Subscribe To Our Newsletter
For regular updates direct to your mailbox
Seachdain na Gàidhlig
World Gaelic Week
Seachdain na Gàidhlig is facilitated by Hands Up for Trad, Scottish Charity No 035 190.
Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2026, faigh a-mach mu na meadhanan didseatach agus craoladh Gàidhlig tro na ginealaichean. Ann an cuideachd nan craoladairean Gàidhlig, Mata MacÌomhair, Cathy NicDhòmhnaill agus Calum MacIlleathain, bidh sinn a’ beachdachadh air leudachadh craoladh Gàidhlig anns na 1990an, gu cur air bhog BBC Alba, gu na ceanglaichean didseatach ann an saoghal an latha an-diugh.
Ciamar a tha na meadhanan Gàidhlig air a bhith a’ riochdachadh na coimhearsnachd Ghàidhlig, agus ciamar as urrainn dha na meadhanan cur ri bhith a’ cumail cleachdadh na Gàidhlig san àm ri teachd? Am bu chòir dhuinn fhàgail aig na craoladairean proifeiseanta fiosrachadh, dibhearsain agus foghlam a thoirt seachad anns a’ Ghàidhlig, no am feum sinn fhìn a dhol an sàs ann cuideachd?
A’ tarraing air cuspair Seachdain na Gàidhlig, ‘Cleachd i, no Caill i’, bidh luchd nam meadhanan Gàidhlig a tha a’ riochdachadh diofar ghinealaichean den roinn shìor-chaochlaideach seo a’ toirt seachad an cuid bharailean air na ceistean seo. Ciamar a ‘chleachdas’ sinn i gus nach ‘caill’ sinn i?
///
As part of Gaelic Week 2026, explore Gaelic-language digital media and broadcasting through the generations. With contributions from Gaelic media broadcasters Matthew MacIver, Cathy MacDonald and Calum Maclean, we will discuss the expansion of TV broadcasting in the 1990s, to the launch of BBC Alba, to the current world of digital connection.
How has Gaelic media represented and supported the community it serves, and how can it contribute to maintaining use of Gaelic in the future? Should we count on specialist broadcasters to inform, entertain, and educate through Gaelic, or do we also have to do it ourselves?
Drawing on the Gaelic Week theme of ‘Use it or Lose it’ Gaelic media practitioners representing different periods of this constantly evolving sector will discuss their perspectives on these issues. How should we ‘use it’ to avoid ‘losing it’?