Tachartasan is Pròiseactan Maoinichte le Maoin nan Tabhartas Beag // Events and Projects Funded by the Small Grants Fund

Seo agaibh an liosta de dhaoine is bhuidhnean a fhuair maoineachadh bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (le taic bho Bhòrd na Gàidhlig) airson pròiseactan is tachartasan a ruith tro Sheachdain na Gàidhlig 2024.

Coimhead tromhpa agus dh’fhaodadh gum bi rudeigin uabhasach inntinneach a’ tachairt faisg oirbh fhèin!

Cuimhnich gu bheil gu leòr a’ dol a bharrachd air na tachartasan a fhuair maoineachadh – bheir sùil air a’ mhìosachan an seo agus feuch gun cuir sibh ris ma tha càil san amharc agaibhse.

//

We are delighted to bring you the list of groups and individuals who received funding from the Small Grants Fund (supported by Bòrd na Gàidhlig) to run events and projects during Seachdain na Gàidhlig 2024.

Have a look through them – there may be something very interesting happening on your own doorstep!

Remember that there will be many more events happening as well as those who received funding – take a look at the online calendar here and please do add your own if you’re planning anything for Seachdain na Gàidhlig 2024!

Comhairle Aonghais // Angus

 

Comann nam Pàrant Aonghais – Spòrs Còmhla

Bidh Comann nam Pàrant Aonghais a’ lìbhrigeadh tachartas làn spòrs airson clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig! Thig sinn còmhla airson ealain, geamannan ’s CLUICHE-BHOG air Là na Sàbaid, 25mh! Tha sinn an dòchas gun tig sgoilearan bho sgìrean diofraichte gus am bi cothrom ann coinneachadh ri caraidean ùra aig a bheil a’ Ghàidhlig! (Bidh feum aig pàrantan fuireach rèn tachartas.)

//

Comann nam Pàrant Angus will deliver an event full of fun for children in Gaelic Medium Education. We’ll come together for crafts, games and SOFT PLAY on Sunday, 25th. We hope pupils from different areas will come so there will be an opportunity to meet new friends with Gaelic! (Parents will need to stay for the duration of the event.)

 

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid // Argyll & Bute

 

Comunn nam Pàrant An Òbain – Cèilidh Teaghlaich

Cèilidh neo-fhoirmeil airson daoine de gach aois ann an coimhearsnachd na Gàidhlig a thoirt còmhla. Tachartas air leth airson 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh. Bidh clann is inbhich a’ seinn is a’ cluich agus gheibhear cothrom dannsa no dhà ionnsachadh. Bidh fàilte ro thìodhlacan agus bidh gnìomhachdan a bharrachd ann do chloinn agus cothrom bruidhinn air buannachdan FtMG.

//

An informal gathering to bring the Gaelic community together and encourage intergenerational interaction. A fantastic opportunity to celebrate 25 years of GME in Oban. With performances from children and adults from the local community, and an opportunity to learn some Ceilidh dancing. Entry will be a silver donation and there will be additional activities for children and an opportunity to discuss the merits of GME should anyone wish.


Fèis Latharna – An Seisean Seinn

 

Aon latha de bhùthan-obrach do dh’òigridh sgìre an Òbain is Latharna aois 11-18, a’ togail air a’ bhuidheann mìosail. Bidh fòcas air òrain Gàidhlig – luaidh is puirt à beul. Ionnsachaidh com-pàirtichean mar a chuireas iad dreach ùr air òrain is fuinn is thèid a thaisbeanadh aig tachartas poblach neo-fhoirmeil air Diluain 19 Gearran.

//

1 day group work music workshop involving 11-18 year olds from the Oban and Lorn area, building on Fèis Latharna’s Sunday Sessions monthly group work initiative. The focus of the workshop will be on Gaelic song – òrain luaidh / puirt a beul. The participants will learn to sing, play and arrange new material, and perform/share it along with other tunes at an informal public event on Monday 19 February.

 

Royal National Mòd Local Organising Committee (Oban) – Seinn Leinn – Oban’s Big Sing

Tha Seinn Leinn ag amas air blasad a thoirt do dhaoine den chàirdeas, fois-inntinn agus aoibhneas a thig le bhith a’ seinn ann an còisir, gun a bhith fo uallach a dhol nad làn bhall. Thairis air an fheasgar seo, thèid agad air cuid de na h-òrain Gàidhlig as aithnichte ionnsachadh, gad fhàgail gu tur deiseil airson cur ri cèilidh, ge bi càit am bi thu – bho Barbhas gu Bàgh a’ Chaisteil agus Benderloch – agus gach àite eatorra! Thathas an dòchas gum faigh seinneadairean misneachd is dealas à Seinn Leinn gus am faod iad pàirt a ghabhail anns na Còisirean Chruinnichte – cruinneachadh de cheudan de sheinneadairean bho chòisirean Gàidhlig, a bhios a’ tighinn le chèile gus crìoch a’ Mhòd Nàiseanta a chomharrachadh.

//

Seinn Leinn aims to give folk a taste of the camaraderie, mental respite and joy that comes with choral singing, without the commitment of joining a choir. Throughout the course of the afternoon, you’ll pick up some of the classically popular Gaelic songs, meaning you’ll be able to join in wherever you find yourself at a cèilidh – from Benderloch to Barvas and Kilmore to Castlebay – you’ll fit right in! It’s hoped that singers will come away from Seinn Leinn with the confidence and enthusiasm to participate in the most moving of Mòd events, the Massed Choirs – a gathering of hundreds of Gaelic choir singers to mark the end of the National Mòd.

 

Companaich Dhail Riada – A’ ceangal choimhearsnachdan agus àiteachan

Tachartasan Meadhan Earra-Ghàidheal! Tha Companaich Dhail Riada an dòchas a’ choimhearsnachd a thoirt còmhla tro chruth-tìre, ceòl, cultar agus cànan – ge bith dè an aois no an ùidh a th’ agad tha sinn an dòchas gum bi tachartas ann a thogas do mhiann, ge bith a bheil thu dìreach fiosrach sa Ghàidhlig, nad neach-ionnsachaidh dealasach no nad neach-labhairt dùthchasach. Am measg nan tachartasan bidh cuairt le neach-stiùir tro mheadhan na Gàidhlig, bookbug Gàidhlig, bùth-obrach ciùil is sgeulachdan a’ tighinn gu crìch le cèilidh glòrmhor ann am bàgh fiadhaich Earra-Ghàidheal. Bidh e math ur faicinn!

//

World Gaelic Week Mid Argyll Events! Companaich Dhail Riada hope to bring the community together through landscape, music, culture and language – whatever your age or interests we hope there will be an event to whet your appetite, whether you are just Gaelic-curious, a committed learner or a native speaker. Events include a led walk through the medium of Gaelic, Gaelic bookbug, a music and storytelling workshop culminating in a glorious ceilidh in a wild Argyll bay.  Bidh e math ur faicinn!

 

Cardross Primary – Cafe Cardross 

Aig Bun-Sgoil Càrdanros bidh sinn a’ comharrachadh Seachdain na Gàidhlig le a bhith cuir air bhonn cafaidh Ghàidhlig airson an sgoil gu leir. Tron t-seachdain bidh gach clas ag ullachadh airson a’ chafaidh.Airson seo a dhèanamh bidh iad a’ dèanamh biadh airson a’ chafaidh, ag eadar-theangachadh reasabaidhean ann an Gàidhlig, a’ deanamh phostairean le abairtean fheumail airson a’ chafaidh and a bhith a’ cleachdadh cànan/pabairtean fheumail as urrainn dhaibh ionnsachadh agus a theagasg dha daoine eile a chleachdas iad aig a’ chafaidh. Bidh fiathachadh air pàrantan agus aig a’ choimhearsnachd tighinn chun a’ chafaidh gus an toir a’ chlann seachad rudan blasta dhaibh.

//

At Cardross Primary we will be celebrating Seachdain na Gaidhlig by hosting a whole school Gaelic café. Throughout the week each class will be preparing for the café. Such preparations will include making food to serve at their café, translating their recipes into Gaelic, creating posters with helpful phrases for the café and learning useful café language/phrases that they can use and teach others to use at the café. Parents and the community will be invited in to our café and the children will serve their delicious treats to them in Gaelic.

 

CnaG Ìle – Dùthchas Ìle

Ann an Ionad Nàdar Ìle, bu toil leinn cultar is dùthchas inntinneach is sgoinneil nan eilean a shealltainn is a mholadh. Èistidh sinn ri pailteas sgeulachdan is òrain ‘air chall’, a’ gabhail a-steach coimhearsnachd Ìle is Dhiùra gu lèir thar nan ginealach gu lèir. Bheirear sgeulachdan mìorbhaileach, eòlas làidir air eachdraidh is dùthchas nan eilean, agus àrainneachd loma làn toileachas! A bharrachd air sin, gabhar copan is còmhradh às a dhèidh. Cuiridh sinn fàilte air a h-uile duine!

//

An afternoon of stories, songs and Gaelic in the Islay Nature Centre, celebrating Islay’s fascinating cultural heritage. Drawing on ‘lost’ tales and songs we will be joined by members of Islay’s Gaelic community from all the generations sharing their enthusiasm and knowledge. Followed by tea and chat , everyone warmly welcomed!

 

Àrd-sgoil Ìle – Do chànan, do chothrom ann an Ìle

Bu toil le Àrd-sgoil Ìle tachartas mòr sgoile a dhèanamh a chuireas fàilte air ar coimhearsnachd. Bidh còmhradh Gàidhlig a bhrosnachadh fhad ’s a tha còmhlan-ciùil traidiseanta na sgoile a’ cluich.   Bidh co-fharpais ealain againn – cleachdaidh sinn na dealbhan seo ann an taisbeanadh agus nì sinn bùithtean-obrach far am bi daoine a’ dèanamh prìneachan le Gàidhlig sgrìobhte orra. Chì a’ choimhearsnachd buaidh na Gàidhlig anns na cuspairean eile cuideachd, m.e. ealain Ceilteach, ainmean àite airson cruinn-eòlas. A bharrachd air sin bidh sinn a’ sealltain ar cànan, cùltar agus cothroman ann an Gàidhlig agus a’ coimhead air na fiomlaichean a rinn sinn airson Film G.

//

Islay High School will hold an open afternoon to welcome our community. Gaelic conversation will be encouraged while listening to our school’s traditional music band. We will be running an art competition, which will be used as an exhibition and hold Gaelic badge making workshops. The community will also see how other subjects link to Gaelic, such as Celtic Art and placenames. In addition we will put up a display related to language, culture and opportunities and show our school’s Film G entries.

Camden, Lunnainn // Camden, London

 

Ceilidh Club Ltd  – Ceilidh Club Live – Gaelic Week Special

Tha Màrtainn agus Màiri air a bhith ag obair gu dlùth còmhla, fad dà bhliadhna, air pròiseact òran, ciùil is sgeulachd mu na Fianna a thèid fhaicinn aig Celtic Connections 2024.

Tuigidh iad ealain is comasan a chèile is tha buiintealas Uibhist a Deas is a dualchas prìseil dhan dithis aca.

Eadar òrain, bàrdachd is sgeòil bheir iad cuirm thlachdmhor dhan èisteachd a bhios freumhaichte san dualchas ach a tha beò, innleachdach is co-aimisireil. Abair cothrom dhan chànain!

//

Martin and Mary have been working closely together for two years on a song, music and story project about the Fianna, which will be seen at Celtic Connections 2024.

Their shared South Uist heritage is precious to both of them, and they bring this understanding for a night of songs and stories rooted in tradition but alive, creative and contemporary. What an opportunity for the language!

 

Comhairle Cathair Dhùn Dè // Dundee

 

Boraraig Consultancy – Your Dundee Your Language Your Opportunity

Tha “Do Dhùn Dè, Do Chànan, Do Chothrom” na chothrom air leth airson muinntir Dhùn Dè a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ lorg na Gàidhlig mun cuairt orra. Thèid Gàidhlig a cleachdadh gach là anns a’ bhaile ach dìreach anns na h-ainmean air na àiteachan agus sràidean mar a tha sgeulachd nan Gàidheal air a bhith falaichte cuideachd. Bidh co-roinntich a’ faighinn a-mach mun eachdraidh Ghàidhlig aca agus gheibh iad cothrom a bhith ga h-ionnsachadh cuideachd.

//

Your Dundee, Your Language Your Opportunity is an amazing opportunity for the people of Dundee to be leaning Gaelic and discovering the Gaelic all around them.Gaelic is used every day in the city but only in the place names and street names like the story of the Gaels in Dundee has also been lost.Participants will find out about their Gaelic history and will get an opportunity to be learning the language too.

 

Comhairle Baile Dhùn Èideann // City of Edinburgh

 

Comunn na Gàidhlig – Gaelic Football Fun Day

Bidh Comunn na Gàidhlig a’ cumail tachartas spòrsail ball-coise airson òigridh le Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Thèid na seiseanan a lìbhreagadh le sgoilearan Gàidhlig bho Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig, do sgoilearan aig aois bun-sgoile. Thar na mìosan a dh’fhalbh, tha buidhean de sgoilearan aig Bun Sgoil Taobh na Pàirce air a bhith ag obair air na sgilean aca gach seachdain aig àm lòin le CnaG agus abair gu bheil iad air bhioran airson a’ chothrom shònraicte seo. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri latha spòrsail agus òigridh Dhùn Èideann a toirt ri chèile airson Seachdain na Gàidhlig a comharrachadh.

//

Comunn na Gàidhlig are delighted to be running a Football Fun Day for Gaelic pupils in Edinburgh. We will have some fantastic coaches including senior pupils from James Gillespies High School who will be leading the sessions for pupils from Taobh na Pàirce Primary School, who have been working on their skills through weekly lunchtime practices with CnaG over the past few months. We are looking forward to a fun filled day and seeing pupils from both schools come together having a blast celebrating Gaelic Week.


Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann / Capital Gàidhlig – POP UP IONAD

Thig is cèilidh air “Ionad Gàidhlig” fad fheasgar! Gnìomhan do gach aois, agus do luchd-ionnsachaidh is fileantaich, air a ruith le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Capital Gaelic, agus buidhnean Gàidhlig eile à Dùn Èideann. Bidh cafaidh ann cuideachd agus fiosrachadh ri fhaighinn air gnìomhan Gàidhlig eile ann an Dùn Èideann. Prògram air fad le buidhnean a bhios ann: www.ionaddhuneideann.org.

//

Come and experience a ‘Gaelic Hub’ for an afternoon! Activities for all ages, and for learners and fluent speakers, run by Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Capital Gaelic, and by other Edinburgh Gaelic organisations. There will also be a café, and information on Gaelic activities in Edinburgh. Full programme and organisations involved: www.ionaddhuneideann.org.


Bun-sgoil Taobh na Pàirce – Seachdain na Gàidhlig aig TnP 

Tha diofar ghnìomhan/tachartasan aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce tron t-seachdain. Gheibh sgoilearan blasad de iomain, dannsa Gàidhealach, seinn agus dràma uile sa Ghàidhlig. Gheibh sgoilearan san sgoil-araich seiseanan leugh le Linda. Bidh madainn fhosgailte againn airson pàrantan far am bi sinn ag amas air abairtean agus beagan Gàidhlig a theagasg. Sa sgoil bidh Cafaidh Ghàidhlig againn air Dihaoine, gus am faigh na sgoilearan cothrom a’ cabadaich le luchd-labhairt na Gàidhlig.

//

Our project involves several activities/ events that are taking place during Seachdain na Gàidhlig. On offer to pupils are drama, shinty, highland dancing and singing taster sessions. Sgoil-araich pupils will also have a Leugh le Linda session. Parents can particiapte in SnG by coming to our open morning where we aim to teach them Gaelic. We will hold a Gaelic Cafe on Friday morning, to encourage Gaelic speakers within Edinburgh to come in and chat to pupils in Gaelic. Our project aims to strengthen and broaden the network of people children engage with in Gaelic and raise the profile of Gaelic within our local community.

 

Cròileagan Dhùn Èideann – Car a’ Mhuiltein – Cròileagan Air Chuairt

Thigibh còmhla ri Cròileagan Dhùn Èideann, buidheann Ghàidhlig dha pàrantan agus pàistean, air turas bàta sios Canàl an Aonaidh bho Chidhe Dhun Èideann gu Pàirc MacEanraig airson sealg-nàdair, òrain agus ùine airson cluich anns a’ phàirc.

//

Join Cròileagan Dhùn Èideann, Gaelic Parent & Toddler Group for a boat trip along the Union Canal from Edinburgh Quay to Harrison Park, scavenger hunt, songs and time to play in the park.

 

An Comunn Gàidhealach (Meur Dùn Èideann) – An Comunn Gàidhealach Family Cèilidh


Tha Cèilidh Teaghlaich a’ Chomuinn Ghàidhealaich dha gach aois agus tha e aig àm freagarrach ’son teaghlaichean le clann nas òige. Bidh daoine òga le Gàidhlig a’ cluich ’sa chòmhlan-chèilidh, agus bidh sinn cuideachd toirt cothrom dhuibh fhèin pàirt a ghabhail!

Mar phàirt den chèilidh againn bidh sinn a’ teagasg òran Ghàidhlig no dhà, agus a’ brosnachadh com-pàirt ann am Mòd Ionadail Dhùn Èideann (a thathar an dùil a chumail sa Chèitean 2024).

//

The An Comunn Gàidhealach SnaG Family Cèilidh is open to all members of the Gaelic community in Edinburgh, and is timed to be suitable for families with younger children. Gaelic speaking young people will be involved in the cèilidh band, and we will also encourage performances from attendees!
As part of our cèilidh we will teach a couple of well-known Gaelic songs, and promote participation in the Edinburgh Local Mòd (planned to take place in May 2024).

Comhairle nan Eilean Siar

 

Taigh Dhonnchaidh – Oidhche le Major is Òrain Nis

Thigibh còmhla rinn fhad ’s a bhios sinn a’ cuimhneachadh air Donnchadh ‘Major’ Moireasdan, an sàr-oide ciùil a dh’fhàg a dhìleab gus an cumadh òigridh Nis a’ dol e. Cluinnidh sinn cuideachd òrain bhon sgìre fhèin a chaidh a chruinneachadh an-uiridh. Bidh fàilte bhlàth roimheibh uile!

//

Come with us as we remember Duncan ‘Major’ Morison, who left Taigh Dhonnchaidh as his legacy to be continued by the youth of the Ness area. We’ll also hear some songs from the villages that were collected last summer. A warm welcome awaits you all!

 

Grimsay Community Association – Seachdain na Gàidhlig – Grimsay Community Association

SGRÌOBHADH: Cothrom tighinn cruinn còmhla ann an Ceann na h-Àirigh gus sùil a thoirt air bàrdachd, sgeulachdan agus dràma Eilean Ghriomsaigh.

FACLAN: Nach tig sibh còmhla rìnn a chòmhradh mu chuid de na faclan/abairtean annasach a tha an iomas a dhol a bith. Ma thogras sibh faodaidh sibh rudeigin a thoirt lèibh airson a shealtainn do chàch agus beagan innse mu dheidhinn.

ADHRADH: ‘S e eaglais a bh’anns an togalach aig Ceann na h-Àirigh agus tha cothrom an seo adhradh Gàidhlig a dhèanamh san togalach aon uair eile.
//
WRITING: An opportunity to gather together in Ceann na h-Àirigh to consider some of Grimsay’s poetry, short stories and drama.
WORDS: Why not join us for a chat about old words and phrases that are at risk of being lost? If you wish, please bring an object to show and tell others about.
WORSHIP: Ceann na h-Àirigh used to be a church building and this is an opportunity to join together to participate in Gaelic worship in the building once again.

Còisir Ghàidhlig Thunga – Bùth-obrach Chòisirean

Tha Còisir Ghàidhlig Thunga a’ dol a chuir bùth obrach air doigh airson nan còisirean ann an Leòdhas.  Bheir seo cothrom dha na còisirean tighinn còmhla gus ceòl agus òrain ionnsachadh.  Bidh e feumail agus cuideachail, gu h-àraidh airson na luchd ionnsachaidh ann an gach còisir. Tha sinn an dochas buill ùr fhaighinn airson na còisirean, oir bheir an latha cothrom dhaibh, ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, a bhith an sàs ann an teaghlach agus coimhearsneachd nan còisirean. Cuidichidh am bùth obrach gach còisir le bhith ag ullachadh agus a’ dèanamh deiseil airson a Mhòd Nàiseata 2024 anns an Òbain.

//

Tong Gaelic Choir is going to host a workshop for Lewis choirs.  This will provide local choirs with the opportunity to come together to learn some Gaelic music and songs. It will be a valuable event, particularly for the Gaelic Learners in each choir.  We hope the event will attract new members for the choirs, as the day will give them the opportunity to be involved in the choir family and community, in an informal setting.  The workshop will also help the choirs to prepare for the Royal National Mod 2024 in Oban.


Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Arnoil – Sgeulachdan Siarach

TACHARTAS DO SGOILEARAN – EVENT FOR SCHOOLCHILDREN

Tha am pròiseact seo ag amas air sgilean aithris sgeulachdan a leasachadh ann an clann òg (5-12) air Taobh Siar Leòdhais. Bidh a’ chlann aig Grinneabhat, Bradhagair, bho 10m -3f gach là.  Airson clann ann an FtmnaG thèid an obair a libhrigeadh tro mheadhon na Gàidhlig. Bidh seiseanan dà chànanach againn airson clann aig nach eil a’ Ghàidhlig.  Ionnsaichidh an dà bhuidheann mu ainmean àite na sgìre, sgeulachdan bhon dualchas agus thèid iad air cuairtean. Ionnsaichidh iad mar a chuimhnicheas iad air sgeulachdan agus cuideachd ionnsaichaidh iad diofar sgilean ealain agus ciùird gus na sgeulachdan aca ath-chruthachadh.

//

This project aims to promote story telling skills with children on the Westside of Lewis. The workshops will be in Grinneabhat, Bragar from 10am-3pm each day.  The project will be delivered in Gaelic for the group who are in GME. The sessions for children who are learners will be bi-lingual.  Both groups will learn place names, traditional stories and they will go on walks.   They will learn how to memorise stories and also a range of arts and crafts skills to help them represent their stories.

 

Ceòlas Uibhist – Fealla-Dhà Fad an Latha

Nach tig sibh còmhla ri sgioba Cheòlais airson latha de fealla-dhà le dràma, ceòl agus dannsa airson inbhich agus daoine òga ann an Cnoc Soilleir mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig 2024!

//

Join Ceòlas for a day of drama, music and dance for adults and young people aged 14+ as part of World Gaelic Week 2024, with an informal performance at the end of the day. Use your Gaelic and have some fun! Join one of these groups: Dannsa ann an Latha / Dance Routine in a Day, Còisir ann an Latha/ Choir in a Day, Dealbh-cluich ann an Latha/Gaelic Play in a Day or Còmhlan-Pìoba ann an Latha/Pipe Band in a Day.

All classes will be conducted fully in Gaelic, pre-booking essential via the Ceòlas website.

 

Comhairle Sgìre Dhùn Breatann an Ear // East Dunbartonshire

 

Comann nam Pàrant Meadowburn Primary School – Mo Chànan – Mo Chultar – Mo Chothrom

Thugainn dhan bhùth-obrach neo-fhoirmeil aig an neach-ciùil agus seinneadair Grace Morton. Cluinn an cànan agus na h-òrain tradiseanta a th’air an cultar a’ chumail beò. Thugainn is feuch air – tha fàilte air a h-uile ìre de chomasan Gàidhlig.

//

Join singer and musician, Grace Morton, for an informal Gaelic song workshop. Experience the spoken language and the beauty of the traditional songs which have helped keep the language alive. Come and try – all levels of Gaelic speaker are welcome.

 

Cluba Iomain Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig – Farpais nan Gàidheal

Bu mhath le Comann Camanachd Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig cuireadh a thoirt dhuibh gu  Farpais nan Gàidheal 2024, a thèid a chumail aig Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig air Diciadain 21mh den Ghearran, eadar 11m-2f. Le maoineachadh bho Bòrd na Gàidhlig agus Seachdain na Gàidhlig, thig sgiobaidhean camanachd bho àrd-sgoiltean Gàidhlig ’s clubaichean Gàidhealach air feadh na dùthcha còmhla airson pàirt a ghabhail ann an co-fharpais a thèid a ruith tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh duaisean ann airson camanachd agus cho math ’s a bhios ur sgiobaidhean air cleachdadh na Gàidhlig.

//

Bishopbriggs Academy Shinty team would like to welcome you to Farpais nan Gàidheal 2024 on Wednesday 21st February, 11am-2pm, as part of Seachdain na Gàidhlig. The event, which will run with support from Bòrd na Gàidhlig and Seachdain na Gàidhlig, will bring Gaelic speaking young people from schools and clubs together to participate in a shinty competition that will be run through the medium of Gaelic. There will be a shinty competition and a prize for the team who is heard to be using Gaelic both on and off the park.

Comhairle Sgìre Rinn Friù an Ear // East Renfrewshire

 

Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank (Thornliebank Primary School) – Gàidhlig thairis air Bun-sgoil Thornliebank

Thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann a Siorrachd Rinn Friù an Ear anns An Lùnastal 2023.  Stèidhichte ann a Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank, pàirt de Bhun-sgoil Thornliebank, tha sinn a’ gabhail an cothrom an bliadhna airson a’ togail iomhaigh na Gàidhlig thairis air Seachdain na Gàidhlig.  Bidh sgoilearan air fad tron t-seachdain ag ionnsachadh Gàidhlig, òran, iomain, sgeulachdan, a bharrachd air gnìomhan ealain agus cothroman ceòl thradiseanta a chluinntinn.  Bidh seisean ‘leughadh is seinn le cupan’ fosgailte gu poblach do theaghlaichean is clann fo aois sgoile.

//

Gaelic Medium Education began in East Renfrewshire in August 2023.  This is situated in Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank, part of Thornliebank Primary School, and we are taking the opportunity this year to raise the profile of Gaelic across the school and community during Seachdain na Gàidhlig. Pupils will all have opportunities throughout the week to learn Gaelic, songs, shinty, stories, as well as art activities and opportunities to hear traditional music. There will be a ‘Story, Song and a Cuppa’ session open to families and younger pre school age children.

Comhairle Fhìobha // Fife

 

The Scottish Fisheries Museum Trust Ltd – Herring Lass Working Songs

Thigibh còmhla rinn airson tachartas spòrsail far am bi sinn a’ toirt sùil air cho cudromach ’s a bha òrain obrach ann an coimhearsnachdan iasgaich. Feuch air òrain fhad ’s a tha sibh ag obair air èist fuadain! Faic dè na ghabhas sibh air a dhèanamh ann an aon mhionaid.

//

Join us for this fun musical event!
Pop into the Scottish Fisheries Museum and explore why working songs were an important part of life in fishing communities. Have a go at singing some songs and learn some Gaelic words while gutting our fabric fish! See how many you can gut in a minute.

Comhairle Baile Ghlaschu // Glasgow City

 

Bun Sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn – Club Geamannan/Bùth-obrach Ciùil

TACHARTAS DO SGOILEARAN – EVENT FOR SCHOOLCHILDREN

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn air leth toilichte innse gum bi neach-ciuil a’ tighinn còmhla rinn airson seachdain Ghàidhlig na h-Alba. Bidh iad a lìbhrigeadh bùthan-obrach ciùil is dràma airson sgoilearn ann a C4-7. Bidh iad cuideachd a’ bruidhinn ris a’ chloinn air fad air cuspair na bliadhna ‘s a, ‘Do Chànan, Do Chothrom’, a bharrachd air a bhith a’ seinn òran no dhà! Abair spòrs a bhios ann!

//

Govan Gaelic Primary are delighted to announce that a musician will be joining us for Gaelic week Scotland. They will be leading exciting music and drama workshops for our  C4-7 pupils. They will also be talking to all the children about this years theme ‘Your Language, Your Opportunity’, as well as performing a couple of songs! What fun indeed!

 

Còisir Alba Còisir Alba – Workshop & Sharing

Chaidh Còisir Alba a stèidheachadh gus Alba a riochdachadh aig co-fharpais Eurovision ann an Gothenburg ach chòrd e cho mòr ris a’ bhuidheann ’s gun deach oidhirp a dhèanamh cothroman a lorg gus Gàidhlig a chur air àrd-ùrlar an t-saoghail. Tro Sheachdain na Gàidhlig, bidh bùth-obrach againn le tionndadh ùr de phìos le Sìleas Nic na Ceàrdaich, an stiùiriche cliùiteach, a bhios aig a’ chòisir airson tachartasan san àm ri teachd. Seinnidh sinn seo aig taisbeanadh dhan phoball an cois òrain eile a th’ aig a’ chòisir. Bidh seo fosgailte do dhuine sam bith, agus thig crìoch air cùisean le cèilidh far am bi buill na còisir a’ seinn ’s a’ cluich ’s bidh fàilte ro dhuine sam bith san èisteachd air an àrd-ùrlar cuideachd. Dh’fhaodadh gum bi deoch an dorais ann air an t-slighe a-mach!

//

Còisir Alba was created to represent Scotland at the Eurovision Choir competition in Gothenburg but it proved such a positive experience, that we have continued to explore further opportunities to promote our Gaelic language and culture on an international stage. During Seachdain na Gàidhlig, we will workshop a brand new choral arrangement by award winning composer Sileas Sinclair for the choir to perform at future events. We will finish the workshop with a ‘work in progress’ public performance of the new commission, supported by performances of our previous material. This will be open to anyone to attend and is be free of charge. We will close the day with an informal ceilidh, and opening the floor to impromptu performances from both choir members and the public. There may even be a wee deoch an dorais on the way out!

Tha sinn an dòchas ur faicinn ann / We hope to see you there!

 

Comhairle na Gàidhealtachd // Highland

 

Cheryl Heggie School of Dance – Dannsa airson na Gàidhlig

Clas ciùil is gluasad spòrsail dha pàistean is am pàrantan, gus slàinte inntinn is sunnd a leasachadh tro a bhith a’ gluasad agus sòisealeachadh, agus iad uile a’ brosnachadh na Gàidhlig.

Thathas a’ toirt cuireadh do feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus duine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig a’ Ghàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh ann an dòigh spòrsail agus socair.

Ionnsaich abairtean agus òrain tron t-seisean agus thoir leat dhachaigh duilleag òran agus duilleag briathrachais airson a bhith ag ionnsachadh às deidh an tachartas. Bidh an seisean a’ toirt eòlas na Gàidhlig do theaghlaichean aig nach eil Gàidhlig agus a’ brosnachadh na buidhnean pàrant is pàiste, sgoiltean-àraich agus sgoiltean meadhan na Gàidhlig. Bidh daoine òg a tha fileanta sa Ghàidhlig ag obair gu saor-thoileach san t-seisean.

//

The project will provide music and movement classes for the early years, in the local community.
Gaelic speakers and those with an interest in learning Gaelic are invited to hear and use Gaelic in a fun and relaxed way.

The sessions will encourage people to come together, to improve mental health and wellbeing through physical activity and social interactions, all whilst promoting the medium of Gaelic. The intension is to provide a new place for exposure to the Gaelic language.

Fluent Gaelic speaking young people on the Highlife Highland leadership programme will be encouraged to attend. Whilst working towards their volunteer hours, they can enjoy a place (outside of school) to actively use their Gaelic in real life situations, and become role models for the next generation.

 

Fèis Rois – Gaelic Immersion Residential

Tha Fèis Rois a’ cumail tachartas bogaidh Gàidhlig do dh’ òigridh, aig An t-Seann Taigh-grùide ann an Cromba, eadar 5f, Didòmhnaich 18mh – 3f, Dimàirt 20 Gearran 2024. Tha e fosgailte do chlann àrd-sgoile ann an AS1-4 nach deach tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.’S e cothrom air leth a bhios ann do dh’òigridh airson deireadh-seachdain a chur seachad còmhla agus a bhith an sàs ann an iomadh bhùth-obrach agus tachartas – leithid ceòl, òran, dràma, dannsa, còcaireachd agus fighe – uile tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh àm sòisealta ann air an oidhche cuideachd airson a’ tighinn còmhla ann an còmhradh is a’ cluich.

//

Fèis Rois is holding a two-day Gaelic residential event for young people at The Old Brewery in Cromarty, from 5pm, Sunday 18th to 3pm, Tuesday 20th February 2024. The event is open to Gaelic Learners in S1-4 and is a great opportunity for young people to immerse themselves in Gaelic through a range of workshops, sessions and activities. The workshops will focus on participatory activities through the medium of Gaelic – such as music, song, drama, dance, cookery, knitting and storytelling – as well as communal meals and evening activities led by Gaelic speaking tutors and supervisors, including Arthur Donald, Rona Wilkie and Sophie Stephenson.

 

Strathnairn Development Company – Gaelic in Strathnairn / Gàidhlig ann an Srath Naruinn

Ged a bhàsaich an labhraiche dùthchasach mu dheireadh na Gàidhlig ann an 1984, tha àireamh brìgheil dè mhuinntir Srath Narainn ag ionnsachadh no gu tùr fileanta sa chànan agus tha an àireamh dè chloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a fàs gu mòr. Ach, tha na sgoiltean FMG ann an Inbhir Nis agus, gu ruige seo, cha robh cothroman coitcheann ann Gàidhlig a bhruidhinn sa ghleann. Leis an talla choimhearsnachd ath-nuadhaichte ann an Fàrr mar hub, bidh cafaidhean còmhraidh, seiseanan Bookbug is ciùil, agus coinneamhan dualchais is cultarail ann gus misneachd a thoirt do gach ginealach tighinn còmhla is Gàidhlig a chleachdadh.

//

Although the last native Gaelic speaker in Strathnairn died in 1984, there is a significant number of Strathnairn people who are learning or completely fluent in the language and there has been quite an exceptional uptake of Gaelic-medium education from younger Strathnairners. However, the GME schools are in Inverness and until now there have been no communal opportunities to speak Gaelic in the glen. This project will focus activities on the renovated community hall at Farr to encourage all generations to come together to use Gaelic in conversation cafés, Book Bug and musical sessions, and cultural and heritage meetings.

 

Ionad Thròndairnis – A’ peantadh creadhadaireachd

Bheil ealain no a’ peantadh a’ còrdadh riut? No bheil thu airson rudeigin ùr fheuchainn? Mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig tha Ionad Thròndairnis air feasgar de pheantadh creadhadaireachd a chur air dòigh bho 3f air 24/02/24. Bidh fàilte bhlàth ron h-uile ìre de Ghàidhlig!

//

Do you enjoy art or painting? Or are you keen to try something new? A part of Seachdain na Gàidhlig Ionad Thròndairnis have organised an afternoon of Pottery Painting from 3pm on 24/02/24. A warm welcome to every level of Gaelic!

 

Bunsgoil LochcarrainnGMU – Gàidhlig Cafe

TACHARTAS DO SGOILEARAN – EVENT FOR SCHOOLCHILDREN

Nì sgoilearan Loch Carrainn café ann an talla na coimhearsnachd  gus Gàidhlig, ceòl is cultar a chomharrachadh.

//

Pupils from Bunsgoil Lochcarrainn will set up and run a Strupag ‘pop up’ cafe in the local village hall to promote and celebrate Gaidhlig and its music and culture.

 

Bealach – Cafaidh Gàidhlig

Feasgar saorsnail eadar-ghinealach na Gàidhlig: Bùth-obrach a’ sgrùdadh òrain luaidh thraidiseanta leis an neach-teagaisg Anna Mhàrtainn, gnìomhachd spòrsail is neo-fhoirmeil a’ measgachadh dòighean-obrach aodaich traidiseanta le òrain Gàidhlig, a’ toirt cothrom a dhol an sàs anns an dualchas na Gàidhealtachd agus a bhith a’ seinn ri chèile anns a’ Ghàidhlig. Bidh an cafaidh Gàidhlig againn a tha stèidhichte air tabhartasan a’ toirt seachad lòn aotrom còmhla ri tì, cofaidh is mìlsean agus bidh e na chothrom do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre agus fileantaich tighinn còmhla. Bidh brosnachaidhean còmhraidh, geamannan agus gnìomhan rim faighinn gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh aig gach ìre tron Chafaidh.

//

A relaxed intergenerational afternoon of Gaelic: A workshop exploring traditional waulking songs with tutor Anne Martin, a fun and informal activity combining traditional cloth working techniques with Gaelic song, providing the opportunity to engage with the heritage of the Highlands and take part in using Gaelic in collective song. Our donation-based Gaelic café will serve a light lunch alongside tea and coffee and sweet treats and will be an opportunity for Gaelic learners of all levels and fluent speakers to come together. Conversation prompts, games and activities will be available to support learners of all levels during the Café.


Arrainn Shuaineirt Management Committee – Latha Gàidhlig Shuaineirt

Tha sinn an dùil latha làn de thachartasan Gàidhlig a chur air dòigh air Dihaoine 23mh den Ghearrain. Tòisichidh sinn sa mhadainn le ‘Bookbug’ Gàidhlig, leanaidh sinn oirne le Buidheann-cluiche Gàidhlig agus às dèidh sin, gheibh sibh cothrom fiù ‘s copan cofaidh no teatha òl!
(Bidh dhà no thrì rudan eile air chur air dòigh cuideachd ach chan eil iadsan buileach air an dearbhadh fhathast).

Thig an latha gu ceann le cèilidh air an fheasgar.

//

Latha Gàidhlig Shuaineirt is an entire day of Gaelic based activities on Friday 23rd February. We will start with Gaelic bookbug, followed by Gaelic playgroup, a coffee morning plus a few other activities still to be confirmed. We will then finish off the day with a ceilidh in the evening.

 

Comhairle nam Pàrant BSGI – Comhairle nam Pàrant BSGI Family Ceilidh

Cumaidh Pàrantan BSGI Cèilidh Teaghlaich ann an Inbhir Nis gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh. Mar bhuidhean de phàrantan de sgoilearan aig Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, tha sinn airson sealltainn dhan chloinn gu bheil ar cànan beò air taobh a-muigh na sgoile. Thèid a chlann a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail san tachartas, agus na sgillean Gàidhlig ac’ a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar. Tha sinn airson agus gun tig diofar ghinealachan comhla gus a’ chànan a chomharrachadh an da chuid le daoine air taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile, oir bi fàilte ron a h-uile duine aig a chèilidh.

//

Pàrantan BSGI will hold a family ceilidh in Inverness at Grebe Hall to mark Seachdain na Gàidhlig. As parents of Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis pupils, we want to show the children how vibrant the language is outwith the school environment. The young people will be encouraged to showcase their own Gaelic skills by performing on stage if they wish. We hope that this family ceilidh will mean all generations can come together to celebrate the language with those within the school and those with no connection to the school as this event is open to everyone.

 

Eden Court – Cruinn Còmhla: Oidhche Ghàidhlig

Tha Eden Court uabhasach toilichte bùth-obrach seinn co-sheirmean a thabhainn do choisir òg Inbhir Nis a tha uile ann an AS1 gu AS3. Cùm sùil a-mach airson cuirm-ciùil sònraichte “Cruinn Còmhla” leis a’ choisir a’ tighinn gu Eden Court a dh’aithghearr.

//

Eden Court are delighted to offer a harmony singing workshop to the Inverness young Gaelic choir who are all in S1 to S3. Keep your eyes peeled for a special Cruinn Còmhla concert featuring the choir coming soon to Eden Court.

 

Comunn na Gàidhlig (Loch Abar) – Latha Ionnsachaidh Teaghlach Gàidhlig / Gaelic Family Learning Day

Latha de chlasaichean Gàidhlig airson inbhich agus cur-seachadan spòrsail airson clann aig aois sgoil-àraich agus bun sgoil (geamannan, dràma, ealain). Fàilte bhlàth air teaghlaichean bho feadh Loch Abar. Com-pàirteachas eadar Comunn na Gàidhlig Loch Abar agus sgioba Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd.

//

A day of beginner and intermediate Gaelic classes for parents plus fun activities for children of sgoil-àraich and primary age, including games, drama and crafts. A warm welcome to families from throughout Lochaber. This is a collaboration between Comunn na Gàidhlig Loch Abar and Highland Council Gaelic Team.

 

Tobar an Dualchais – Dualchas Ghèarrloch

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2024, tha Tobar an Dualchais (TAD) a’ cur tachartas air dòigh ann an co-bhonn le Taigh-tasgaidh Gheàrrloch, far an cluich iad taghadh de chlàraidhean bhon sgìre a tha ri fhaotainn air an làrach-lìn aca. A bharrachd air sin, bidh TAD a’ coimhead airson cuideachadh le fiosraichean nach eil air an làraich fhathast a lorg. Tha coimhearsnachdan aig cridhe ar pròiseict agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri naidheachdan a thaobh eachdraidh agus mu dhaoine anns an sgìre a chluinntinn. Bidh tì is cofaidh ri fhaotainn.

//

As part of Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024 Tobar an Dualchais are organising an event in partnership with Gairloch Museum, where a selection of recordings from Gairloch and the surrounding area will be played. TAD will also be looking for help in tracing contributors whose recordings are not yet available online. Community is key to TAD and they will also be taking the opportunity to listen to stories relating to local history and local people. Refreshments will be available.

 

FC Sonas – Football Festival / Fèis Ball-Coise

A’ tighinn ri chèile tha FC Sonas agus Seachdain na Gàidhlig le an dà chuid Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle nan Eilean Siar air cruthachadh Fèis Ball-Coise Seachdain Na Gàidhlig a’ Ghàidhealtachd & na h-Eileanan. Bidh an tachartas seo a’ ruith ann an Inbhir Nis aig Astro Pàirce Canal air Dihaoine 23mh an Gearran bho 09:30m gu 14:00f agus fosgailte gu àrd-sgoilearan eadar S1-S3. Tha sinn an dòchas gu bheil seo ach toiseach toiseachaidh de shlighean agus iomairtean ùr airson na buannachdan dheimhinneach de gnìomhachas spòrs a chleachdadh airson buaidh a thoirt air misneachd, buntanas agus faireachdainn de choimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gum faic sinn ann sibh! 

//

#GàidhligIsOurGoal FC Sonas and Seachdain na Gàidhlig have teamed up with both the Highland Council and Western Isles Council to create the Highland & Island World Gaelic Week Football Festival. The event will take place in Inverness on Friday the 23rd of February at the Canal Park Astro from 09:30am to 14:00pm and will be open to secondary school pupils between S1 to S3. We hope that this is the beginning for the development of pathways and grassroots activities to promote the positive benefits of team based sporting activity to grow confidence, connection and a sense of community at a key age group in Gaelic language development.  We hope to see you all there!

 

Portree High School – Bùthan-obrach Òrain Ghàidhlig Ionadail

TACHARTAS DO SGOILEARAN – EVENT FOR SCHOOLCHILDREN

Tha Àrd-sgoil Phort Rìgh toilichte fàilte bhlath a chuir do Anna Mhartainn airson latha bhùthan-obrach òrain Ghàidhlig a libhrigeadh ann an Seachdain na Gàidhlig. Bidh Anna a’ cur fòcas air òrain Ghàidhlig ionadail agus na sgeulachdan aca, agus bidh i ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean de sgoilearan. Tha ùidh mhòr aig cuid de sgoilearan ann an òrain Ghàidhlig, ’s mar sin gabhaidh iad pàirt ann am bùth-obrach leotha fhèin, agus gheibh
sgoilearan eile bho na clasaichean tro mheadhan a’ Bheurla agus na Gàidhlig cothrom pàirt
a ghabhail cuideachd.

//

Portree High School are pleased to host Anna Mhartainn for a day of Gaelic song workshops on the Thursday of Seachdain na Gàidhlig. Anna will be focusing on local Gaelic songs and their stories, and will work with various groups of pupils. Some pupils have a keen interest in Gaelic song, so they will take part in a workshop on their own, and other pupils from both the English- and Gaelic-medium classes will be given an opportunity to take part, too.

 

Bun Sgoil Dhun Bheagain – Na h-òrain as fheàrr leinn

Thèid clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun Sgoil Dhùn Bheagain a-mach dhan choimhearsnachd gus agallamhan a dhèanamh le daoine ann an sgìrean Dhùn Bheagain, Ghleann Dail is Bhatairnis. Bidh cèilidh ann air an oidhche le beartas de dh’òrain Sgitheanach!

//

All children in GME at Bun Sgoil Dhùn Bheagain will go out into the community to interview Gaelic speaking people in the Dunvegan, Glendale and Waternish areas of Skye. There will then be a cèilidh at night to celebrate all the great songs of Skye!

 

Lairg & District Learning Centre – ‘Do chànan, do chothrom – Cataibh!

Thèid tachartasan a chumail ann an sgìrean sear is meadhan Chataibh tro Sheachdain na Gàidhlig. Bidh ‘Do Chànan, Do Chothrom – Cataibh!) a’ tabhann chothroman do dhaoine air feadh na sgìre pàirt a ghabhail ann a bhith ag ionnsachadh mu dhualchas bheartach Chataibh.

//

Lairg & District Learning Centre are hosting a programme of Gaelic activities across East & Central Sutherland during Seachdain na Gàidhlig.  “Do Chànan, do Chothrom – Cataibh!” (Your language, your opportunity – Sutherland!) provides opportunities for Gaelic speakers of all abilities and those with no previous Gaelic experience to celebrate the area’s rich Gaelic heritage throughout the week in Brora, Lairg, Golspie and other locations.

 

Sgoil a’ Phluic 3-18 – Seachdain na Gàidhlig aig Sgoil a’ Phluic

Bidh Sgoil a’ Phluic 3-18 a’ dèanamh Madainn Cofaidh ’s Còmhradh air Diardaoin 22 dhen Ghearran. Faodaidh duine ionadail ’s an càirdean a thighinn gus Gàidhlig a bruidhinn.

Air Dihaoine 23 dhen Gearran, bidh sinne a’ dèanamh iomadh tachartas airson S1/2/3: Sireadh-ionmhais; Bingo, Farpais-ceist, Iomain; Ceòl ’s Orain; a’ coiseachd ann an Nàdar; Ainmean-àite Loch Aillse; bùthan-obrach air an sìde agus Dannsa Cèilidh. Tha sinn air bhioran airson Murdo Camshron agus Calum MacColla a thighinn airson bùthan-obrach a dhèanamh air ceòl agus an t-sìde.

//

Plockton 3-18 campus will be holding a Community Coffee Morning on Thursday 22nd February, inviting members of the local community and friends of the school to engage in using Gàidhlig in an informal manner.
On Friday 23rd Feb we will host a number of activities for S1/2/3 and any seniors who wish to take part. This will include a treasure Hunt, Bingo, Quiz, Shinty, Music and Song, Nature Walk, Place Names of Lochalsh, Weather Workshop and Ceilidh Dancing. We are delighted to bring in the expertise of Murdo Cameron and Calum MacColl.

 

Sutherland Sessions – Sutherland Sessions Gaelic Night

Thèid cèilidh a chumail air 24 Gearran ann an Drochaid a’ Bhanna le dithis shàr neach-ciùil Ghàidhlig – Brian Ó hEadhra is Fionnag NicChoinnich. Stèidhichte ann an Inbhir Nis, bidh iad a’ seinn òrain Gàidhlig, Albannach is Èireannach  agus bidh iad a’ sgrìobhadh stuthan ùra, a’ toirt sùil air a’ cheangal le ceòl is cultar chinn a tuath a’ Chuain Shiar.

//

The event will take place in Bonar Bridge on Saturday 24th February featuring two of Scotland’s finest Gaelic artists, Brian Ó hEadhra and Fionnag NicChoinnich. The Inverness based duo perform songs from the Gaelic, Scots and Irish traditions as well as newly composed material drawing inspiration from music and cultures primarily from the North Atlantic fringe.

Comhairle Mhoireibh // Moray

 

Moray Council – Seachdain na Gàidhlig 

Tha sreath air leth inntinneach de thachartasan againn gus daoine a thàladh: Iain Mac an Tàilleir air Leabhraichean Ainme an t-Suirbhidh Òrdanais; Jake King air ainmean-àite uisge-bheatha; agus lìbhrigidh Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach clas Gàidhlig air-loidhne do dh’fhìor luchd-tòiseachaidh. Bidh gach seisean an-asgaidh – coilean amasan na Bliadhn’ Ùire agus thig is ionnsaich no cleachd Gàidhlig ann am Moireibh!

//

We have an exciting line-up of people and topics to encourage participation: Iain Mac an Tailleir on the Ordnance Survey name books; Jake King on whisky place-names; and meeting Alex Valtos Macdonald who will tutor a complete beginners Gaelic class online. All sessions for the week are free so fulfil your New Year’s Resolution and use or learn Gaelic in Moray!

Comhairle Àir a Tuath // North Ayrshire

 

Fèis Arainn – Mac an Deòir ann an Arainn/ Dewar’s Arran

Thèid sgeulachdan a chaidh a chruinneachadh le Iain Mac an Deòir ann an Arainn aig meadhan na 19mh linn a thoirt beò aig an aon àm sa shoillsichear an co-theacsa eachdraidheil is sòisealta aca. Cluinnear iomradh air iomadh sgeulachd iongantach mu chreach, buidseachd, saobh-chràbhadh, aimhreit, is mealladh. Thèid an òraid a thoirt seachad le Ken Wardrop a tha ag obair do Phròiseact Mhic an Deòir a tha ag amas air an stuth a chaidh a chruinneachadh air feadh taobh a deas na Gàidhealtachd le Mac an Deòir fhoillseachadh.

Thèid ceòl a chluich aig an tachartas le luchd ciùil òg à Fèis Arainn.

//

Hear the stories collected by John Dewar in Arran in the middle of the 19th century brought to life and their historical and social context revealed. The event will give a taster of the collection’s fascinating tales of plunder, witchcraft, deception, and conflict. Our speaker Ken Wardrop works for the Dewar Project which aims to publish the material collected by Dewar across the Argyll and the Southern Gàidhealtachd.

There will be music from young musicians of Fèis Arainn.

 

Comhairle Sgìre Lannraig a Tuath // North Lanarkshire

 

Cumbernauld Gaelic Choir – Cèilidh Song School

Bidh Coisir Ghàidhlig Chomar nan Allt a’ cumail tachartas sònraichte – ‘Sgoil òran Ceilidh’ mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Air an oidhche sin, cluinnidh sibh cuideachd bho sàr-sheinneidear Gàidhlig Seumas Ghreumach agus cluicheadair bogsa-ciùil air leth, Tearlach Cill Phàdraig.  Airson mòran Albannach, tha am facal ‘cèilidh’ a’ ciallachadh dannsan a dh’ ionnsaich sibh san sgoil aig àm na Nollaige, ach chan e sin a th’ ann idir. ’S e oidhche làn de cheòl, seinn agus deagh chompanaidh a th ‘ ann an cèilidh traidiseanta Gàidhlig.  ’S e cothrom air leth a tha seo do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa chultar ‘sèistean òrain-cèilidh clasaigeach’ ionnsachadh agus seinn còmhla ann an suidheachadh socair is càirdeil.  A bharrachd air sin, ’s e cothrom mìorbhaileach a th’ ann cuideachd Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt a chluinntinn.

//

Cumbernauld Gaelic Choir will be joined by top Gaelic singer, James Graham, and superb accordionist Charlie Kirkpatrick for a ‘Ceilidh Song School’ where you can learn the choruses to some ‘ceilidh classics’. While for many Scots, the word ‘ceilidh’ means dances you learned at school every Christmas, a traditional Gaelic ceilidh is a night of music, singing and good company. This is a perfect opportunity for Gaelic learners and anyone interested in the Gaelic to learn some popular Gaelic songs and sing along in a relaxed, friendly atmosphere. It’s also a great chance to hear Cumbernauld Gaelic Choir.

 

Sgoil Àraich Tollbrae – Sgoil Àraich Past and Present Cèilidh Choimhearsnachd

Cèilidh coimhearsnachd a bheir teaghlachan a bha agus a tha a’ frithealach Sgoil-Àraich Tollbrae còmhla. Bidh còmhlan trad Greenfaulds is Step Wee Cèilidh an làthair gus casan dhaoine a chur a dhol. Tha sinn an dòchas Gàidhlig a bhrosnachadh is teaghlachan a thoirt còmhla ann an tachartas neo-fhoirmeil taobh a-muigh na sgoile.

//

A community cèilidh that aims to bring together our families past and present who have attended Sgoil- Àraich Tollbrae. There will be entertainment from Greenfaulds’ Trad band and ‘Step Wee Cèilidh’. We hope to bring our families together through a traditional Cèilidh event, where we can promote Gàidhlig out with the school environment and celebrate our Gàidhlig learning journey together.

Comhairle Pheairt is Cheann Rois // Perth and Kinross

 

Kinfauns Step Dancers – Puirt in Perthshire

Bidh Dannsairean Ceum Kinfauns a’ cumail bùth-obrach gus an ceangal a sgrùdadh eadar ceòl-beul Gàidhlig (puirt-a-beul) agus dannsa-ceum. Stiùiridh Maighread Challan, a fhuair Bonn Òr a’ Chomuinn aig a’ Mhòd, puirt à beul, agus stiùiridh buill de Dannsairean Ceum Kinfauns an dannsa ceum. Chan eil feum sam bith agaibh air eòlas na Gàidhlig, seinn no dannsa.

//

Kinfauns Step Dancers will be hosting a workshop to explore the connection between Gaelic mouth music (puirt-a-beul) and step dancing.
Mod Gold Medalist Margaret Callan will be leading the Gaelic singing and the dancing will be facilitated by members of Kinfauns Step Dancers.

 

Comhairle Sgìre Rinn Friù // Renfrewshire

 

ClannGàidhlig – Bardic Supper, Paisley

Nì Mairead NicNeacail òraid air Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, a sgrìobh tòrr òrain agus bàrdachd a’ brosnachadh a’ Ghàidhlig, Cànan nan Gàidheil is eile. Bha Mairead na deagh charaid dha a sgaoil fios mu a chuid obrach. Bidh dìnnear ann dhan fheadhainn a bhios an làthair ron òraid.

//

Margaret Nicolson will give a talk about Murchadh MacPhàrlain “Bàrd Mhealaboist” who wrote many poems and songs  for the Gaelic cause, most notably Cànan nan Gàidheal.  Margaret became a great friend of the bàrd and helped bring his work to a wider audience. Attendees will share a meal before the presentation.


Community Circus Paisley / Siorcas Coimhearsneachd Phàislig – Thigibh dhan Siorcas: Oidhche Sgraids agus Cèilidh

Thigibh dhan siorcas airson Seachdain na Gàidhlig! Air Disathairne 24mh dhen Ghearran, bidh buth-obrach siorcais Ghàidhlig saor an-asgaidh, taisbeanadh siorcais bho na h-oileanaich againn agus an uairsin dannsa cèilidh le taic bho Fèis Phàislig aig Siorcas Coimhearsneachd Phàislig.

//

Head to the circus for World Gaelic Week! On Saturday 24th Feb we’ll have a free Gaelic circus workshop, a circus showcase from our adult students, followed by a ceilidh dance with Fèis Phàislig at Paisley Community Circus.

 

Rosneath Primary School – Gaelic Circus Opportunity

TACHARTAS DO SGOILEARAN – EVENT FOR SCHOOLCHILDREN

Bùth-obrach aig Siorcas Coimhearsnachd Phàislig a’ toirt cothrom do sgoilearan P6/7 à Bun-sgoil Roisneath a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig an-dràsta am fileantachd a chleachdadh agus a leasachadh ann an suidheachadh spòrsail is ùr-nodha fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh sgilean siorcais tro mheadhan na Gàidhlig.

//

A workshop at Community Circus Paisley giving P6/7 pupils from Rosneath Primary School who are currently learning Gaelic the opportunity to actively use and develop their fluency in a fun and novel setting while learning circus skills through the medium of Gaelic.

 

Comhairle Sgìre Lannraig a Deas // South Lanarkshire

 

Mount Cameron Primary School, East Kilbride – Seachdain na Gàidhlig in East Kilbride – Guest Visitors, Tutors & Cèilidhs

Tron t-seachdain, tha sinn an dùil tòrr diofar cothroman a bhith aig diofar dhaoine, de diofar aoisean Gàidhlig a bhruidhinn is a chleachdadh ann an iomadh diofar dòigh. Tha tòrr againn a’ dol ‘s a Bhun-sgoil agus san Àrd-sgoil airson clann aig a bheil agus aig nach eil Gàidhlig san taigh. Cuideachd, tha cothroman againn às dèidh na sgoile gus Gàidhlig a neartachadh tro rudan mar ealain, ceòl, seinn is spòrs – camanachd. Aig deireadh na seachdain, tha tachartas mòr gu bhith againn nuair a tha Cèilidh mòr againn airson duine sam bith a tha deònach thighinn ann far am bi còmhlan-ciùil againn agus taisbeanaidhean bho diofar dhaoine.

//

Throughout the week, we have planned lots of different activities and opportunities for Gaelic to be used and spoken in different ways and for different purposes. We have lots happening at both our Gaelic Primary and Secondary school, for both children who do and do not have Gaelic at home. We are also running lots of things for families to engage with and our opportunities for Gaelic will vary across contexts including music, art and sport. At the end of the week, we are working with Calderglen to run a big Cèilidh dance for everybody and anybody who has an interest which will be run between 19:00-21:00 on the Friday evening at Calderglen High School. We will have a live Cèilidh band, as well as performances from a variety of people.

 

Comhairle Shruighlea // Stirling

 

Stirling Council Learning and Employability Team – Latha Coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Sruighlea – Gaelic Community Day in Stirling

’S è comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Srath Fhoirthe a th’ ann. Faigh a-mach dè tha tachairt sa Ghàidhlig agus faigh tlachd bho bhùth-obrach ann an seinn, ceòl traidiseanta, seanchas agus mòran a bharrachd. Bidh taisbeanaidhean ann cuideachd le Còisir Ghàidhlig Shruighlea, Fèis Fhoirt agus sgeulaiche ionadail. Bidh biadhadh ri fhaighinn fad an latha. Cuiridh sinn crìoch air an latha le cèilidh teaghlaich. Tha an latha saor an-asgaidh agus fosgailte dha na h-uile. Chan eil feum air eòlas ro-làimh air a’ Ghàidhlig.

//

A celebration of Gaelic language and culture in the Forth Valley area. Find out what is happening in Gaelic in the area and enjoy workshop in singing, traditional music, storytelling and much more. There will also be a number of performances by Stirling Gaelic Choir, Fèis Fhoirt and many more. Refreshments will be available all day. We will end the day with a family ceilidh. The day is free and open to all. No prior knowledge of Gaelic required.

 

Comhairle Lodainn an Iar // West Lothian

 

Janet Grigor – Seinn Gàidhlig! Sing Gaelic!

Gabh an cothrom òrain ionnsachadh ann an suidheachadh taiceil agus neo-fhoirmeil. Seinnidh sinn measgachadh de dh’òrain a’ gabhail a-steach òrain obrach ruitheamach, òrain chèilidh shunndach, puirt-a-beul beothail agus tàlaidhean socair.

//

Fancy learning a little about Gaelic song and joining in some communal singing?  Come along to these fun-packed workshops in Livingston during World Gaelic Week!  No Gaelic or singing experience necessary!

 

Air-loidhne // Online

 

Linda Nicleòid – Dè Chanas Sibhse?

Aig 7f gach oidhche bho Dhiluain gu Dihaoine thar Seachdain na Gàidhlig, sgaoilidh mise bhidiothan a tha mi fhèin air a rannsachadh is a chlàradh mu dhiofar fhaclan, abairtean, ghnàthsan-cainnte, chleachdaidhean is m.s.a.a mun t-sìde. Bidh na bhidiothan seo gu sònraichte a’ taisbeanadh an dualchainnt agam fhìn an Uibhist a Tuath, ach aig deireadh gach bhidio bidh mi a’ crìochnachadh le bhith a’ faighneachd ‘Dè chanas sibhse?’ Tha mi an dòchas gum brosnaich seo daoine gu bhith còmhradh ri muinntir an teaghlaich aca fhèin is nàbaidhean san sgìre mu na faclan, abairtean is eile a th’ acasan san dualchainnt aca fhèin. Bidh cothrom ann teachdaireachdan fhàgail air gach post a thèid suas le na bhidiothan, airson is gun urrainnear còmhradh a thòiseachadh mu bhriathrachas na sìde. Bidh na bhidiothan rin lorg air an sianal YouTube agam: www.youtube.com/@LindaNicLeoid & air an duilleag Twitter agam @LindaNicLeoid.

//

At 7pm from Monday to Friday evening during World Gaelic Week, I will be sharing different videos I have recorded and researched about Gaelic words, phrases, proverbs, omens, beliefs etc about the weather, from my own Gaelic dialect in North Uist. I will conclude each video by asking ‘Dè chanas sibhse?’ to encourage those who watch to think about the Gaelic weather vocabulary in their own community or to ask parents/grandparents/neighbours about the topic and add to those collected in the videos. People can comment on the YouTube & social media posts and start the conversation that way. The videos will be shared on my YouTube channel www.youtube.com/@LindaNicLeoid & on my Twitter page @LindaNicLeoid.

 

 

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here