Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Na Mòdan Ionadail An-diugh agus san Àm ri Teachd // Local Mòds Today and In the Future

24 An Gearran @ 10:00 m - 10:00 f

Tha An Comunn Gaidhealach fìor thoilichte a ràdh gun tèid co-labhairt air a bheil ‘Na Mòdan Ionadail- An-diugh agus an t-Àm ri teachd’ a chumail 24 Gearran, 10m-5f,  ann an Inbhir Nis aig Cùirt an Easbaig.

Air an latha, gheibhear cothrom còmhradh a dhèanamh air mar a thathas a’ brosnachadh agus a chomharrachadh na Mòdan Ionadail. Tha sinn cuideachd gu mòr airson taic a thoirt do chomataidhean na Mòdan ‘s bithear a’ cnuasachadh air na rudan a tha ag obair gu math dhuibh agus na dùbhlain a dh’ fhaodadh a bhith an luib na h-obrach. Thathas an dùil gum bi an tachartas seo feumail gus leasachadh agus piseach a thoirt air na Mòdan sna bliadhnaichean ri thighinn.

Bidh prògram inntinneach ann air an latha, làn fiosrachaidh, agus a’ gabhail a-steach chuspairean leithid “Maoineachadh”, “Mòdan agus an t-Eadar-Lìon” agus “Dòighean Breithneachaidh aig a’ Mhod Nàiseanta”. Bidh fàilte ann bho Maggie Choinneagan , Ceann-Suidhe a’ Chomuinn agus- an rud as cudromaiche, bidh cèilidh ann air an oidhche aig a British Legion, Inbhir Nis leis a’ chòmhlan ainmeil,  “Black Isle Ceilidh Band” !

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith an làthair, bidh fàilte air dithis riochdaire bho gach Mòd mar sin bruidhinn ris a’ Chomataidh Ionadail agaibh. Cuir post-dealain gu fiona@ancomunn.co.uk airson barrachd fiosrachadh fhaighinn.

//

An Comunn Gaidhealach is delighted to let you know that there will be a one day conference “ The Local Mods- Today and In the Future”, to be held on the 24th February at Eden Court in Inverness.

We will all have an opportunity on the day, to discuss how we are promoting celebrating and using our Mods. We are also committed to supporting Local Mod committees and we hope that you will be willing to engage in debate about what goes well and what does not go so well with your Mods. We will be using the information gathered to develop and improve events over the coming years.

We will have an interesting program on the day, full of useful information on topics such as ‘Funding, Mods and the Internet, and also How the Results System works at the National Mod”. ACG President Maggie Cunningham will welcome everyone on the day and most importantly, there will be a ceilidh on the night at the British Legion in Inverness, with the well known “Black Isle Ceilidh Band’!

If you are interested in taking part , there will be 2 places made available for each Local Mod so speak with your local Committee. Email fiona@ancomunn.co.uk for more information”

Bidh ceilidh air an oidhche aig a British Legion leis a Black Isle Ceilidh Band, toiseachadh 1930f, £10 , p.d gu fiona@ancomunn.co.uk. Bidh na ‘Rionnagan’ air an àrd-ùrlar, Calum Alex Macmillan is James Graham na measg!

Mion-fhiosrachadh

Date:
24 An Gearran
Time:
10:00 m - 10:00 f

Organizer

An Comunn Gàidhealach
Email
fiona@ancomunn.co.uk
View Organizer Website

Venue

Eden Court

Mion-fhiosrachadh

Date:
24 An Gearran
Time:
10:00 m - 10:00 f

Organizer

An Comunn Gàidhealach
Email
fiona@ancomunn.co.uk
View Organizer Website

Venue

Eden Court
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here