Tapadh leibh uile! // Thank you all!

SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2023

Uill, Seachdain na Gàidhlig, dè chanas sinn? Tha sinn dìreach air ar dòigh glan leis mar a ghabh a h-uile duine rithe, bho luchd-ionnsachaidh gu fileantaich, buidhnean coimhearsnachd gu buidhnean poblach, sgoiltean gu iomairtean ionadail agus a h-uile càil eile. Tha sinn an dòchas gun chòrd an seachdain ribh uile agus gun d’ fhuair sibh cothrom a comharrachadh ann an seadh air choireigin. Innis dhuinn dè rinn sibh, dè chuala sibh ‘s a chunnaic sibh, agus a’ bhuaidh a bh’ aig Seachdain na Gàidhlig oirbh an seo: https://buff.ly/3m7Gfdv. Nam b’ urrainn dhuibh a lìonadh to dheireadh na h-ath-sheachdain bhiodh sinn fada nur comain.

Ceud taing dhan luchd-maoineachaidh is luchd-taic againn: Bòrd na Gàidhlig, Hands Up for Trad agus Alba Chruthachail. Às an aonais, agus às ur n-aonais, cha bhiodh Seachdain na Gàidhlig ann!

Cumaibh na cinn-latha nur leabhraichean-latha airson na h-ath-bhliadhn’…

SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2024 : 19 – 25 GEARRAN!

Chì sinn ann sibh!

//

Well, Seachdain na Gàidhlig, what could we possibly say!? We are absolutely delighted with the response and how the week was embraced by learners and fluent folk, community groups and public bodies, schools and local initiatives and everything in between. We hope you enjoyed the week as much as we did and that you were able to celebrate Gaelic in some manner. Let us know what you did, what you heard and what you saw by filling in our anonymous feedback form here: https://buff.ly/3m7Gfdv. Please fill this in by the end of next week if possible.

Huge thanks to our funders and supporters: Bòrd na Gàidhlig, Hands Up For Trad and Creative Scotland. Without them and without all of you, Seachdain na Gàidhlig would not exist!

Are you ready to put next year’s dates in your diaries..?

SEACHDAIN NA GÀIDHLIG 2024 : 19th – 25th FEBRUARY!

We’ll see you there!

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here