Tha Seachdain na Gàidhlig an Seo! // It’s World Gaelic Week!

Tha Seachdain na Gàidhlig an Seo! // It’s World Gaelic Week!

Beurla gu h-ìosal // English below

Cuir taic rinn

Air feadh na h-Alba, agus air feadh an t-saoghail, tha daoine air a bhith a’ dèanamh luaidh air a’ Ghàidhlig agus air cultar na Gàidhlig air Seachdain na Gàidhlig as fheàrr agus as motha a chunncas fhathast!

Tha barrachd air 150 tachartas a’ gabhail àite ann an Alba agus ann an iomadh àite eile, eadar Fionnlainn agus Buenos Aires! Fhuair barrachd air 60 de na tachartasan taic-airgid o Mhaoin nan Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. Eadar cèilidhean, consairtean, deilbh-cluich agus bùthan-obrach, tha rudeigin ann airson gach neach. Faic dè tha dol.

Tha 525 clas o bhun sgoiltean ann an 22 ùghdarras ionadail air pàirt a ghabhail anns na seiseanan sgoile beò a th’ air a bhith air loidhne gach là, le òrain, sgeulachdan, bhideothan, spòrs agus aoidhean.

“Chòrd e rinn gu mòr a bhith an sàs anns an t-seisean air loidhne an-diugh! Bha e cho inntinneach ionnsachadh mu òrain-luaidh. Bha a h-uile duine againn a’ seinn agus bha an fharpais-cheist cho spòrsail! Tapadh leibh.” (Bun Sgoil Bhaile an Fhraoich)Tha barrachd dhaoine air pàirt a ghabhail am bliadhna na th’ air a bhith againn gu ruige seo, le na ceudan an sàs ann an #LàAbairtNaGàidhlig (aodann ainmeil neo dhà nam measg!) a’ lìonadh na meadhanan sòisealta le Gàidhlig.

Chan urrainn dhuinn seo a dhèanamh às aonais taic. Ma tha Seachdain na Gàidhlig air misneachd a thoirt dhut neo do chridhe a thogail, saoil an smaoinich thu air taic-airgid a thoirt dhuinn? Tha a h-uile sgillinn a’ cuideachadh! Tha stuthan rin ceannach anns a’ bhùth againn, cuideachd.

 

 

Thèid cuairt-litir a-mach a dh’ aithghearr a’ coimhar air ais air Seachdain an Gàidhlig 2025, ach gus an uairsin, thoir sùil air na th’ air a bhith a’ tachairt, mar a’ chlann o Bhun Sgoil Chille Mhoire len cuid abairtean.

Ceud mile taing airson do thaic, gu ruige seo agus anns an t-àm ri teachd.

//

Tha Seachdain na Gàidhlig An Seo! // It’s World Gaelic Week!

Donate here

Across Scotland and around the world people are sharing their love of Gaidhlig language and culture and celebrating the biggest and best Seachdain na Gàidhlig Scotland (and the world) has ever seen!

More than 150 events are taking place this week across Scotland and beyond, from Finland to Buenos Aires! More than 60 of the events being staged this week by community groups and schools are supported with funding from Seachdain na Gàidhlig’s small grants fund, supported by Bòrd na Gàidhlig. From ceilidhs and concerts to plays and workshops, there’s something for everyone. Find out what’s on.

525 classes from Primary schools in 22 local authorities across Scotland are taking part in sharing songs, stories, videos and Gaelic language learning in our daily online sessions.

“We really enjoyed taking part in today’s online assembly! Really interesting to find out about waulking the tweed and waulking songs. We all joined in with singing and loved taking part in the quiz! Thank you.” (Muirtown Primary School)

We’ve had more engagement than ever this year, with hundreds of people joining in the fun for #SayAGaelicPhraseDay and sharing their clips on social media, including some famous faces! Check out more on our socials…

We can only make this happen with support. If you’re feeling inspired by this week’s events, please consider donating to SnG – every little really does help (donate here)! You can also have a browse of our merchandise here: Shop – Seachdain na Gaidhlig

We’ll be back in touch soon to look back at this year’s festival. In the meantime, please check out what’s been taking place, including the pupils at Kilmuir Primary School sharing their Gaelic phrases.

Our heartfelt thanks for your support, now and in the future.

Leis gach deagh dhùrachd,

Joy agus sgioba SnG x