COTHROM OBRACH – RIOCHDAIRE RIANACHD

Thig a dh’obair còmhla ri sgioba Seachdain na Gàidhlig! Seo cothrom air leth do riochdaire rianachd làn-brosnachaidh Seachdain na Gàidhlig 2024 a stiùireadh, a cho-dhealbhadh agus a lìbhrigeadh. Bidh an tagraiche soirbheachail ag obair gu dlùth ri Joy Dunlop (stiùiriche Seachdain na Gàidhlig) is cuiridh iad gu feum raon farsaing de sgilean ceannardais, cruthachalachd, rianachd is conaltraidh airson Seachdain na Gàidhlig a chur air adhart ann an 2024.

Tuairisgeul obrach agus fios air mar a chuireas sibh tagradh thugainn: Riochdaire Rianachd – Tuairisgeul Obrach

Ceann-latha: 17 Samhain 2023

Agallamhan: Seachdain a’ tòiseachadh 20th Samhain 2023.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here