Measadh (Maoin nan Tabhartas Beag 2023)
Tapadh leibh airson a bhith nur pàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2023 mar chom-pàirtiche maoinichte. Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, chaidh againn air còrr is 50 neach is buidheann a mhaoineachadh mar phàirt de Mhaoin nan Tabhartas Beag, a bha againn airson a’ chiad uair am-bliadhna. Tha sinn an dòchas gun do chòrd e ribh a bhith ag ullachadh agus a’ ruith ur tachartais/pròiseict agus bu chaomh leinn taing mhòr a thoirt dhuibh airson ur n-ùine agus ur n-oidhirp tron phròiseas air fad.
Mar phàirt den mheasadh a tha againn fhìn ri dhèanamh airson Bòrd na Gàidhlig, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil fianais againn mun bhuaidh a bh’ agaibhse air an iomairt, bhiodh sinn fada nur comain nam freagradh sibh na ceistean gu h-ìseal. Tha am fiosrachadh seo air leth cudromach gus maoineachadh a bharrachd fhaighinn san àm ri teachd agus gus cothroman a thoirt do bhuidhnean anns na bliadhnaichean a tha ri thighinn.