Dè do bheachd?

Ceud taing airson pàirt a ghabhail ann an tachartas(an) air Seachdain na Gàidhlig 2023. Bha còrr is 130 dhiubh a’ dol air feadh na dùthcha (agus air feadh an t-saoghail!) agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig chaidh againn air cuid dhiubh a mhaoineachadh. Bhiodh sinn fada nur comain nan lìonadh sibh am foirm ais-mholaidh goirid gu h-ìseal airson ur beachdan a thoirt seachad air a’ phròiseact / an tachartas anns na ghabh sibh pàirt. Chan iarr sinn ur n-ainm agus tha ais-mholadh uabhasach cudromach ann a bhith a’ faighinn taic-airgid agus gus dèanamh cinnteach gum bi cothroman mar seo aig buidhnean san àm ri teachd.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here