Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Lorg Glaschu @ Canàlan na h-Alba – “slighe-ionmhais” àrc-eòlach / archaeology treasure hunt

26 An Gearran, 2023 @ 2:00 f - 4:00 f

l

A bheil ùidh agad ann an àrc-eòlas agus eachdraidh Ghlaschu? Bidh an geama “Lorg – Glaschu” gad thoirt air cuairt tro mheadhan na Gàidhlig gus barrachd ionnsachadh ann an dòigh spòrsail. Thugainn agus cluich còmhla rinn!

Bidh sinn a’ coinneachadh aig tòiseach na slighe aig Speirs Wharf ann am Port Dundas (55°52’15.8″N 4°15’28.5 W), far a bheil an canàl a’ tòiseachadh.

Bidh sinn a’ freagairt cheistean agus sinn a’ coiseachd eadar Port Dundas agus na Claypits ann an Hamiltonhill. Bidh sinn ag ionnsachadh barrachd mu àrc-eòlas gnìomhachais na sgìre ann an dòigh neo-fhoirmeil agus -tha mi ’n dòchas – spòrsail!

Bidh sinn a’ tòiseachadh aig 2f agus bidh sinn deiseil mu 4f. Ma tha ceist sam bith agad, nach cuir thu fios thugam.

Ma bhios an t-sìde ro gharbh, bidh againn ri seo a chur dheth, ach feuchaidh mi ri àm eile a lorg air a shon. Cùm sùil air na meadhanan sòisealta aig Lorg-Glaschu son barrachd fios.

Bidh feum agad air:

– Fòn-làimhe agus dàta (bidh sinn a’ cleachdadh an làrach-lìn seo: https://www.lorg-glaschu.com

– Aodaich agus brògan freagarrach airson beagan coiseachd

– Do chuid Ghàidhlig – na gabh dragh mura bheil thu fileanta no mura bheil thu a’ faireachdainn misneachail. Ged a tha an làrach-lìn agus an geama anns a’ Ghàidhlig air fad, tha an geama fhèin sìmplidh gu leòr, agus bidh goireasan ann gus do chuideachadh (hyperlinks agus liosta de fhaclan feumail, m.s.a.a.). Tha fàilte air daoine aig gach ìre de dh’fhileantas a bhios deònach feuchainn agus cluich còmhla rinn!

A rèir co mheud cluicheadair a bhios ann, ’s dòcha gum bi sinn a’ cluich ann am buidhnean beaga. Ma thu thu airson pàirt a ghabhail, bhithinn fada nad chomain nan cuireadh tu fios thugainn air Facebook: https://www.facebook.com/LorgGlaschu no gu lorg.glaschu@gmail.com

Gabhaltas agus so-ruigsinneachd:

Bidh sinn a’ coiseachd air slighe gu math rèidh, mile/mile gu leth de dh’fhaid. Tha pàirt dheth leacaichte le clachan-chàsaidh, ge-tà.

Bidh sinn a’ cluich taobh a-muigh

Tha fàilte cridheil air teaghlaich, buidhnean òigridh agus m.s.a.a. Tha barrachd leughaidh an lùib a’ gheama seo an coimeas ris an scavenger hunt ri taobh abhainn Cheilbhinn, ge-tà. Tha fiosrachadh ann am Beurla ri fhaighinn air soidhnichean feadh na slighe, ma tha thu feumach air barrachd co-theacsa gus an geama Gàidhlig a thuigsinn. Tha mi toilichte ceist sam bith a fhreagairt mun ìre de dhuilgheadas.

Taing mhòr!

Tha mi ‘n dòchas d’ fhaicinn ann! 😊

—————-

Are you interested in archaeology? The game “Lorg-Glaschu” will bring you on a short trip through time through the medium of Gaelic. Come and play with us!

We will meet at 2pm at the start of the canal at Speirs Wharf, Port Dundas (55°52’15.8″N 4°15’28.5 W), and then we will follow the treasure hunt trail to the Claypits in Hamiltonhill, learning more about the history of the Canal and surrounding areas.

You will need:

– A fully charged mobile phone with phone data (we will use this website for the game: https://www.lorg-glaschu.com)

– Clothes and shoes that are comfortable for a bit of walking

– Your Gaelic skills – but don’t worry if you are not fluent or very confident. While the website is entirely in Gaelic and aimed at encouraging the use of the language, the game itself is simple and there will be additional resources for those who need them – such as hyperlinks and word lists to help you describe what you see, and build your skills in the process! If you have any questions about any of this, feel free to get in touch.

Depending on numbers we might play in small teams, and once again we will take into account fluency and confidence to put everyone at ease! If you would like to take part, please let us know on Facebook https://www.facebook.com/LorgGlaschu or via email to lorg.glaschu@gmail.com

Accessibility:

We will be walking on a fairly level, paved ground. Note there is a short cobbled section. The trail is about 1 mile/ mile and a half long.

The entire game is outdoors.

Family and children-friendly event. Note there is more reading involved in this one compared to the Kelvin Scavenger hunt.

There are signs in English by Scottish Canals all along the way which contain some of the information the game refers to, which can support your understanding of the Gaelic game texts.

Thank you!

Feel free to get in touch if you have any questions at all!

Hopefully see you there! 😊

Mion-fhiosrachadh

Date:
26 An Gearran, 2023
Time:
2:00 f - 4:00 f
Event Category:
Website:
https://lorg-glaschu.com

Organizer

Lorg-Glaschu

Venue

Speirs Wharf, Scottish Canals
Canal House, 1 Applecross St
Glasgow, G4 9SP
+ Google Map

Mion-fhiosrachadh

Date:
26 An Gearran, 2023
Time:
2:00 f - 4:00 f
Event Category:
Website:
https://lorg-glaschu.com

Organizer

Lorg-Glaschu

Venue

Speirs Wharf, Scottish Canals
Canal House, 1 Applecross St
Glasgow, G4 9SP
+ Google Map
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here