Maoin nan Tabhartas Beag – Fosgailte gu 26.11 // Small Grants Fund – open until 26.11

Tha beagan làithean agaibh fhathast tagradh a chur a-steach do Mhaoin nan Tabhartas Beag, a dhùineas aig meadhan-oidhche air Latha na Sàbaid 26 Samhain, airson tachartas a ruith air Seachdain na Gàidhlig – gheibh sibh am foirm-iarrtais an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do Mhaoin nan Tabhartas Beag agus gheibh daoine fa-leth, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile air cuir a-steach airson suas ri £500. Chaidh a’ Mhaoin a stèidheachadh airson taic a thoirt do ghnìomhachd tro Sheachdain na Gàidhlig 2024 (19-25 Gearran) agus airson tachartasan coimhearsnachd a bhios a’ dèanamh fèill air a’ Ghàidhlig a leasachadh agus a lìbhrigeadh. ’S e ‘Do Chànan. Do Chothrom’ an cuspair a th’ againn airson 2024 agus tha sinn a’ sireadh phrògraman/thachartasan far a bheil seo aig cridhe na cùise

Bu chòir do thagraichean sealltainn mar a bhrosnaicheas na tha fainear dhaibh cleachdadh na Ghàidhlig sa choimhearsnachd aca, agus mholadh sinn teachd a-steach a bharrachd agus taic saor-thoileach fhaighinn far a bheil seo comasach dhaibh Biodh tagraichean mothachail nach eil airgead gu leòr sa Mhaoin airson taic a thoirt dhan a h-uile iarrtas.

Bheir sinn sùil air iarrtasan de gach seòrsa agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air a’ Mhaoin a thoirt seachad do dh’àiteachan fad’ is farsaing. Eisimpleirean de thachartasan is ghnìomhachd a ghabhadh maoineachadh: pop-up Gàidhealtachd, cafaidhean, geamaireachd air-loidhne, pròiseactan sgoile, cèilidhean is cuirmean, agus buidhnean ealain.

Gheibhear na duilleagan stiùiridh an seo.

Gheibhear eisimpleir de bhuidsead an seo.

//

Applications for the Small Grants Fund are being accepted until midnight on Sunday 26th November for support towards events which will be run during Seachdain na Gàidhlig 2024 (19th – 25th February). Apply now here.