Sùil air: Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar // Case Study: West Dunbartonshire Council

Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (Bòrd na Gàidhlig), thug roinn Gàidhlig Chomhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar cuireadh do gach sgoil is sgoil-àraich san sgìre aig a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air aon Àrd-sgoil, tighinn còmhla gus fèill a dhèanamh air a’ Ghàidhlig tro sreath de chèilidhean.

Bha dà ionad ann nach b’ urrainn pàirt a ghabhail leis gun robh sgrùdadh ga dhèanamh orra aig an àm ach tro @WDCGaelic air Twitter, chuir bun-sgoil eile fios thuca a dh’iarraidh taic le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

On a bha Seachdain nan Cànanan ann san Fhaoilleach, tha Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Naomh Eunan air tòiseachadh air Gàidhlg ionnsachadh cuideachd. Bha iad uabhasach misneachail mu dheidhinn agus bha iad cho deònach pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig. Bidh iad a-nis a’ faighinn taic seachdaineil bho Sandra Steele, a bhios ag obair aig Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar. Nuair a thòisich a’ Chomhairle air a’ phròiseact seo bha ceithir sgoiltean an sàs ann agus a-nis tha còig ann.

Thug iad Eriskay Lilt air bòrd airson a’ chèilidh mhòr aca – chuir a’ chomhairle taic ris a’ chosgais seo chuideachd. Sheinn an còmhlan sa Ghàidhlig agus bhruidhinn iad sa Ghàidhlig gus daoine a bhrosnachadh gu bhith ga cleachdadh.

Lìbhrig sgoilear a bha a’ gabhail pàirt ann an duaisean Saltire an oidhche air fad tro mheadhan na Gàidhlig. An ath latha bha agallamh aice airson ceum teagaisg a dhèanamh sa Ghàidhlig ann an Dùn Èideann fad còig bliadhna.

Bha Seachdain na Gàidhlig air leth soirbheachail ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Iar agus chòrd e ris a h-uile duine gu mòr.

//

On Seachdain na Gàidhlig, with support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), the Gaelic department of West Dunbartonshire Council invited all West Dunbartonshire Gaelic Learning Primary Schools and Early Learning Childcare Centres, as well as one Gaelic Learning Secondary, to ‘come together’ to celebrate their Gaelic learning through a series of cèilidhean.

Two GLPS Primaries/ELCCs were unable to undertake Seachdain na Gàidhlig as inspections took priority. However, through @WDCGaelic and regular tweets, one further Primary reached out to enquire about learning Gaelic.

Since January’s Languages Week Scotland, St. Eunan’s Primary School and Early Learning Childcare Centre have begun to learn Gaelic too. This was done with such enthusiasm and they were more than willing to participate in Seachdain na Gàidhlig and continue to now receive weekly input from WDC’s Gaelic sessional worker Sandra Steele. When they started this process they had four Gaelic Learning Primary Schools and now have five.

They added to the Cèilidh Mhòr experience by hiring ERISKAY LILT – West Dunbartonshire Council contributed further for this experience too. The band used Gaelic in their songs and introductions to facilitate the Gaelic language and cultural learning and teaching.

One Saltire Pupil introduced the night all through the medium of Gaelic. The following day she had an interview for the 5 year Edinburgh University Gaelic and Teaching Degree.

Seachdain na Gàidhlig in West Dunbartonshire as a whole from start to finish was celebrated with great success.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here