Sùil Air Ais air Seachdain na Gàidhlig 2025 // Looking Back at Seachdain na Gàidhlig 2025
Beurla gu h-ìosal // English below
Abair gun robh Seachdain na Gàidhlig air leth againn! Ghabh barrachd air 170 tachartas àite ann 27 sgìre chomhairle air feadh na h-Alba, le còrr agus 40,000 compàrtaiche agus neach-frithealaidh. Chan ann a-mhàin ann an Alba a bha daoine a’ dèanamh luaidh air a’ Ghàidhlig, ach ann an Argentina, Astràilia, Canada, Eilean Mhanainn, Èirinn, Sasainn, Sealan Nuadh, san Fhionnlann, sa Ghearmailt agus sna Stàitean Aonaichte. Dha-rìribh, ’s e cànan agus cultar eadar-nàiseanta a th’ anns a’ Ghàidhlig.

Leabhran Gàidhlig Dhùn Dè air a chur air bhog

Bha Scotrail an sàs! An aithnich sibh na h-àitean seo timcheall air Glaschu?
Ceanglaichean Gun Chrìch – agus Gun Chrìochan
Ged a bha an luchd-compàirt air an sgapadh fad is farsaing, tha sinn air ar ceangal le as cànan agus gu digiteach. Bha #SeachdainNaGàidhlig, #CeanglaicheanGunCrìch, #LàAbairtNaGàidhlig agus #LNLTGàidhlig a’ lìonadh na meadhan sòisealta fad na seachdanach! Bha na mìltean an làthair aig tachartasan (eadar tachartasan ann an coimhearsnachd, tachartasan air loidhne agus na seiseanan sgoile), agus bha na deich mìltean de ‘sheallaidhean’ againn air na meadhanan sòisealta – a’ sreap ri 200,000 ‘sealladh’!
Inbhe na Gàidhlig

Agus dh’fhaighnich Eunice Olumide, ‘Ciamar a tha thu?’ 🙂 ‘Tha gu maath, Eunice!’

Ghabh Ailean Cuimeanach pàirt ann an Là Abairt na Gàidhlig!
Fhuair sinn cuideachadh o na ceudan gus inbhe agus cliù na Gàidhlig a thogail, agus tha sinn taingeil airson gach neach a thug taic dhuinn. Bha sinn air ar dòigh taic fhaighinn o chuid aig a bheil inbhe agus leantainn mhòr gu pearsanta airson an cuid taic agus airson Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Nam measg, bha Ailean Cuimeanach, Eunice Olumide, Dougray Scott, Jai McDowall, Michelle McManus, Chanel O’ Conor, Alistair Heather, Phil McHugh, Ceitidh NicÌomhair agus Gareth Gates. Taing mhòr dhuibh uile, agus cùmaibh oirbh leis a’ Ghàidhlig!
An t-Ionnsachadh Òg, an t-Ionnsachadh Bòidheach
Ghabh 525 clas o 173 sgoil ann an 27 ùghdarras ionadail pàirt anns na seisean sgoile làitheil còmhla ri Joy Dunlop agus caraidean mar Ionatan Angell o Cùm Alba Bòidheach agus Pàdraig MacAoidh, Makar nàiseanta na h-Alba – le timcheall air 16,700 compàirtiche air feadh na seiseanan gu lèir. A thuilleadh air an sin, bha sgoiltean air feadh na h-Alba a’ leantainn na planaichean aca fhèin airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh.

Sgoiltean beaga agus sgoiltean mòra – bha na ceudan air am beò-ghlacadh le Joy is a caraidean

Seo eisimpleir de na beachdan air seisean sgoile
Taic Dhuinn agus Taic Bhuainn
Tha sgioba Seachdain na Gàidhlig ro-thaingeil do gach neach a tha a’ cumail taic rinn. Thathas a’ dèanamh sinn ann an iomadh dhòigh, le taic airgid (gu sònraichte o Bhòrd na Gàidhlg, ach cuideachd a h-uile duine a thug airgead dhuinn agus a cheannaich stuthan on bhùth againn), taic a thaobh sanasachd, a’ sgaoileadh fiosrachaidh air na meadhanan sòisealta, na meadhan a rinn agallamhan, aithrisean neo aithisgean mun t-seachdain, agus ann an dòigh sam bith eile.
Tha sinn pròiseail gun d’ fhuair sinn air taic airgid a thoirt do bharrachd air 60 tachartasan am bliadhna tro Mhaoin nan Tabhartasan Beaga, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. A thuilleadh air an sin, tha sinn toilichte agus taingeil gun d’ fhuair sinn air taic a thoirt do dh’ iomadach neach no buidheann gus an tachartas aca a shanasachd neo beagan brosnachaidh a dhèanamh orra.
B’ e Seachdain na Gàidhlig 2025 an tè as motha agus a bu shoirbheachail fhathast – gu 2026, tha sinn an dòchas!
Tha sinn an còmhnaidh an eisimeil air taic, agus ma tha thu deònach taic airgid a thoirt dhuinn gus Seachdain na Gàidhlig 2026 a dhèanamh nas fheàrr buileach, faodaidh tu sin a dhèanamh an seo.
A’ Coimhead Air Ais agus Air Adhart
Tha an t-uabhas ri lorg mu thachartasan na seachdanach air na meadhanan sòisealta – feuch an lorg thu @sngàidhlig air Instagram, Facebook, X agus Bluesky. A thuilleadh air an sin, bidh bhidiothan a’ nochdadh air an t-seanail YouTube againn a dh’ aithghearr. Thoiribh sùil, oir chan eil fhios nach lorg thu beachdan airson na h-ath-bhliadhna!
Tha sinn air ar dòigh le mar a chaidh Seachdain na Gàidhlig 2025; cha b’ urrainn dhuinn air a dhèanamh às ar n-aonais. Tapadh leibh, agus beannachd leibh uile.
Cumaibh na cìnn-là airson na h-ath-bhliadhna! 23mh Gearran gu 1mh Màrt 2026
//
What a week we had with Seachdain na Gàidhlig 2025! With an estimated 170 events taking place in 27 local authority areas across Scotland and beyond, generating an estimated 40,000 instances of participation and attendance opportunities! Further afield, people celebrated Gaelic, in Argentina, Australia, Canada, England, Finland, Germany, Ireland, the Isle of Man, New Zealand and the United States. Gaelic language and culture are truly international!
Building Connections
Although participants were scattered across the globe, we are all connected through our language and digitally. The hashtags #SeachdainNaGàidhlig, #CeanglaicheanGunCrìch, #LàAbairtNaGàidhlig and #LNLTGàidhlig were filling social media all week! Thousands attended events (whether in-person, online or the school sessions), and we had tens of thousands of views on our social media platforms – close to 200,000 views across the week!
Gaelic Promotion
Hundreds of you helped us to promote Gaelic and to raise her profile, and we are truly grateful to each and every one of you for doing so. We were delighted to have some famous faces with huge followings add their support by highlighting Gaelic to their fans and followers. Amongst them were Alan Cumming, Eunice Olumide, Dougray Scott, Jai McDowall, Michelle McManus, Chanel O’ Conor, Alistair Heather, Phil McHugh, Katie MacIver and Gareth Gates. Huge thanks to you all, and keep speaking Gaelic!

Michelle McManus joined the fun!

Dougray Scott sharing his Gaelic phrase. Slàinte!

Jai McDowell’s phrase was ‘a’ phìob mhòr’
Starting Young
525 classes, from 173 unique schools from across 24 local authority areas took part in the daily school sessions with Joy Dunlop and friends such as Jonathan Angell from Keep Scotland Beautiful and Scotland’s Makar, Peter MacKay – delivering approximately 16,700 instances of pupil participation across the week. In addition, schools across the country delivered their own events and activities to celebrate Seachdain na Gàidhlig.

Hundreds of schools joined Joy and her friends for a daily session packed with song, learning and fun!
Supporting Us and Supporting You
The Seachdain na Gàidhlig team is immensely grateful for everyone who supports the project. You support is in many different ways, including financially (Bòrd na Gàidhlig, significantly, but also every single person who has donated or who has bought merchandise from our shop), support with promoting the week, sharing information on social media, mainstream media who carried out interviews and produced reports, and in many other ways.
We are proud to have been able to provide financial support for over 60 projects this year through our Small Grants Fund, funded by Bòrd na Gàidhlig. Beyond this, we are delighted to have provided support to many individuals and groups, whether by giving advice, promoting their event or simply by providing encouragement.
Seachdain na Gàidhlig 2025 was the biggest and most successful yet – until 2026, we hope!
We are always dependent on support, and if you are willing to provide financial support to make Seachdain na Gàidhlig 2026 even bigger, even wider and even better, you can donate here.
Looking Back and Looking Forward
You can find plenty about the events during Seachdain na Gàidhlig on our social media channels – just search for @sngàidhlig on Instagram, Facebook, X agus Bluesky. In addition, we’ll have videos appearing on our YouTube channel soon. Please have a look, and you might be inspired to plan an event for next year!
We are delighted that Seachdain na Gàidhlig 2025 has been such a success; we couldn’t have done it without your support. Tapabh leibh, agus beannachd leibh uile.
Save the dates for next year’s event! 23rd February – Sunday 1st March 2026