Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Pop-up Gàidhealtachd air loidhne | Online Pop-up Gàidhealtachd

23 February @ 4:00 pm - 5:00 pm

Am bu thoigh leibh tighinn cruinn ‘son beagan do chòmhradh air loidhne? Agus spòrs? Nì sinn céilidh ged a tha astar eadarainn.

Carson nach tig sibh ann? Cha bhi ‘ga bruidhinn ach a’ Ghàidhlig.
Bidh fàilte ro ‘n a h-uile duine.
Thig ‘nar cuideachd air Zoom aig meadhan latha ADT | noon ADT; 4pm UK (https://www.timeanddate.com/worldclock/converter.html)
Join Zoom Meeting
https://us02web.zoom.us/j/89026588760?pwd=bXJhd0tJcUJHckZmYVlUYmtPSlBCZz09&fbclid=IwAR075mpZ53G1qEMcrlMZ2_wxliRhov04Uea5J5dwo2iAL3Io5L03STtgvR4
Meeting ID: 890 2658 8760
Passcode: 620430

‘S ann a bhitheas fàilte air duine sam bith aig a bheil suim ann an còmhradh Gàidhlig aig Pop-up Gàidhealtachd, ‘ga chumail gach seachdain le Baile nan Gàidheal. Tha sinn ag iarraidh air gach aon a thig gun toirear meas dha na réitean seo fhads a bhitheas sibh ‘nur neach-còmhraidh air an éibh.
Réitean a’ Cho-chruinneachaidh
Bruidhinn Gàidhlig. Dh’fhaodadh cothroman Gàidhlig a bhruidhinn a bhith car ainneamh, mar sin dheanamaid a’ chuid a b’ fheàrr dheth! Cleachdaibh na th’ agaibh – fàilte air mearachdan, fàilte air a h-uile dual-chainnt agus comas, agus facal na dhà ‘s a’ Bheurla ma bhios éiginn ann.
Aig a’ chéilidh seo, bidh gach uile duine a’ gabhail pàirt. Tha sibh air ur cuireadh gus a’ Ghàidhlig a th’ agaibh a chur gu feum, agus chumar taic ribh cho math ‘s a ‘s urrainn. Feumar camara is mic a bhith aig gach neach.

Cuiribh ri Slàint’ a’ Bhuidhinn. Thoiribh meas do ghach aon air an éibh, agus bithibh laghach ‘nur cainnt. Giùlainibh sibh fhéin ann an dòigh a fhreagarras a h-uile aois. Tha sibh uile air ur cuireadh gun cur sibh ris a’ chòmhradh, gun éist sibh, agus gun toir sinn uile cothrom bruidhinn dha chéile. Bidh e ‘na chuideachadh ma bhios sibh ‘nur tosd mura h-eil sibh a’ bruidhinn.

Ma thuiteas gu bheil neach an aghaidh na réitean seo, theagamh gun toirear ás a’ choinneimh iad.

Drop in for Gaelic conversation online. All are welcome.

Pop-up Gàidhealtachd, hosted weekly by Highland Village Museum, are open to anyone who would like to engage in Gàidhlig conversation. We ask that you respect our Gathering Agreements while participating in this group call.

Gathering Agreements
Speak Gàidhlig. Chances to share in Gàidhlig conversation can be quite rare, let’s make the most of it! Use what Gàidhlig you have – mistakes are welcome, all dialects and abilities are welcome, and a word or two of English if necessary.
This is a participatory event. We ask that everyone participates in the conversation with whatever Gàidhlig you have. You’ll need a working mic and camera on your device so everyone can see and hear you.
Participate in the Group’s Wellbeing. Respect other members on the call, and speak with kindness. Behave in a manner appropriate for all ages. We invite everyone to contribute to the conversation, listen, and give others a chance to speak. It’s helpful to have your mic on mute when you are not speaking.
Participants disregarding the Gathering Agreements may be removed from the call.

Latha agus uair tòiseachaidh:

DiHaoine gach seachdain aig meadhan latha, ach airson Seachdain na Gàidhlig, DiHaoine, 23mh an Gearran aig 12f -1f AST (4-5f GMT). Weekly on Fridays at noon, but for World Gaelic week, Friday, Feb. 23rd, 12-1pm AST (4-5pm GMT).

Organizer

Baile nan Gàidheal
Phone
9027252272
Email
highlandvillage@novascotia.ca
View Organizer Website

Organizer

Baile nan Gàidheal
Phone
9027252272
Email
highlandvillage@novascotia.ca
View Organizer Website
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here