Tachartasan is Pròiseactan // Events and Projects – Seachdain na Gaidhlig
Seo agaibh an liosta de bhuidhnean a fhuair maoineachadh bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (le taic bho Bhòrd na Gàidhlig) airson pròiseactan is tachartasan a ruith tro Sheachdain na Gàidhlig 2025.
Coimhead tromhpa agus dh’fhaodadh gum bi ruideigin uabhasach inntinneach a’ tachairt faisg oirbh fhèin!
Cuimhnich gu bheil gu leòr a’ dol a bharrachd air na tachartasan a fhuair maoineachadh – thoir sùil air a’ mhìosachan an seo agus feuch gun cuir sibh ris ma tha càil san amharc agaibh.
//
We are delighted to bring you the list of groups who received funding from the Small Grants Fund (supported by Bòrd na Gàidhlig) to run events and projects during Seachdain na Gàidhlig 2025.
Have a look through them – there may be something very interesting happening on your own doorstep!
Remember that there will be many more events happening as well as those who received funding – take a look at the online calendar here and please do add your own if you’re planning anything to tie in with Seachdain na Gàidhlig 2025!
Comhairle Aonghais (Angus Council)
Comann Nam Pàrant Aonghais – Gaelic Bookbug Angus
Oidean ealain Ghàidhlig, innse sgeulachdan, làmh-cheàrdan is geamannan do chlann eadar aois 0 is 12 // Gaelic Arts tutors, story-telling, crafts & games for children aged 0-12
Comhairle Baile Dhùn Dè (Dundee City Council)
Dundee City Council – Building Gaelic Connections in Dundee
Cuiridh sinn air bhog an leabhran againn gu h-oifigeach aig an tachartas seo, “Dundee’s Gaelic. Gaelic in Dundee Past and Present” agus bidh òraid ann leis na h-ùghdaran // The event will officially launch our booklet “Dundee’s Gaelic. Gaelic in Dundee Past and Present” and will include a talk from the authors
Comhairle Baile Dhùn Èideann (City of Edinburgh Council)
Comunn na Gàidhlig – Ceanglaichean Dhùn Èideann
Cumaidh sgoilearan le Gàidhlig on àrd-sgoil seiseanan dràma, seinn Ghàidhlig is spòrs do sgoilearan bun-sgoile ann an Dùn Èideann airson buan-cheanglaichean a stèidheachadh. // Gaelic-speaking high school pupils will lead drama, Gaelic singing, and sports sessions for Gaelic primary school pupils in Edinburgh to build lasting connections.
Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann – Ionad Pop Up
Bidh sinn a’ cruthachadh IONAD GÀIDHLIG airson feasgar airson coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann agus le taic is cuideachadh bhuaipe // We will create a Gaelic Center for an evening for and with the support and help of the Edinburgh Gaelic community
Bun-sgoil Taobh na Pàirce – Seachdain na Gàidhlig aig TnP
A’ leasachadh Gàidhlig agus ceanglaichean gun chrìch aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce. // Developing Gaelic and Building Connections at Parkside Primary School.
Early Years Edinburgh – Leugh is Seinn le Linda ann an Dùn Èideann
Leugh, Seinn is Spòrs le Linda ann an Dùn Èideann. // Reading, Singing and Fun with Linda in Edinburgh.
Capital Gaelic – Na Fuadaichean
Taisbeantas dràma agus ciùil // Drama and Music performance
Comhairle Baile Ghlaschu (Glasgow City Council)
Comhairle nan Leabhraichean – Geama Fantasachd
Bùth-obrach airson geama fantasachd a chruthachadh còmhla ri cleasaiche MJ Deans agus sgoilearan na FtMG (S1-2) // A workshop to create a fantasy game with the actor MJ Deans and GME pupils (S1-2)
Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Challtainn – Ceanglaichean Gàidhlig
A’ cumail tachartas agus cèilidh coimhearsnachd a thaisbeanas is a chomharraicheas cànan is cultar na Gàidhlig, a’ neartachadh ar coimhearsnachd sna teaghlaichean Gàidhealach ùra a thàinig o iomadh àite, a’ togail ar n-ìomhaigh is a’ neartachadh ar ceanglaichean ri buidhnean ionadail. // Running a showcase event and community ceilidh to celebrate our Gaelic language and culture, help create a strong sense of community within our diverse New Gael families, raise our profile and strengthen our links with local organisations.
An Lòchran – Ceanglaichean sa Bhaile Mhòr
Nì sinn tachartas gach latha tro sheachdain na Gàidhlig airson muinntir a’ bhaile a chruinneachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig. // We will hold an event every day during Gaelic Week to bring together the people of the village in a Gaelic-speaking environment.
Gàidhlig & Seinn le Refuweegee
A’ lìbhrigeadh bùthan-obrach is tachartasan Gàidhlig aig Refuweegee rè Seachdain na Gàidhlig. // Delivering Gaelic singing workshops & events at Refuweegee over Seachdain na Gàidhlig.
Foghlam-G /ASN in GME – February Meet-Up
A’ faighinn àite airson coinneachadh mu fheumalachdan taice a bharrachd ann am FTMG // Hire of a venue for ASN in GME meet-up
Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn – Ho-Ro Gheallaidh na Cloinne
Hò-Ro Gheallaidh na Cloinne – cothrom ceangal a dhèanamh leis a’ choimhearsnachd againn airson cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh agus soirbheachais ar sgoilearan a chomharrachadh. // A Children’s Shindig – an opportunity to connect with our community to celebrate Gaelic language and culture and celebrate the successes of our pupils
Comhairle Baile Obar Dheathain (Aberdeen City Council)
Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain – Gaelic Play-in-a-Day
Bidh sinn a’ cur air dòigh dealbh-chluich Gàidhlig, ‘Sequamur’ – ach tha dìreach aon latha a-mhàin againn! // We are organising a Gaelic play, ‘Sequamur’ – but we only have one day!
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid (Argyll and Bute Council)
Co-Roinn Ghàidhlig Mhuile & Ì – Cèilidh Mhòr na Gàidhlig sa Western
Cèilidh mhòr sa Western Isles Hotel ann an Tobar Mhoire a’ comharrachadh na Gàidhlig ann am Muile // A big ceilidh in the Western Isles Hotel in Tobermory celebrating Gaelic in Mull
Islay High School – A’ moladh ar dàimh leis a’ mhuir
Cothrom airson ceanglaichean a thogail eadar an sgoil is a’ choimhearsnachd san fharsaing le bhith a’ comharradh cultar is eachdraidh an àite // An opportunity to build connections between the school and wider community through a celebration of local culture and history
Oban Gaelic Choir – Seinn Leinn
Bùth-obrach seinn Ghàidhlig san Òban a theagaisgeas do dhaoine òrain Ghàidhlig agus mar a sheinnear iad, a’ brosnachadh ceanglaichean cultarach sa choimhearsnachd is a’ comharradh Gàidhlig is ceòl Gàidhlig, a’ togail air soirbheas nan seiseanan eile am-bliadhna. // A Gaelic singing workshop in Oban for individuals to learn and perform Gaelic songs, fostering cultural connections within the community and celebrating Gaelic language and music, building on the success of this year’s sessions.
CnaG Ìle – Taighean-solais Ìleach
Comharrachadh dualchas na taighean-solais ann an Ìle le cultar Gàidhlig // Celebrating the heritage of lighthouses in Islay with Gaelic culture
CHARTS Argyll and Isles – SEANCHAS SGIBINIS
Nì oifigear cultar na Gàidhlig CHARTS obair ann an coilltean eachdraidheil is àrsaidh Chinn Tìre am broinn Cinn Tìre an ear-thuath còmhla ri seann daoine le Gàidhlig is a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd, a bhrosnachadh com-pàirteachas riatanach eadar na ginealaichean, a’ tarraing aire do chudrom is buaidh nàiseanta coilltean-uisge measarra Chinn Tìre dha na glùintean seo romhainn is dreuchd na Gàidhlig mar eadar-aghaidh eadar na daoine is an saoghal nàdarra.
// CHARTS Gaelic Culture Officer will work in Kintyre’s ancient and historic woodland landscape within North East Kintyre with local Gaelic elders and wider community, enabling vital intergenerational participation, emphasising the national significance and impact of Kintyre’s temperate rainforest for future generations and role of Gaelic language as interface between people and the natural world.
Urras Thiriodh – Latha Coimhearsnachd na Gàidhlig
Latha coimhearsnachd a chomharraicheas pailteas nan tachartasan Gàidhlig a chaidh a chumail an-uiridh ann an Tiriodh, le ceòl, geamannan, cafaidh, filmichean is taisbeanadh dealbhaidhean lèintean-t na cloinne airson ceanglaichean coimhearsnachd tron Ghàidhlig a bhrosnachadh. // A community celebration day highlighting the diversity of Gaelic events held over the past year in Tiree, offering music, games, a café, film screenings, and showcasing children’s t-shirt designs, to foster community connections through Gaelic.
Comhairle nan Eilean Siar
Taigh-tasgaidh + Ionad-ealain Taigh Chearsabhagh – Blas
Tachartas co-roinneadh a’ leudachadh is a’ sgaoileadh còmhradh // A sharing event, expanding and spreading conversation
Àrd Sgoil MhicNeacail (The Nicolson Institute) – Còisir Gàidhlig Sgoil MhicNeacail
Brosnachadh sgoilearan clas 7 gus eòlas a chuir air clann à sgìrean eile a tha tighinn chun na h-àrd-sgoile leotha agus am misneachadh tighinn gu còisir Ghàidhlig nuair a tha iad air S1. // Encouraging year 7 pupils to get to know children from other areas who are come to the secondary school with them and to encourage them to join the Gaelic choir when they are in S1.
Comunn Eachdraidh Chàrlabhaigh – Ainmean-àite Chàrlabhaigh
Oidhche de chabadaich mu ainmean-àite anns an sgìre is sgeulachdan co-cheangailte riutha // A night of blether about local place names and stories related to them
Àrd-sgoil MhicNeacail – Bèicearan Leòdhais
Tachartasan Bèicearachd tron Ghàidhlig le sgoilearan agus luchd-obrach Àrd-sgoil MhicNeacail // Baking events through the medium of Gaelic with students and staff of the Nicholson Institute
Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh – Gaelic Lessons with supporting Gaelic language coffee morning
Leasanan Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh Diluain is Dimàirt agus an uair sin madainn cofaidh Diciadain // Gaelic lessons for learners on Monday and Tuesday followed by Gaelic coffee morning on Wednesday
Comhairle na Gàidhealtachd (The Highland Council)
Sutherland Sessions – Feasgar làn chiùil // Music Evening
Feasgar ciùil le Àdhamh Sutharlanach agus Iain Somervielle le taic o Donnchadh MacLeòid is Ròna NicLeòid // Music evening with Adam Sutherland and John Somerville with support from Duncan and Rona Macleod
Comunn na Gàidhlig Loch Abar – Cabadaich is Cluich
Clas còmhraidh Gàidhlig do dh’inbhich agus geamannan is làmh-cheàrdan dhan chlann. // Conversational Gaelic class for adults and games and crafts for children.
Muirtown Primary School – Gaelic Week Celebration 2025
Tha sinne, aig Bun-sgoil Bhaile an Fhraoich, am beachd pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig le bhith a’ toirt cothrom dhan chlann ann am P6 agus P7 obair a dhèanamh le oide airson ’s gun tuig iad buaidh na Gàidhlig air a’ choimhearsnachd nas fheàrr, òrain thradaiseanta Ghàidhlig ionnsachadh is na dh’ionnsaich iad a thaisbeanadh ann an leabhar digiteach, a’ tadhal air taigh-cùraim ionadail is air cèilidh teaghlaich.
// We, at Muirtown Primary, plan to engage in Gaelic Week by offering our P6 and P7 children the opportunity to work with a tutor to develop their awareness of the impact of Gaelic language on the local community, learn some traditional Gaelic songs, and to showcase their learning through creation of a digital book, a visit to our local care home and via a family ceilidh.
Sabhal Mòr Ostaig – SRÙBAG air an Rathad
Srùbag a chur air dòigh aig Gasta aig an ‘Isle of Skye Candles Visitor Centre’ // A get-together at Gasta at the Isle of Skye Candles Visitor Centre
Urras Ionad Throndairnis – Cèicean Cruthachail
Bùth-obrach air a bhith a’ sgeadachadh cèicean le proifeiseantach bhon sgìre. // Cake decorating workshop with a professional from the district.
Strathnairn Development Company – Gàidhlig ann an Srath Naruinn: Ceanglaichean gun Chrìch
Gàidhlig ann an Srath Narainn – Ceanglaichean gun Chrìch // Gaelic in Strathnairn – Building Connections
Cheryl Heggie School of Dance – Dannsa airson na Gàidhlig
A’ ceangal coimhearsnachdan ri chèile tro dhannsa airson ceanglaichean sòisealta, slàinte inntinn is bodhaig nas fheàrr is a’ brosnachadh na Gàidhlig aig an aon àm. // Connecting communities through dance, to improve social connections, mental & physical health whilst promoting the Gaelic language.
West Highland Museum – Gaelic Lochaber Past and Present
Pròiseact a bheir cruinn na ginealaichean airson beatha ùr a chur ann an seann sgeulachdan is òrain Loch Abar // An intergenerational project to bring stories and songs from Lochaber’s past back to life
The Big Sing – Guthan sa choille: Voices of the Forest
Latha de sheinn co-sheirm Ghàidhlig ann an Coille Bhorgaidh, stèidhichte air eòlas Gàidhlig ionadail air cladach Chataibh a tuath agus a’ comharradh 25mh ceann-bliadhna Cuach-shlighe Aibidil nan Craobhan ann am Borgaidh. // A day of Gaelic harmony singing in Borgie forest, drawing on local knowledge of Gaelic on the North Sutherland Coast and celebrating the 25th anniversary of the Borgie Gaelic Alphabet Tree Spiral.
Kilmuir Primary School – Leabhar Ceilidh Bun-sgoil Chille Mhoire
A’ cur ri chèile leabhar òrain cèilidh le òrain thradaiseanta Ghàidhlig, a’ lìbhrigeadh bùthan-obrach òran Gàidhlig is aig an deireadh, cèilidh coimhearsnachd a bheir cruinn gach ginealach. // Compiling a Ceilidh song book of Gaelic traditional songs, delivering Gaelic song workshops and culminating with a community inter-generational ceilidh.
Nether Lochaber Community Association – Làmhan thar na Linne
Comharradh ionaid, cànain is cultair, ag ath-cheangal dà choimhearsnachd a bhiodh aiseag a’ Chorrain a’ ceangal ri chèile le siubhail ith-chruinneachaidh, seiseanan seinn is innse sgeulachdan agus ciad chruinneachadh de chearcall a bheir cruinn Gàidheil, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice a’ chànain gu cunbhalach o dhà thaobh Loch Linnidh. // A celebration of place, language and culture, re-connecting two communities traditionally linked by the Corran crossing, through Gaelic foraging walks, song and storytelling sessions and a first gathering of a regular circle drawing together Gaels, learners and supporters of the language from both sides of Loch Linnhe.
Bealach – Connecting Bealach Communities
Bùth-obrach Gàidhlig a bheir daoine cruinn // A Gaelic led workshop to bring people together
Plockton High School – Seachdain na Gaidhlig aig Àrd-Sgoil a’ Phluic
Tachartsan Gàidhlig aig Àrd-Sgoil a’ Phluic // Gaelic events at Plockton High School
Park Primary School – Making a Song and Dance about Gaelic
A’ brosnachadh com-pàirteachas sa Ghàidhlig le bhith ga comharradh tro phuirt-beòil, dannsa ceum, cànan is ceòl dhan sgoil air fad. // Promoting participation in Gaelic through a whole-school celebration of puirt a beul, stepdance, language and music.
Tobar an Dualchais – Dualchas Màiri Mhòr nan Òran
Bu toil le Tobar an Dualchais (TaD) agus Cultarlann Inbhir Nis tachartas a chur air chois còmhla a bhrosnaicheas Màiri Mhòr nan Òran agus a ceanglaichean ri Inbhir Nis. // Tobar an Dualchais (TAD) and Cultarlann Inbhir Nis would like to work together to host an event to promote the songs of Màiri Mhòr nan Òran and her connections to Inverness.
A’ togail Ceanglaichean gun Chrìch sa choimhearsnachd ann an Toirbheartan tro na co-cheanglaichean cultar na Gàidhlig againn. // Building Connections in the community around Torridon through shared experiences in Gaelic culture.
Comhairle Inbhir Chluaidh (Inverclyde Council)
Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg – Ceanglaichean, Cànan agus Cultar
Seachdain làn tachartasan gus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann an Inbhir Chluaidh. // A week full of events to raise the image of Gaelic in Inverclyde.
Comhairle Pheairt is Cheann Rois (Perth and Kinross Council)
Bun-sgoil Goodlyburn – 25 Bhliadhna de Ghaidhlig aig Bun-sgoil Goodlyburn
Latha làn spòrs le consairt aig an deireadh gus 25 bhliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh. // A day full of fun with a concert at the end to celebrate 25 years of Gaelic medium education.
Camanachd Bhràghad Albainn – Iomain sa Sgoil
Tha sinn an dòchas an cothrom a thoirt do gach sgoilear bun-sgoile iomain fheuchainn mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2025. // We hope to give every primary school pupil the opportunity to try shinty as part of Seachdain na Gàidhlig 2025.
Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar (East Dunbartonshire Council)
Comann nam Pàrant Bun Sgoil Innis an Uillt – Cèilidh gun Chrìch
Cèilidh a bheir cruinn pàrantan/luchd-cùraim is teaghlaichean farsaing aig clann ann am FTMG ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear is na sgìrean mun cuairt air. // A Cèilidh to bring together the parents/carers and extended family of those with children in GME in East Dunbartonshire and the surrounding area.
Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas (South Lanarkshire Council)
Bun-sgoil Beinn Chamshroin – G anns a’ Phàirc
Latha Gàidhlig spòrsail ann am Pàirc-dhùthcha Ghleann Chaladair airson ceanglaichean a chruthachadh eadar sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig bun-sgoil Chon-dòbhraid, Innis an Uillt is Bheinn Chamshroin // Big fun Gaelic day in Calderglen Park to build connections between the P1-7 Gaelic-medium pupils of Condorrat, Meadowburn and Mount Cameron Primary Schools
Bun-Sgoil Innis an Uillt – Ceanglaichean Spòrsail
‘S e aonadan Gaidhlig a th’ ann am Bun-Sgoil Beinn Chamshroin, Bun-Sgoil Chondobhrait agus Bun-Sgoil Innis an Uillt. Bidh an luchd-obrach tric a’ tighinn còmhla airson obair chuimseachd a dhèanamh ach bha sinn a’ smuainntinn gum biodh e na bhuannachd nam biodh ar sgoilearan a’ tighinn còmhla airson tachartasan spòrsail far a bheil iad a’ cleachdadh na Gàidhlig. // Ben Cameron, Condorrat and Meadowburn Primary Schools are Gaelic units. The staff often come together to do focus work but we thought it would be beneficial if our pupils came together for fun events where they can use Gaelic.
Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath (North Lanarkshire Council)
Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath – Taigh-cèilidh Siorrachd Lannraig a Tuath
Taigh-cèilidh traidiseanta le dàin, òrain is sgeulachdan, ann an co-bhonn leis an sgioba Ath-shuidheachadh Coimhearsnachd (Community Resettlement Team) a’ brosnachadh mothachadh tar-choimhearsnail air Gàidhlig gu h-àraid le ‘Albannaich Ùra’ // A traditional ceilidh with poems, songs and stories, in conjunction with the Community Resettlement Team promoting cross-community awareness of Gaelic especially among ‘New Scots’
Bun-sgoil Chondobhrait – ‘G’ anns a phàirc
Spòrs agus fealla-dhà sa Ghàidhlig airson sgoilearan. // Fun and jokes in Gaelic for pupils
Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear (East Renfrewshire Council)
East Renfrewshire Council – Cuairt Nàdair
Dàn-thuras nàdair dhan teaghlach air fad // A Gaelic nature adventure for all the family
Thornliebank Primary is Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank – Cànan, Cultar is Ceanglaichean
A’ brosnachadh cothroman airson daoine a’ tighinn còmhla airson Gàidhlig a’ bruidhinn is ag ionnsachadh tro ceòl, seinn, dràma, geamannan agus sgeulachdan. // Promoting opportunities for people to come together to speak and learn Gaelic through music, song, drama, games and stories.
Comhairle Shruighlea (Stirling Council)
Stirling Council Learning and Employability – Latha Coimhearsnachd Shruighlea
Latha coimhearsnachd a bheir cruinn luchd-ionnsachaidh, luchd-labhairt is buidhnean na Gàidhlig a chomharradh is a bhrosnachadh a’ chànain // A community day to bring together Gaelic Learners, Speakers and Organisations together to celebrate and promote the language
Comhairle Siorrachd Rinn Friù (Renfrewshire Council)
Rosneath Primary School and ELC and Luss Primary School – Rosneath Primary School and ELC and Luss Primary Building Connections Through Gaelic Circus
Sgoilearan P6 agus P7 o Bhun-sgoil is ELC Ros Neimhidh agus Bun-sgoil Lus a’ togail ceanglaichean tro shiorcas Gàidhlig. // P6 and P7 pupils from Rosneath Primary and ELC and Luss Primary building connections through Gaelic circus.
Fèis Phàislig – Taigh-cèilidh – Community Ceilidh Dance
Cèilidh coimhearsnachd a bheir cruinn daoine aig gach aois, a’ comharradh cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa is ceanglaichean sòisealta. // A community ceilidh to bring together people of all ages, celebrating Gaelic culture through music, dance, and social connections.
West Primary School – Gàidhlig aig Bun-sgoil an Iar
Feasgar Gàidhlig aig Bun-sgoil an Iar gus cothrom a thoirt do na sgoilearan a th’ againn, agus do na sgoilearan ùra a tha a’ tighinn dhan sgoil, a thighinn còmhla agus airson a’ choimhearsneachd Ghàidhlig ann am Pàislig fhàs. // A Gaelic evening at West Primary School to give our existing pupils and the new pupils coming to the school an opportunity to come together and to grow the Gaelic community in Paisley.
Rìoghachd Aonaichte (UK)
Scottish Community Heritage Alliance – Gaelic Awareness for Grassroots Heritage Organisations
Seisean com-pàirteachas leth-latha mu dhualchas na Gàidhlig air feadh na h-Alba, airson aire is tuigse a mheudachadh am measg daoine proifeiseanta agus saor-thoileach ann an roinn an dualchais choimhearsnachd. // A half-day engagement session looking at Gaelic heritage across Scotland, tailored towards increasing awareness and understanding for professionals and volunteers in the community heritage sector.
Còisir Lunnainn (the London Gaelic Choir) – Cuirm-chiùil agus dannsa
Cuirm-chiùil le ceòl Gàidhlig le Còisir Lunnainn agus an uair sin cèilidh dannsa, a’ sìor leantainn air togail airgid airson ath-leasachadh uaigh seinneadair Gàidhlig is tè-iùil mhòr Chòisir Lunnainn, Maighread NicDhonnchaidh, ann an Twickenham (Lunnainn) agus a’ togail is a neartachadh cheanglaichean eadar na Gàidheil, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, luchd-taice na Gàidhlig is an fheadhainn aig a bheil ùidh innte ann an Lunnainn.
// Concert of Gaelic music by Còisir Lunnainn followed by a ceilidh dance, continuing fundraising efforts for the restoration of the grave of great Gaelic singer and Còisir Lunnainn conductor Margrat Duncan in Twickenham, London, and building and strengthening connections among Gaels, Gaelic learners, Gaelic enthusiasts and those who are curious about Gaelic in London.
Air loidhne (Online)
Craobh an Iúir – Gàidhlig-Gaeilge: Na ceanglaichean
Bidh bùth-obrach cànain sa bhun-sgoil ionadail agus taisbeanadh Gàidhlig anns a’ Ghaeláras // There will be a language workshop in the local primary school and a Gaelic exhibition in the Gaeláras.
Tha mi toilichte – Ceangal Còmhla
A’ toirt daoine cruinn ann an seisean cabadaich is fighe/croisidh/ealain snàith eile air loidhne. // Bringing people together in an online Gaelic knitting / crochet / other yarn arts and natter.
Keep Scotland Beautiful – Co-Fharpais Ainmean-Àite Nàiseanta airson Sgoiltean
Co-fharpais nàiseanta do bhun-sgoiltean air feadh Alba, far am bi sgoilearan a’ rannsachadh na Gàidhlig le bhith a’ smaoineachadh air ainmean-àite Gàidhlig mun cuairt orra agus a’ dealbhadh mhapaichean stèidhichte air an dualchas, na h-àiteachan, agus na h-ainmean Gàidhlig ionadail aca. // A national competition for primary schools across Scotland, where pupils explore Gaelic by thinking of Gaelic place names around them and designing maps based on their heritage, places, and their local Gaelic names.