Goireasan
Airson Gàidhlig ionnsachadh?
Cuidichidh na goireasan a leanas thu.
SpeakGaelic – an dòigh ioma-chuimseach airson ionnsachadh na Gàidhlig, air BBC ALBA is iPlayer, BBC Sounds, ann an clasaichean, air loidhne agus air iarrtas!
Learn Gaelic – goireasan ionnsachadh na Gàidhlig air loidhne an asgaidh
BBC ALBA – seanail TBh dhigiteach, ri fhaighinn san RA agus a’ craoladh prògraman Gàidhlig gach latha. Tha an clàr phrògraman a’ gabhail a-staigh naidheachdan, spòrs Albannach, ceòl agus prògraman fiosrachaidh, cloinne is dibhearsain.
BBC Radio nan Gàidheal – stèisean rèidio aig a’ BBC a tha a’ craoladh ann an Gàidhlig air feadh na h-Alba. Tha measgachadh de phrògraman air a’ chlàr aca: ceòl, naidheachdan, prògraman còmhraidh is feadhainn eile.