for the benefit of the attendees.
The lecture was very well received and Donald Maclean (a member of the Berneray Historical Society) is worthy of praise for his contribution to the lecture, both in speaking of his own personal experience and in encouraging others to share their own memories. A lot of the audience were familiar with (or related to) Iain Finlay and clan Sorley and it was great to hear from them.
Liam was asked to sing a song and people stayed for tea, coffee and informal chat for about an hour after the lecture. Liam was then invited to deliver another lecture in future. 13 people attended.
Buannaiche Farpais Lèine-t Seachdain na Gàidhlig 2024 // Winner of World Gaelic Week 2024 T-shirt Competition
Tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gu bheil buannaiche againn airson farpais lèine-t Seachdain na Gàidhlig 2024!
Abair gun robh dùbhlan ro na britheamhan agus aca ri buannaiche a thaghadh a-mach à 419 dealbh bho chlann-sgoile air feadh na dùthcha. Aig a’ cheann thall, roghnaich iad gur ann aig Holly bho Acadamaidh Alanais a bha an dealbh a b’ fheàrr a chòrd riutha agus a bhiodh iad airson faicinn air lèine-t oifigeil Seachdain na Gàidhlig 2024. Seo agaibh Holly leis an dealbh snog aice. Nach math a rinn i!
Bu chaomh leinn ceud mìle taing dhuibh uile airson pàirt a ghabhail agus cuideachd don luchd-teagasg a bha cho èasgaidh ann a bhith a’ cur thugainn gach dealbh bho na sgoiltean agaibh. Bidh an lèine-t ri fhaighinn an ath-bhliadhn’ agus ’s i Holly fhèin a gheibh a’ chiad fear!
//
We are delighted to announce that we have a winner for the Seachdain na Gàidhlig 2024 t-shirt design competition!
Our judges faced a huge task when presented with 419 entries from individuals and schools across the country. In the end it was the design of Holly from Alness Academy which caught their eye as the best candidate to be the official t-shirt design for Seachdain na Gàidhlig 2024. Here is Holly holding her winning design. Didn’t she do well?
We would like to thank everyone who took part, and also extend a special thank you to school staff who took the time to scan the entries and send them along. The t-shirt will be available for purchase next year and of course the first one will be sent to Holly herself!
Seachdain na Gàidhlig 2024 // World Gaelic Week 2024
Seachdain na Gàidhlig 2024: 19-25 Gearran!
Cumaibh na cinn-làithean! Bidh Seachdain na Gàidhlig a’ tilleadh an ath-bhliadhn’ airson an treas bliadhna. Tha sinn an dòchas gum bi sibh uile deiseil airson pàirt a ghabhail! Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta againn san àm ri teachd airson fiosrachadh air cuid de na tachartasan a bha a’ dol tro Sheachdain na Gàidhlig 2023.
//
World Gaelic Week 2024: 19-25 February!
Save the dates! Seachdain na Gàidhlig will return early next year for a third year. We hope you will all be ready to take part! Keep an eye on our social media for case studies on some of the events and projects run by individuals and organisations during Seachdain na Gàidhlig 2023.
Tapadh leibh uile! // Thank you all!
SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2023
Uill, Seachdain na Gàidhlig, dè chanas sinn? Tha sinn dìreach air ar dòigh glan leis mar a ghabh a h-uile duine rithe, bho luchd-ionnsachaidh gu fileantaich, buidhnean coimhearsnachd gu buidhnean poblach, sgoiltean gu iomairtean ionadail agus a h-uile càil eile. Tha sinn an dòchas gun chòrd an seachdain ribh uile agus gun d’ fhuair sibh cothrom a comharrachadh ann an seadh air choireigin. Innis dhuinn dè rinn sibh, dè chuala sibh ‘s a chunnaic sibh, agus a’ bhuaidh a bh’ aig Seachdain na Gàidhlig oirbh an seo: https://buff.ly/3m7Gfdv. Nam b’ urrainn dhuibh a lìonadh to dheireadh na h-ath-sheachdain bhiodh sinn fada nur comain.
Ceud taing dhan luchd-maoineachaidh is luchd-taic againn: Bòrd na Gàidhlig, Hands Up for Trad agus Alba Chruthachail. Às an aonais, agus às ur n-aonais, cha bhiodh Seachdain na Gàidhlig ann!
Cumaibh na cinn-latha nur leabhraichean-latha airson na h-ath-bhliadhn’…
SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2024 : 19 – 25 GEARRAN!
Chì sinn ann sibh!
//
Well, Seachdain na Gàidhlig, what could we possibly say!? We are absolutely delighted with the response and how the week was embraced by learners and fluent folk, community groups and public bodies, schools and local initiatives and everything in between. We hope you enjoyed the week as much as we did and that you were able to celebrate Gaelic in some manner. Let us know what you did, what you heard and what you saw by filling in our anonymous feedback form here: https://buff.ly/3m7Gfdv. Please fill this in by the end of next week if possible.
Huge thanks to our funders and supporters: Bòrd na Gàidhlig, Hands Up For Trad and Creative Scotland. Without them and without all of you, Seachdain na Gàidhlig would not exist!
Are you ready to put next year’s dates in your diaries..?
SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2024 : 19th – 25th FEBRUARY!
We’ll see you there!
100+ Tachartas air Seachdain na Gàidhlig 2023 // 100+ Events for Seachdain na Gàidhlig 2023
Thèid barrachd air 100 tachartas a chumail an ath-sheachdain air feadh na h-Alba fad Seachdain na Gàidhlig – dè nì thu fhèin?
Tha sinn a-nis an dùil ri barrachd air 100 tachartas is pròiseact rè Seachdain na Gàidhlig 2023, eadar ball-coise, filmichean is cèilidhean, do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus an t-saoghail eadar 20mh agus 26mh dhen Ghearran 2023. Chuir iad air bhog roghadh is taghadh de ghoireasan air loidhne agus tha an luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil mòran dhaoine, bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile a’ clàradh nan tachartasan aca fhathast airson prògram na bliadhna-sa.
’S e A’ tighinn còmhla sluagh-ghairm Seachdain na Gàidhlig 2023 is tha e airson daoine a thoirt cruinn sna coimhearsnachdan aca fhèin airson soirbheas ciad Seachdain na Gàidhlig ann an 2022 a chumail a’ dol. Chuir Seachdain na Gàidhlig an cèill o chionn goirid gu bheil dà thosgaire ùr aca, Choirstaidh Iona NicArtair, tè a tha an sàs iomadh ealain agus Iain Urchadain a tha na chraoladair, òraidiche agus bàrd, agus tha e a’ toirt cruinn daoine, ge be cò iad no cò às a bheil iad, a bhrosnachadh, a chleachdadh agus a dh’ionnsachadh na Gàidhlig, slighe lìonra de thachartasan co-òrdanaichte air loidhne agus far loidhne, taing do thaic Bhòrd na Gàidhlig.
Tha am prògram seo a’ toirt brosnachadh do dhuine sam bith tachartas a chur air dòigh no a ruith iad fhèin mar phàirt dhen t-seachdain agus, a’ chiad uair am bliadhna, le pròiseactan a fhuair maoineachadh dìreach o Sheachdain na Gàidhlig tro mhaoin nan tabhartasan beaga aca.
Fhuair sinn barrachd air 60 tagradh airson tabhartasan agus sgrùd panail de dhaoine iad seo, a’ gabhail a-staigh Joy Dunlop, Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig agus Art MacCormaig, Àrd-oifigear Gnìomha aig Fèisean nan Gàidheal; agus chaidh 51 pròiseact a chur air dòigh mar phàirt dhen phrògram ùr a bheir seachad maoineachadh dìreach.
Am measg nan tachartasan maoinichte a chaidh fhoillseachadh san sgeideal air an làrach-lìn aca tha bùth-obrach le Albannach Òg a theagasgas mar a bhios tu nad chruthadair susbaint Ghàidhlig agus “Loch Abar Beò!” le Màiri Anna NicUalraig o Watercolour Music air an 25mh latha dhen Ghearran. Latha de sheiseanan ciùil thradaiseanta, cearclan còmhraidh Gàidhlig aig gach ìre, prosbaig air ceòl is film agus sàr chuirm-chiùil aig an deireadh le ceithir sàr dhithisean ciùil o chridhe Loch Abar. Aig deireadh na seachdaine, bidh “Fàilte @ Bonjour” ann an Glaschu Didòmhnaich 26mh dhen Ghearran dhan fheadhainn aig cridhe a’ bhaile, a’ gabhail a-staigh panail leis an tè-rannsachaidh Iona Mercer, tè-chiùil Josie NicDhonnchaidh, cruthadair susbaint Etta May Olley agus riochdairean a’ Chomuinn Oiseanaich agus Cuèir agus Còmhla, a’ crìochnachadh le pàrtaidh le tè-ealain draga Purina Alpha agus ceòl le DJ; Danyo.
Tha na h-eagraichean aig Seachdain na Gàidhlig air am bioran buileach leis na fhuair iad de fhreagairtean o fheadh na h-Alba agus an t-saoghail.
Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop:“Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil barrachd air 100 tachartas gu bhi againn san dàrna bliadhna de Sheachdain na Gàidhlig, 51 dhiubh air am maoineachadh tro mhaoin nan tabhartasan beaga againn. Tha na beachd-smuaintean is planaichean a tha daoine a’ cur thugainn o cheithir ceàrnan an t-saoghail a’ toirt sìor bhrosnachadh dhuinn; agus cha bhiodh a’ mhòrchuid dhiubh ann as aonais a’ mhaoineachaidh a bharrachd a thug Bòrd na Gàidhlig dhuinn.
“Ma tha daoine eile ann a tha airson tachartas a chur air chois fhathast, tadhlaibh air an làrach-lìn oifigeach againnwww.seachdainnagaidhlig.scot, agus dèanaibh feum dhe na goireasan taice an-asgaidh againn. No ma tha cuideigin airson ciad cheum a thoirt air an turas Ghàidhlig aca fhèin ’s iad an imcheist mu na nì iad, cuiribh fios thugainn tron làrach-lìn againn – tha sinn deas ri do làimh gus do chuideachadh.”
Bidh daoine cuideachd a’ tighinn cruinn air loidhne, le bhith a’ co-roinneadh puist, stiùireadh fuaimneachaidh, dealbhan is videothan leis an taga-hais #SeachdainNaGàidhlig, le luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine a tha dèidheil air a’ chànan a’ cruinneachadh mar choimhearsnachdan air loidhne agus far loidhne air feadh an t-saoghail; a’ toirt brosnachadh do dhaoine, gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail is cothrom air a’ Ghàidhlig a thoirt do bharrachd dhaoine.
Tha Seachdain na Gàidhlig 2023 a’ cumail taic ri luchd-teagaisg is iad air pacaidean foghlaim coileanta a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis an taigh-fhoillseachaidh fhoghlaim Twinkl airson ’s gum bi e nas fhasa do thidsearan is daoine òga a dhol an sàs na h-iomairt. Tha na gnìomhachdan is goireasan seo a’ gabhail a-staigh planadairean tidseir, susbaint is gnìomhachdan a mholamaid do sgoilearan aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile, an dà chuid dhan fheadhainn ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile tidsear is sgoilear a dhol an sàs ann, ged a tha iad fileanta no dìreach air tòiseachadh leis a’ chànan.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann-maoineachaidh aig Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris Seachdain na Gàidhlig a-rithist an dèidh na seachdain ro-shoirbheachail a bh’ aca sa chiad bhliadhna aca. Tha an t-seachdain seo a’ comharradh gach rud a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – luchd-bruidhinn, luchd-ionnsachaidh, luchd-taice, an cànan, an cultar, na h-ealain, an ceòl agus an dualchas agus tha sinn air ar bioran prògram na bliadhna-sa fhaicinn. Thug sgeama maoin nan tachartasan beaga, luach £24,000, cothrom do bharrachd bhuidhnean tachartasan a chur air chois sna coimhearsnachdan aca fhèin agus thug e toileachas mòr dhuinn uiread a thagraidhean fhaicinn. A dh’aon inntinn le amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, brosnaichidh, comharraichidh agus àbhaistichidh an t-seachdain seo a’ Ghàidhlig agus cuiridh e ri deagh shunnd dhaoine agus cruthaichidh agus neartaichidh i dàimhean Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Chì sinn ann sibh!”
A’ togail air soirbheas na ciad seachdain ann an 2022 agus na h-iomairt #LàAbairtNaGàidhlig air loidhne, chuir Seachdain na Gàidhlig 2023, fo stiùir buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba Hands Up For Trad, air bhog pailteas de dh’iomairtean ùra am bliadhna. Airson cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chomharradh agus a bhrosnachadh san raon chultarach agus san raon choimeirsealta, chaidh iomadh goireas fhoillseachadh air loidhne a chumas taic ri iomairtean foghlaim, margaideachd agus dàimhean poblach, agus chaidh maoin nan tabhartasan beaga a stèidheachadh a bheir seachad meanbh thabhartasan suas ri £500 do dh’iomairtean.
Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up For Trad, am buidheann cultarach Albannach a tha stèidhich is a ruitheas Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn glè thoilichte gun tug Bòrd na Gàidhlig taic dhan phròiseict seo a tha a’ freagairt air na h-amasan aig Hands Up for Trad a thaobh taic do chultar is cànan na Gàidhlig.”
Airson gach tachartas is dòighean air an gabhar pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air:www.seachdainnagaidhlig.scot
Airson goireasan foghlaim, tadhail air: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/
Lean rinn sna meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig
Lorg na tagaichean-hais a leanas: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi
//
Over 100 events kick off next week throughout Scotland for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) – how will you get involved?
Seachdain na Gàidhlig 2023, pronounced “SHACH-keen na GAA-lik” (with the ‘ch’ said like loch), now has over 100 events and projects, from Football and Films to Ceilidhs, for communities across Scotland, and the world, to get involved in from 20th to 26thFebruary 2023. They have launched a wide range of online resources, and organisers say registrations for events from individuals, community groups and organisations are still coming in thick and fast for this year’s programme.
With the overarching theme of Coming Together, Seachdain na Gàidhlig 2023 is prioritising uniting people within their own communities to build on itsinaugural 2022 success. Seachdain na Gàidhlig has recently announced two new Ambassadors, multi-disciplinary artist; Choirstaidh Iona NicArtair, plus Broadcaster, Lecturer and Poet; John Urquhart, and connects people from all walks of life across the world to promote, use and learn Gaelic, through a coordinated network of activities online and in-person, thanks to support from Bòrd na Gàidhlig.
The programme invites anybody to organise / run their own event as part of the week and, for the first time, features projects directly funded by Seachdain na Gàidhlig through their Small Grants Fund.
Over 60 grant applications were received and checked by a panel including Joy Dunlop, with Steven Kellow, Funding and Projects Officer at Bòrd na Gàidhlig and Arthur Cormack, Chief Executive Officer, Fèisean nan Gàidheal; and 51 funded projects have been launched as part of the new programme of directly-funded events.
The final list of funded events to be announced in the week’s schedule on their website includes a Young Scot workshop on how to be a Gaelic Content Creator, and ‘Loch Abar Beò!’; by Màiri Anna NicUalraig (Mary Ann Kennedy) of Watercolour Music on 25th February. A pop-up Gàidhealtachd for Fort William at the beautiful Highland Cinema, featuring Trad sessions, Gaelic conversation circles for all levels, Music & Film Showcases, finishing with a stellar concert featuring four great Gaelic duos, Ewen Henderson & Gary Innes, Rachel Walker & Aaron Jones; Ingrid Henderson & Iain MacFarlane, and Mary Ann Kennedy & Finlay Wells. ‘Fàilte @ Bonjour’, in Glasgow, will round off the week on Sunday 26th February for those in the city centre, with a panel including Researcher Iona Mercer, Musician Josie Duncan, Content Creator Etta May Olley and representatives from Comunn Oiseanach, and Cuèir agus Còmhla, before a party featuring performance by drag artist Purina Alpha and music by DJ; Danyo.
Event organisers at Seachdain na Gàidhlig – which, when translated into English, means World Gaelic Week – have been thrilled at the response from all over Scotland and beyond.
Seachdain na Gàidhlig Director Joy Dunlop said: “To have over 100 events taking place in the second ever Seachdain na Gàidhlig, 51 of them funded through our Small Grants Fund, is just phenomenal. We continue to be inspired by the ideas and plans coming to us from across the globe; most of which wouldn’t have been possible without the extra funding allocated to us by Bòrd na Gàidhlig.
“For anyone else who would still like to hold their own event, please visit our official website www.seachdainnagaidhlig.scot, and utilise our free support resources. Or if you’d like to take that first step on your Gaelic journey but don’t know how, do contact us through our website – we’re here to help.”
People will also connect online by sharing posts, phonetics and pronunciations, images and videos using the hashtag #SeachdainNaGàidhlig, as Gaelic speakers and enthusiasts connect with both physical and virtual communities worldwide; encouraging individuals, businesses, and wider community groups to get involved and break down barriers.
Educators are being supported by Seachdain na Gàidhlig 2023 who have developed comprehensive education packs in partnership with educational publishing house, Twinkl, to help teachers and young people engage with the initiative. The activities and resources include teacher planners, suggested content and activities aimed at both primary and secondary levels for both Gàidhlig medium and Gaelic Learners – ensuring that all children and teachers can get involved, whether they are fluent or just starting their journey with the language.
Shona NicIllinnein, Ceannard at Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig’s main funders, said: “We are delighted to support Seachdain na Gàidhlig again following on from the resounding success of its first year. This week celebrates everything about Gaelic –speakers, learners and supporters, the language, the culture, the arts, music and heritage and we are very much looking forward to this year’s offering. The Small Events Fund Scheme worth £24,000 will have enabled more groups to host their own events in their communities and we are hugely encouraged by the number of applicants. In line with the aims of the National Gaelic Language Plan, this week helps to promote, celebrate and normalise Gaelic as well as contribute to wellbeing and creating and strengthening connections in Gaelic worldwide. Chìsinn ann sibh!”
Building upon the success of their inaugural 2022 event, and their online campaign #SayAGaelicPhraseDay, Seachdain na Gàidhlig 2023 is facilitated by Scottish traditional culture and music organisation Hands Up For Trad, wholaunched a raft of new initiatives this year. To celebrate and promote the importance and use of Gaelic within both cultural and commercial landscapes, various resources have been published online to help with education, marketing, and public relations, plus the new Small Grants Fund was introduced, awarding Micro-Grants of up to £500 to support initiatives.
Simon Thoumire, Director of Hands Up For Trad, the Scottish cultural organisation that founded and runs Seachdain na Gàidhlig, said: “We are really happy that Bord Na Gàidhlig have supported this project, which fits with Hands Up For Trad’s aims of supporting Gaelic culture and language.”
For all events & ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2023, visit:www.seachdainnagaidhlig.scot
For education resources visit: https://seachdainnagaidhlig.scot/education/
Follow on social media: twitter.com/sngaidhlig / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig
Search Hashtags: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi
FilmG & Deoch an Dorais
Air a ruith le Astar, chaidh duaisean FilmG a chumail airson an 15mh bliadhna ann an Glaschu a-raoir (16 Gearran). Bha cuid de sgioba Sheachdain na Gàidhlig an làthair agus bha oidhche air leth ann, le buannaichean a bha gu math airidh air na duaisean. Mealaibh air naidheachd do na buannaichean uile, agus dhan a h-uile duine air a’ gheàrr-liosta! Choisinn Choirstaidh NicArtair, tè de thosgairean na Seachdain, duais roghainn FilmG airson an fhiolm ghoirid aice, Priob.
Chùm an oidhche a’ dol thall aig Mharsanta far an deach Seachdain na Gàidhlig a cur air a casan le deagh chruinneachadh de dhaoine a bha airson tighinn còmhla airson craic is cabadaich. Abair gu bheil sinn deiseil airson Seachdain na Gàidhlig a-nis!
//
Some of the Seachdain na Gàidhlig team had a great night at the 15th FilmG Awards last night in Glasgow, run by Astar. The winners were truly deserving – well done to you all, and to all who made the short-lists! One of our talented ambassadors, Choirstaidh NicArtair, walked away with the prize of FilmG’s choice for her short film, Priob.
The evening continued with the Deoch an Dorais reception hosted by Seachdain na Gàidhlig at Mharsanta to get everyone ready for the week ahead. A great group of folk gathered to round off the night – we are well and truly ready for Seachdain na Gàidhlig now!
TRÌ Latha Ri Dhol! // 3 Days To Go!
Tha e gu math doirbh a chreids gum bi Seachdain na Gàidhlig oirnn ann am beagan làithean. Tha còrr is 100 tachartas sa mhìosachan a-nis agus deagh mheasgachadh de ghnìomhachd is chuspairean nam measg! Faic na bhios a’ dol san sgìre agaibh fhèin an seo agus innis dhuinn ma tha tachartas fainear dhuibh. Tha sibh uile a’ dèanamh obair ionmhalta ann a bhith ag ullachadh airson na seachdain agus bu chaomh leinn ur moladh. Cha bhiodh Seachdain na Gàidhlig ann às ur n-aonais!
Tha sinn fhathast a’ sireadh lèine-T oifigeil airson Seachdain na Gàidhlig 2024 – ma tha sibh fo aois 18, thoir sùil an seo airson riaghailtean na farpais.
Cuimhnichibh gu bheil ultach de ghoireasan againn airson ur cuideachadh tron t-seachdain, o phostairean gu suaicheantasan gu planaichean foghlaim. Gheibh sibh iad uile an seo, agus ma bhios sibh a’ cleachdadh mheadhanan sòisealta, cuir tag oirnn @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) agus cleachd #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig agus #cleachdi. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn na nì sibh!
Ma tha sibh airson tìodhlac a thabhann do Sheachdain na Gàidhlig airson goireasan a leasachadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air a’ Ghàidhlig, brùth an seo. Nì a h-uile sgilling diofar agus tha sinn air leth taingeil airson ur taic leantainneach.
//
It is hard to imagine that Seachdain na Gàidhlig is now only a matter of days away. We now have more than 100 events submitted into the calendar with a vast and exciting range of activity – take a look here and see what’s happening in your area, and remember there’s still time to submit your own. You have all undertaken a huge amount of work to prepare for the week and we would like to thank you for this. Seachdain na Gàidhlig wouldn’t happen without you!
We are still seeking an official T-shirt design for Seachdain na Gàidhlig 2024 – if you’re under 18 take a look here for the rules of the competition.
We have a load of resources available on our website to help you to take part in Seachdain na Gàidhlig, from posters to logos to education planners. You can find them all here, and if you use social media don’t forget to tag us @sngaidhlig (Facebook, Instagram, Twitter, TikTok) and use #SeachdainNaGàidhlig, #Gàidhlig, #Gaelic and #cleachdi. We are so excited to see how you get on!
To donate towards Seachdain na Gàidhlig’s continuing work in developing resources and ensuring everyone has access to Gaelic, please click here. We appreciate every penny and your donation will make a difference.
Deoch an Dorais // One for the Road
Tha Seachdain na Gàidhlig a’ toirt cuireadh dhuibh tighinn còmhla rinn an-dèidh dhuaisean FilmG an ath-sheachdain gus cothrom fhaighinn cruinneachadh còmhla, a’ cabadaich sa Ghàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.
Cuin? Diardaoin 16 Gearran, 10f – anmoch
Càite? Mharsanta, Bell Street
Bhiodh sinn cho toilichte ur faicinn ann!
//
Seachdain na Gàidhlig invites you to an informal gathering after the FilmG awards next week, where we’ll be coming together to chat in Gaelic and continue an enjoyable and social evening.
When? Thursday 16th February, 10pm – late
Where? Mharsanta, Bell Street
We’d love to see you there!
Tabhartasan a bharrachd // Further Small Grants Fund Awardees
Le poit-airgid a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, chaidh againn air tabhartasan a thoirt do ghrunn thagraichean eile a chuir a-steach airson Maoin nan Tabhartas Beag.
Fhuair sinn 63 iarrtas uile-gu-lèir agus tha sinn cho toilichte gun d’ fhuair sinn air feadhainn a bharrachd a mhaoineachadh. Ceud taing do Bhòrd na Gàidhlig! Feuch gun toir sibh sùil air a’ mhìosachan an seo gus am faic sibh na bhios a’ dol san sgìre agaibh fhèin tro Sheachdain na Gàidhlig – agus cuir tachartas sam bith a tha fainear dhuibh fhèin ann cuideachd!
//
After securing further funding from Bòrd na Gàidhlig, we have been able to fund a further round of Small Grants Fund applicants. We received 63 applications altogether and we are so happy to have been given the opportunity to assist a number of events and projects. Huge thanks to Bòrd na Gàidhlig!
Make sure you visit the online calendar here to see what events will be going on in your area during Seachdain na Gàidhlig – and don’t forget to add your own!